Tabhartasan Cùrsaichean Bogaidh do Luchd-obrach Foghlaim

Tha an sgeama Tabhartasan Cùrsaichean Bogaidh Gàidhlig do Luchd-obrach Foghlaim a-nis fosgailte do dh’iarrtasan airson 2024/25!

Chaidh an sgeama seo a steidheachadh gus taic a chumail ri Luchd-teagaisg & Luchd-obrach Tràth- ionnsachadh is Cùram-chloinne (TIC) a tha airson cùrsaichean bogaidh Gàidhlig a dhèanamh agus a bhith comasach teagasg sa Ghàidhlig. Tha suas ri £50,000 ri fhaighinn airson gach tidsear a tha soirbheachail tron sgeama, is buidseat na sgeama aig £150,000.

Ag obair ann an com-pàirteachas le Oilthighean a tha a’ toirt seachad chùrsaichean-bogaidh Gàidhlig mar-thà, tha Bòrd na Gàidhlig a’ toirt cuireadh do dh’Ùghdarrasan Ionadail tagraichean ainmeachadh a bhiodh deònach cùrsa-bogaidh Gàidhlig fad bliadhna a ghabhail os làimh, a bheireadh comas dhaibh gluasad gu Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig san Lùnastal 2025.

Faodaidh Ùghdarrasan Ionadail cosgaisean iarraidh air Bòrd na Gàidhlig gus pàigheadh airson luchd-solair an àite luchd- obrach a gheibh àite air cùrsa-bogaidh Gàidhlig. Mar phàirt de phròiseas an iarrtais, bidh aig Ùghdarrasan Ionadail ri dearbhadh a thoirt air càit am biodh tagraichean gam fastadh an dèidh dhaibh crìoch a chur air a’ chùrsa-bhogaidh san Lùnastal 2025.

Thèid seisean fiosrachaidh air loidhne a chumail air Diciadain, 07.02.24. Faodaidh tidsearan agus uchd-Obrach TIC agus luchd-obrach Ùghdarrasan Ionadail a chlàradh air Eventbrite gus barrachd ionnsachadh mun sgeama agus ceistean sam bith fhaighneachd.

Bu chòir iarrtasan taic-airgid a chur a-steach do Bhòrd na Gàidhlig cho luath ’s a ghabhas, is an sgeama a’ dùnadh air 26 Màrt 2024.

Lorgar barrachd fiosrachaidh mun sgeama an seo.