Colmcille 2022/23
Tha an sgeama seo dùinte an-dràst, le iarrtasan sa chuairt 2022/23 a’ dol tro measadh.
Gheibhear fiosrachadh air pròiseactan a fhuair taic bho 2018/19 air adhart tro GrantNav.
’S e com-pàirteachas eadar Foras na Gaeilge ann an Èirinn agus Bòrd na Gàidhlig ann an Alba a th’ ann an Colmcille. Bidh e a’ brosnachadh conaltradh agus co-obrachadh eadar coimhearsnachdan cànain na Gàidhlig agus na Gaeilge.
Ann an 2022 bid sinn a’ comharrachadh dìleab aig Bliadhna Cholmcille 1500 le tachartasan is pròiseactan sònraichte.
Tha taic-airgid ri fhaighinn gus taic a chumail ri phròiseactan a bheireas luchd-labhairt na Gàidhlig is Gaeilge còmhla, agus cuideachd airson taic a chumail ri luchd-labhairt na Gàidhlig a tha airson cùrsa Gaeilge a dhèanamh.
Gheibhear ceangal gu Stiùireadh do Thagraichean agus foirm iarrtais gu h-ìosal, le faidhlichean eadar-dhealaichte a-rèir ma tha sibh airson pròiseact a chur air dòigh no cùrsa Gaeilge a dhèanamh. Ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh post-dealain gu tabhartas@gaidhlig.scot.
Pròiseactan
Cùrsa Gaeilge
Foirm-iarrtais (Air-loidhne – Microsoft Forms)