Teachdaireachd Co-obrachaidh airson na Bliadhna Ùire bho Chathraiche Bhòrd na Gàidhlig

Tha Bliadhna Ùr agus Plana Nàiseanta ùr airson na Gàidhlig a’ cruthachadh cothrom gus builean a choileanadh tro cho-obrachadh, a rèir Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig. A’ bruidhinn agus i a’ cur fàilte air a’ Bhliadhna Ùir agus toiseach an ath Phlana Nàiseanta airson 2023–28, a chaidh fhoillseachadh aig deireadh 2023, thuirt Màiri NicAonghais:

“A’ coimhead air adhart ri àm a bhios gu math cudromach dhan Ghàidhlig, tha mi air leth toilichte gu bheil Plana Nàiseanta againn a leigeas leinn obrachadh còmhla gus adhartas a dhèanamh ann am brosnachadh agus leasachadh na Gàidhlig. Aig a chridhe, tha leudachadh a ghabhas tomhas san àireimh dhaoine a tha a’ bruidhinn, ag ionnsachadh, a’ cleachdadh agus a’ toirt taic dhan Ghàidhlig.

“Tha Bòrd na Gàidhlig a’ dol a dh’ullachadh Plana Corporra a-nis a mhìnicheas mar a choileanar na h-amasan agus targaidean anns na prìomh raointean ainmichte sa Phlana Nàiseanta. Feumar co-obrachadh gus soirbheachadh agus bheir am Plana Nàiseanta seo ùghdarrasan, buidhnean, agus coimhearsnachdan còmhla, gu dearbh, bheir e còmhla a h-uile duine aig a bheil ùidh ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gun soirbhich a’ Ghàidhlig air feadh na h-Alba, agus nas fhaide air falbh.

“Tha mi cuideachd a’ cur ìmpidh air a h-uile duine a dhol an sàs ann am pròiseas Bile nan Cànan Albannach, a bhios a’ dèanamh a shlighe tro Phàrlamaid na h-Alba am-bliadhna. Tha reachdas na bhunait chudromach airson leasachadh agus tèarainteachd a’ chànain agus feumaidh sinn an cothrom seo a ghabhail gus inbhe laghail na Gàidhlig a neartachadh.”

Faodar barrachd a leughadh mun Phlana Nàiseanta Gàidhlig an seo.

Seiseanan Trèanaidh do Luchd-pròbhaidh!

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ ruith seiseanan trèanaidh Gàidhlig do Luchd-pròbhaidh am-bliadhna!

Thèid 4 seiseanan a ruith agus thèid a’ chiad fhear a ruith air Diciadain, 06.12.23 bho 4.15f gu 5.15f air-loidhne air Microsoft Teams.

Thèid fòcus a dhèanamh air Foghlam Alba agus tha sinn toilichte gum bi Maeve MacKinnon ann airson bruidhinn ribh mu na diofar ghoireasan aca agus an taic a tha a thabhainn do thidsearan.

Bidh fàilte bhlàth air luchd-pròbhaidh tighinn ann airson èisteachd is bruidhinn rithe agus ’s e deagh chothrom a th’ ann dhaibh ceanglaichean a dhèanamh le tidsearan ùra eile air feadh na h-Alba.

Ma tha sibh airson tighinn chun t-seisean, faodar àite a ghlèidheadh air Eventbrite. Na caill an cothrom – chan eil ach 25 tiocaidean ri fhaighinn!

Cha deach na cinn-là airson na trì seiseanan eile aontachadh fhathast, ach bidh fòcas agus cothroman ionnsachaidh eadar-dhealaichte aig gach fear:

  • Goireasan Gàidhlig Eile
  • Foghlam Bogaidh
  • Cothrom Coinneachadh ri Bhuidhnean Gàidhlig a tha a’ Cumail Taic ri Sgoiltean agus Foghlam

Ma tha barrachd fiosrachaidh a dhìth oirbh, faodar fios a chur gu Sian Baldwin, Oifigear Leasachaidh (Tidsearan), aig sian@gaidhlig.scot.

Màiri Nicaonghais a Chur an Dreuchd A-rithist Mar Chathraiche

An-dè dhearbh Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean, a’ Bh-ch. NicGilleRuaidh, gun deigheadh Màiri NicAonghais a chur an dreuchd a-rithist mar Chathraiche Bhòrd na Gàidhlig.

Cathraiche

Thar nam bliadhnaichean tha iomadach dreuchd ceannardais air a bhith aig Màiri NicAonghais sa choimhearsnachd ionadail aice ceangailte ri cànan is cultar na Gàidhlig, foghlam is leasachadh coimhearsnachd, is a’ gabhail a-steach tràth-bhliadhnaichean, bun-sgoil is ionnsachadh inbhich. Bha Màiri, a tha roimhe air a bhith na ceannard-sgoile aig Sgoil an Iochdair, cuideachd na ball de Bhuidhinn nan Eilean Siar airson a’ Mhodh-obrach 1+2 a thaobh ionnsachadh cànain. ’S e Màiri cathraiche Chnoc Soilleir Earr. is aon de bhun-bhuill bùird Cheòlas Uibhist – a’ bhuidheann ealaine fìor chliùiteach Ghàidhlig. Tha i cuideachd air suidhe air bùird grunn bhuidhnean nàiseanta, leithid Comhairle Ealain na h-Alba is Comataidh Craolaidh Gàidhlig. Tha Màiri a’ fuireach ann an Uibhist a Deas.

Tha Mairi air a bhith na Cathraiche Bòrd na Gàidhlig bho 16 Màrt 2020.

A’ cur an dreuchd a-rithist

Mairidh an dreuchd seo dà bhliadhna is leanaidh e bho 16 Màrt 2024 gu 15 Màrt 2026.

Tha an dreuchd seo air a riaghladh le Coimiseanair nan Inbhean Beusach.

4 Buill Ùra Ainmichte gu Bòrd na Gàidhlig

An-diugh chaidh a chur an cèill le Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean, a’ Bh-uas NicGilleRuaidh, gun deach Raibeart Dunbar, Iain Dòmhnallach, Michelle NicLeòid agus Dòmhnall Mac a’ Phì a shuidheachadh mar Bhuill de Bhòrd na Gàidhlig.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha sinn air leth toilichte fàilte bhlàth a chur air na buill ùra aig Bòrd na Gàidhlig. Bidh an ceathrar bhall ùra a’ toirt dhuinn a leithid de bheairteas eòlais thar raon farsaing de chuspairean agus bidh seo nas cudromaiche agus nas buannachdail dhuinn na bha e a-riamh, fhad ‘s a bhios Bòrd na Gàidhlig a’ coimhead air adhart ri Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig ùr agus ri toirt a-steach Bile Chànanan na h-Alba.”

Buill

Tha Raibeart Dunbar air a bhith na Ollamh Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann bhon Ògmhìos 2013. ’S e aon de phrìomh eòlaichean na cruinne air lagh is poileasaidh shluaghan mion-chànain. Tha e na eòlaiche air Comhairle na h-Eòrpa a thaobh chùisean mion-chànain agus, bhon Ghearran 2023, tha e air a bhith na bhall de Chomataidh Eòlaichean na Cairte Eòrpaich son Cànain Sgìreil is Mion-chànain, cùmhnant le Comhairle na h-Eòrpa. Cuideachd tha e air obrachadh còmhla ri Coimisean Venicena Comhairle Eòrpaich a thaobh lagh cànain is poileasaidh cànain. Gu tric tha e air stiùireadh a thoirt do riaghaltasan, buidhnean poileasaidh cànain is NGOan mu reachdas mhion-chànain. Am measg iad seo tha Acadaimidh na Cuimrigh a thaobh Ceum na Cuimris (A’ Chuimrigh) 2011. Choisinn Raibeart PhD bho Oilthigh Dhùn Èideann mu bheatha is dàin shaoghalta Iain MhicIlleathain (1787-1848), am bàrd à Tiriodh is Alba Nuadh, a thuilleadh air LL.M bho Sgoil Eaconamais Lunnainn, LL.B bho Sgoil Lagha Thalla Osgoode, Toronto is BA bho Oilthigh Thoronto.

 

’S e Iain Dòmhnallach fear le Gàidhlig bhon ghlùn, à Uibhist a Deas o thùs, a tha a’ fuireach ann an Dùn Èideann. Às dèidh ceum a choisinn ann an gnothachas, dh’obraich e anns a’ ghnìomhachas IT tràth na dhreuchd is chur e seachad còrr air 30 bliadhna den bheatha obrach aige ann an roinn shaor-thoileach is coimhearsnachd na h-Alba mus do leig e seachad a dhreuchd ann an 2022. Anns an roinn ud dh’obraich e dreuchdan leithid Oifigear Leasachaidh is a bhith na Stiùiriche is Àrd-cheannard aig carthannasan nàiseanta. Thug seo tuigse dha air leasachadh coimhearsnachd èifeachdach, stiùireadh glic is comasach de mhaoinean poblach is deagh riaghladh. Fhrithilich e seirbheis air bùird urrasair grunn bhuidheann saor-thoileach thar nam bliadhnaichean is tha e an-dràsta na chomhairliche saor-thoileach do Chomhairle Shaoranach na h-Alba a thuilleadh air a bhith a’ ruith chlasaichean còmhraidh air-loidhne do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

 

Buinidh Michelle NicLeòid a Leòdhas bho thùs is tha i na h-Ollamh Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain. Tha Michelle air Gàidhlig is cuspairean ceangailte ris a’ chànan a theagasg aig oilthighean ann an Alba is Èirinn son còrr air 25 bliadhna. Tha i cuideachd air cùrsaichean sòiseo-chànanachais ghnìomhaich a theagasg is PhDan ann am planadh cànain a stiùireadh. ’S iomadach suidheachadh ceannais a th’ air a bhith aice do chànain ann am foghlam àrd-ìre – nam measg a bhith mar aon de thriùir Cho-eòlaichean Rannaschaidh Chànain a chaidh a mhaoineachadh le Comhairle Rannsachaidh nan Ealainean is Daonnachdan far na bheachdaich an obair aice air mar a b’ urrainn rannsachadh taic a chur ri amasan poileasaidh chànain tùsanach na Rìoghachd Aonaichte. Tha i cuideachd an-dràsta a’ suidhe air a’ Chomataidh Ro-innleachdail son Cànain ann am Foghlam Àrd-ìre aig Acadaimidh Bhreatainn/Comhairle Chànain nan Oilthigh. Rinn Michelle rannsachadh air litreachas is tèatar na Gàidhlig, togail dara chànain is planadh cànain coimhearsnachd. Tharraing a cuid rannsachaidh air planadh cànain misneachd bhon trì bliadhna aice mar Oifigear Phròiseact is an uair sin Stiùiriche le Ionad Chaluim Chille Ìle is o chionn greis dh’obraich i le Comann na Gàidhlig is Sabhal Mòr Ostaig air pròiseact a’ Bhùird gus lìonra a stèidheachadh son oifigearan Gàidhlig. Tha i an-dràsta na Cathraiche aig Theatre Gu Leòr is Urras NicCuaig.

 

’S e Dòmhnall Coinneach (DK) Mac a’ Phì neach-labhairt na Gàidhlig bhon ghlùn a rugadh is a thogadh ann an coimhearsnachd Ghàidhlig làidir Uibhist a Deas far an robh athair nach maireann, Iain, na thidsear Ghàidhlig fad 40 bliadhna. Chaidh luachan, eòlas is sgilean DK buileach a leasachadh thairis naoi bliadhna ann an sgoiltean-diadhaireachd, trì dhiubh sin ann am Valladolid san Spàinn. Ann an 1983, an trup seo a’ teagasg Beurla san Spàinn mar phàirt de cheum aig Oilthigh Ghlaschu, thàinig fìor atharrachadh air slìghe a bheatha nuair a chaidh a dhearbhadh le diostònia na h-amhaich. Às dèidh dha ceumnachadh le MA (Urr) ann an Eòlas Iospàinnteach ann an 1985, is an uair sin bho Cholaiste Napier (a-nis Oilthigh Napier), Dùn Èideann ann an 1986 le Dioplòma Iar-cheumnach ann am Margaidheachd is Cànain Eòrpach, thòisich e a bheatha obrach le carthannas a bha a’ toirt taic do dhaoine gun obair a bhith a’ faighinn obair. Bhon uair sin, bhiodh e na phrìomh phàirt de a bheatha a bhith a’ brosnachadh sgilean is ionnsachadh do dhaoine uile gu lèir, gu h-àraid iadsan as motha a tha a’ fulang às-dùnadh agus ana-cothrom. Lean obair shaor-thoileach tro na bliadhnaichean ud cuideachd – na measg a bhith a’ stèidheachadh na ciad buidhne fèin-chuideachaidh do dhaoine le diostònia ann an Alba is an uair sin a bhith air a shuidheachadh mar a’ chiad oifigear aig Dystonia UK taobh muigh Lunnainn.

Às dèidh fichead bliadhna de dhreuchdan leasachaidh le carthannasan is iomairtean na roinne poblaich, ann an 2009 chaidh DK fhastadh mar a’ chiad phrìomh oifigear poileasaidh is leasachadh ro-innleachdail son planadh corporra is leasachadh na Gàidhlig am broinn Comhairle Baile Ghlaschu le uallach son a h-uile pàirt de Phlanaichean Gàidhlig na Comhairle. ’S e leudachadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig is buileachadh a’ Phlana Ghàidhlig cuideachd gealltanasan ann am Plana Ro-innleachdail Comhairle Baile Glaschu son 2022-2027. Tha cuideachd feadhainn de theaghlach DK a tha ag obair, no aig a bheil clann, ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Tha ùidh shònraichte aig DK ann an spòrs, gu h-àraid ball-coise, is tha e air beachdan a thoirt seachad mu bhall-coise, diostònia is sgeulachdan farsaing eile air prògraman radio is teilidh na Gàidhlig thairis deichean de bhliadhnaichean. Rinn BBC Alba prògram aithris mu a bheatha le diostònia – Dystonia: Beatha air Fhiaradh / Life at an Angle – is bhuannaich seo aon de Dhuaisean na Gàidhlig ann an 2021. ’S e cuideachd aon de dh’iomadh guth na Gàidhlig aig DuoLingo is tha e air a bhith na bhall-bhùird de Chomann na Gàidhlig bho 2018 is FC Sonas bho 2022.

Ceannard Ùr Bhòrd na Gàidhlig

Dh’ainmich Bòrd na Gàidhlig an-diugh gun deach Ealasaid Dhòmhnallach fhastadh mar Cheannard ùr na buidhne, a thòisicheas san dreuchd san t-Sultain 2023.

Tha eòlas farsaing aig Ealasaid, a bhuineas do na h-Eileanan Siar agus a tha a’ fuireach ann an Steòrnabhagh, air a bhith ag obair an dà chuid air tìr-mòr agus sna h-eileanan. Anns an dreuchd làithrich aice mar Stiùiriche Ro-innleachd agus Chùisean Taobh A-muigh le MG ALBA, tha i os cionn conaltradh corporra agus luchd-ùidh. Le eòlas air a bhith ag obair san roinn phoblaich agus mar chomhairliche poileasaidh is cùisean poblach air a ceann fhèin, tha Ealasaid air a bhith aig fìor thoiseach iomadh iomairt is leasachadh gus feumalachdan luchd-labhairt na Gàidhlig a bhrosnachadh fad a cùrsa-obrach.

Stèidhichte ann an Steòrnabhagh, bidh Ealasaid a’ stiùireadh Bòrd na Gàidhlig tro leasachaidhean a tha ri thighinn, ag obair gu dlùth le buill a’ Bhùird agus leis an àrd sgioba-stiùiridh, agus cuideachd le Riaghaltas na h-Alba, buidhnean poblach agus coimhearsnachdan Gàidhlig.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn air leth toilichte fàilte a chur air Ealasaid dhan dreuchd chudromaich seo, aig àm a tha brosnachail airson adhartas na Gàidhlig le Plana Nàiseanta ùr airson na Gàidhlig agus Bile nan Cànanan Albannach ùr. Tha eachdraidh aice de bhith ag obair le prìomh bhuidhnean poblach agus le fòcas sònraichte air iomairtean poileasaidh corporra. Leis an eòlas a th’ aice air a bhith ag obair san raon seo, gheibh Bòrd na Gàidhlig buannachd às na sgilean a fhuair i ann an cùisean riaghlaidh agus leasachaidh co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig agus a cultar.”

Thuirt Ealasaid, “Tha mi fìor thoilichte a bhith a’ tòiseachadh air an dreuchd chudromaich seo aig àm a tha ro-chudromach dhan Ghàidhlig Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair le ar coimhearsnachdan, buidhnean Gàidhlig agus com-pàirtichean nas fharsainge gus a’ Ghàidhlig a chur air adhart air feadh na h-Alba agus nas fhaide air falbh. Tha a bhith ag obair ann an com-pàirteachas na adhbhar soirbheachais agus tha seo nas cudromaiche na bha e a-riamh agus sinn ag obair a dh’ionnsaigh Plana Nàiseanta ùr na Gàidhlig”.

Chuir Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlaim agus Sgilean Jenny Gilruth BPA fàilte air an naidheachd:

“Bu mhath leam fàilte a chur air fastadh Ealasaid Dhòmhnallach mar an ath Cheannard air Bòrd na Gàidhlig agus meal-a-naidheachd a chur oirre air iarrtas soirbheachail airson an fhastaidh mhinistreil chudromaich seo.

“Tha Riaghaltas na h-Alba a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair gu dlùth le Ealasaid agus an sgioba aig Bòrd na Gàidhlig ann a bhith a’ toirt taic agus brosnachadh dhan Ghàidhlig air feadh na h-Alba agus sinn ag ullachadh gus Bile nan Cànanan Albannach againn a thoirt air adhart.

Brath air Tachartas Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba (27.06.2023)

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, air an tachartas:

“Tha sinn a’ cur fàilte air an tachartas mun Ghàidhlig an-diugh ann am Pàrlamaid na h-Alba. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ leantainn oirnn ag obair le coimhearsnachdan is buidhnean anns na h-Eileanan an Iar agus àiteachan eile gus cleachdadh na Gàidhlig mar chànan coimhearsnachd a mheudachadh.

“Tha seo a’ leantainn air an aithne anns an treas Plana Nàiseanta na Gàidhlig gu bheil dùbhlain mu choinneamh nan coimhearsnachdan Gàidhlig traidiseanta ann a bhith a’ glèidheadh sluagh a tha gnìomhach gu h-eaconamach agus gu bheil fuasglaidhean ùr-ghnàthach deatamach a thaobh cosnadh, taigheadas, còmhdhail, cùram-chloinne, agus cùramslàinte.

“Tha e deatamach gum bi ar coimhearsnachdan Gàidhlig aig cridhe an smaoineachaidh aig Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus aig a’ Chom-pàirteachas Eaconamach Roinneil, agus gum bi an guth air a riochdachadh ann an co-chomhairleachaidhean air cùisean leithid Sgìrean Mara Fìor Ghlèidhte, seirbheisean aiseig, taigheadas, agus ath-leasachadh fearainn.

“Fhuair Bòrd na Gàidhlig maoineachadh a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba ann an 2021 agus 2022 gus taic a chumail ri lìonra de dh’oifigearan Gàidhlig, a tha ag obair le 20 buidheann coimhearsnachd sna h-eileanan, gus cleachdadh agus leasachadh na Gàidhlig a neartachadh. Tha an sgeama seo air faisg air £1millean a thoirt seachad bho chaidh a stèidheachadh o chionn dà bhliadhna.”

Tha barrachd ri chluinntinn mun tachartas air Aithris na Maidne an seo. Chluinnear am pìos mun tachartas eadar 0:13:05 agus 0:20:50.

Buidheann-obrach Gheàrr-bheatha air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig: Aithisg do Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhas is na h-Eaconamaidh

Anns a’ Mhàrt 2022, ghairm Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhas is na h-Eaconamaidh Buidheann-obrach Gheàrr-bheatha (a’ Bhuidheann) le amas Gàidhlig a neartachadh tro fhòcas air cothroman eaconamach is an eaconamaidh a neartachadh tro bhith a’ dèanamh làn-fheum de na cothroman a th’ ann a thaobh na Gàidhlig. Tha a’ Bhuidheann air aithisg fhoillseachadh madainn an-diugh a tha a’ mìneachadh a’ cho-theacsa anns an do dh’obraich a’ Bhuidheann, cuid de na dùbhlain mu choinneamh na Gàidhlig is cuideachd na deagh chothroman a th’ ann son toraidhean sòisealta, eaconamach, cultarail, is foghlaim maith.

Tha an aithisg slàn ri lorg ann an Gàidhlig agus Beurla air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba agus faodar a leughadh an seo.

Mar phàirt den phròiseas, choinnich Bòrd na Gàidhlig leis a’ bhuidhinn dà thuras agus chuir sinn pàipear a-steach as dèidh làimh, ag aithris agus a’ toirt beachd air cùram-chloinne, slàinte is cùram sòisealta, turasachd, foghlam agus fastadh thidsearan, taigheadas, agus raon de chùisean eile a tha a’ toirt buaidh air a’ Ghàidhlig ann an Alba san latha an-diugh. Tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd air am pàipear seo fhoillseachadh airson a leughadh an seo.

Nuair a chaidh an aithisg fhoillseachadh, thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha sinn a’ cur fàilte air aithisg na Buidhne-obrach Beatha Ghoirid air Cothroman Eaconamach is Sòisealta airson na Gàidhlig do Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhas agus na h-Eaconamaidh.  Tha e a’ sealltainn na ceanglaichean gu soilleir eadar cothroman eaconamach a tha an cànan a’ cruthachadh agus na h-atharrachaidhean a tha dhìth gus a’ Ghàidhlig a dhìon agus gus fàs a thoir oirre. Tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd a’ cur fàilte air mar a tha a’ bhuidheann ag aithneachadh gu bheil feum air maoineachadh a bharrachd gus iomairtean ùra agus leasachadh poileasaidh Gàidhlig a thoirt air adhart agus gu bheil e na phàirt chudromach den Ro-innleachd Nàiseanta airson Cruth-atharrachadh Eaconamach.  Bha sinn toilichte fianais a thoirt dhan Bhuidhinn mu ghrunn diofar raointean poileasaidh. 

“Tha an aithisg seo a’ cur an cèill gu làidir gum feumar coimhearsnachdan traidiseanta luchd-labhairt na Gàidhlig a chumail suas agus fàs a thoirt orra. Tha seo a’ co-thaobhadh ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig a tha a’ cur cuideam air na dùbhlain dheamografach a tha mu choinneamh choimhearsnachdan eileanach agus dùthchail.  Tha iad sin a’ gabhail a-steach dìth taigheadais, àireamh an t-sluaigh aig aois obrach, droch cheanglaichean còmhdhail agus dùbhlain shòisealta agus tha e a’ tabhann raon de dh’fhuasglaidhean.  Tha e cuideachd ag aithneachadh àite nan coimhearsnachdan bailteil, agus cho cudromach ’s a tha iad, ann a bhith a’ cur ri àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig agus ri cleachdadh a’ chànain.

“Tha dealas aig Bòrd na Gàidhlig a bhith a’ co-obrachadh gus cuideachadh le bhith a’ buileachadh nam molaidhean seo agus gus atharrachadh buannachdail a thoirt air adhart.”

 

Aithris air Aithisg Riaghaltas na h-Alba air Co-chomhairle Bile nan Cànan Albannach

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn a’ cur fàilte air a’ cheum as ùire seo le Riaghaltas na h-Alba agus iad a’ toirt air adhart Bile nan Cànan Albannach ùr.  Tha tòrr san aithisg a tha co-cheangailte ri leasachaidhean a tha an gnìomh mar-thà agus a dh’fheumar a neartachadh agus a leudachadh.”

“Tha e cuideachd a’ sealltainn gu bheil aonta ann ri molaidhean a chuir Bòrd na Gàidhlig na fhreagairt an-uiridh agus gu bheil feum air reachdas nas treasa gus barrachd adhartais a dhèanamh.”

“Dh’fhiosraich na còmhraidhean a bh’ againn le raon farsaing de choimhearsnachdan tro 2021 agus 2022 ar beachdan air dè na h-atharrachaidhean a tha a dhìth gus suidheachadh na Gàidhlig ann an Alba a neartachadh.  Chuidich na còmhraidhean sin cuideachd le deasachadh an ath Phlana Nàiseanta na Gàidhlig a thèid fhoillseachadh a dh’aithghearr.”

“Chuir sinn fàilte cuideachd air an aithneachadh gu bheil feum aig Bòrd na Gàidhlig air stòrasan a bharrachd gus a’ bhuaidh a th’ againn an-dràsta a mheudachadh. Ma thig dleastanas sam bith a bharrachd bho reachdas ùr, atharraichidh seo na foincseanan agus na structaran againn, a’ fàgail gum bi feum againn air stòrasan gu leòr airson a bhith a’ lìbhrigeadh na thathar an dùil.”

“Bha co-thaobhadh làidir eadar cuid de mholaidhean aig Bòrd na Gàidhlig agus na molaidhean aig daoine eile a ghabh pàirt sa cho-chomhairle, leithid:

–           Bunait reachdail nas treasa airson planaichean Gàidhlig, a’ comasachadh buaidh agus cunntachalachd a bharrachd.

–           Reachdas gus còir a chruthachadh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FtG).

–           Stiùireadh nas treasa agus barrachd cunntachalachd airson FtG, a’ toirt air Ùghdarrasan a bhith a’ planadh leasachadh agus a bhith ag aithris air adhartas gach bliadhna.

–           Barrachd taic airson fastadh agus, gu sònraichte, gleidheadh luchd-obrach foghlam tron Ghàidhlig airson solar tràth-bhliadhnaichean, bun-sgoile agus àrd-sgoile.

–           Cho cudromach ’s a tha cùisean eaconamach is sòisealta ann a bhith a’ glèidheadh agus a’ tàladh dhaoine òga do na h-eileanan.”

“Tha an aithisg seo agus a’ cho-chomhairle againn fhìn a’ sealltainn gu bheil ùidh mhòr aig daoine sa Ghàidhlig san àm ri teachd agus air cho cudromach ’s a tha i ann an sgìrean eileanach, dùthchail agus bailteil na h-Alba.”

“Tha miann anns an dà aithisg gum bi Bòrd na Gàidhlig nas fhosgailte agus nas soilleire agus a bhith a’ sealltainn an adhartais againn san obair a tha sinn a’ lìbhrigeadh an-dràsta. Seo rudeigin a tha sinn air a bhith a’ leasachadh sna beagan bhliadhnachan mu dheireadh le tòrr a bharrachd follaiseachd agus cunntachalachd air feadh na buidhne.”

“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ leantainn oirnn leis an obair againn leis na com-pàirtichean againn air feadh na roinne poblaich agus ann an coimhearsnachdan gus taic a chumail ri fàs na Gàidhlig.”

Bòrd na Gàidhlig air rannsachadh a choimiseanadh air ceanglaichean eadar sunnd agus a’ Ghàidhlig

Tha a bhith a’ tuigsinn agus a’ cur ri sunnd a’ fàs nas cudromaiche nar beatha uile, agus air an adhbhar sin tha Bòrd na Gàidhlig air coimisean a thoirt do DC Research gus sgrùdadh a dhèanamh air mar a tha a’ Ghàidhlig a’ cur ri sunnd dhaoine, choimhearsnachdan agus na dùthcha san fharsaingeachd.

Tha sunnd air aithneachadh barrachd is barrachd mar fheart ann am farsaingeachd de raointean tarsainn na h-eaconamaidh agus a’ chomainn-shòisealta. Sheall coinneamhan air-loidhne sa Ghàidhlig aig àm a’ ghalair lèir-sgaoilte Covid-19 gun robh sunnd, in-ghabhail agus lìonrachadh cudromach agus gun gabhadh an leasachadh, agus sheall iad cuideachd gun robh àite aig a’ Ghàidhlig ann a bhith ag àrdachadh sunnd san fharsaingeachd.

Sheall Suirbhidh Beachdan Sòisealta na h-Alba (2021) bho chionn ghoirid gun robh 70% den fheadhainn a bha ag ionnsachadh na Gàidhlig den bheachd gun do chuir seo ri an sunnd.  Leis an àireamh de dhaoine a tha ag ionnsachadh a’ chànain a’ fàs, dh’fhaodadh an taobh seo de bhith a’ dol an sàs sa Ghàidhlig fàs nas cudromaiche.

Nuair a thòisicheas e air a’ mhìos seo, nì an rannsachadh measadh agus cunntas air mar a tha a’ Ghàidhlig a’ cur ris a’ chomann-shòisealta ann an dòigh nas fharsainge chan ann a-mhàin mar chànan ach cuideachd mar chultar agus bheir e tuigse dhuinn air mar a ghabhas taobhan de shunnd a chleachdadh gus luchd-cleachdaidh na Gàidhlig a chuideachadh agus a bhrosnachadh, mar luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh agus mar choimhearsnachd cànain. Mìnichidh e cuideachd, ann an co-theacs poilitigeach, mar a tha a’ Ghàidhlig a’ cur ris an Fhrèam Coileanaidh Nàiseanta (NPF), a bharrachd air a bhith ag obair gus measadh agus cunntas a thoirt air a’ bhuaidh a tha a’ Ghàidhlig a’ toirt gus am bi seo air aithneachadh, agus bithear cuideachd a’ beachdachadh air rannsachadh a thaobh mion-chànanan eile.

Thuirt Shona NicIllInnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn ag aithneachadh gu bheil sunnd a’ sìor fhàs cudromach, an dà chuid do dhaoine fa leth agus dhan chomann-shòisealta.  Cuidichidh an fhianais bhon rannsachadh seo sinn gus argamaidean nas treasa a dhèanamh airson a bhith cinnteach gu bheil a’ Ghàidhlig, agus na tha i a’ cur ri sunnd, air aithneachadh agus a’ faighinn taic ann am poileasaidhean nàiseanta is roinneil gus barrachd taic a thoirt do choimhearsnachdan Gàidhlig.”

Thuirt an Dr Stephen Connolly, Stiùiriche aig DC Research agus manaidsear pròiseict airson an rannsachaidh, a bhios ag obair còmhla ris an Àrd-ollamh Mike Danson, an Dr Douglas Chalmers agus Eilidh Danson air an rannsachadh: “Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ rannsachadh nan ceistean seo a thaobh na Gàidhlig agus sunnd tro cho-chomhairle le farsaingeachd de dh’eòlaichean, luchd-labhairt agus luchd-buaidh (influencers) à Alba agus gu h-eadar-nàiseanta tro mhìosan an t-samhraidh”.

A’ Sireadh Ceannard Ùr airson Bòrd na Gàidhlig

’S e Bòrd na Gàidhlig a’ bhuidheann phoblach le uallach gus planadh a dhèanamh airson agus stiùireadh a thoirt dhan iomairt gus a’ Ghàidhlig agus a cultar a thoirt air adhart ann an Alba às leth Riaghaltas na h-Alba.  Tha àrd amas againn gum bi a’ Ghàidhlig air a faicinn is air a cluinntinn gu làitheil air feadh na h-Alba, chun na h-ìre ’s gum bi i air a h-aithneachadh mar phàirt bhunaiteach de bheatha muinntir na h-Alba agus mar chànan prìseil a tha a’ cur ri cultar is eaconamaidh na dùthcha.

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh neach dàna is làn spionnaidh aig a bheil ùidh anns a’ Ghàidhlig agus a cultar ann an Alba agus cuideigin as urrainn an stòras nàiseanta seo a thoirt air adhart. Is dòcha gu bheil thu a’ tighinn bho àrainneachd eile san roinn phoblaich no san treas roinn le fòcas nàiseanta.

Mar Cheannard, nì sibh cinnteach gu bheil co-dhùnaidhean agus poileasaidhean air an cur an gnìomh gu math agus gu h-èifeachdach le bhith a’ stiùireadh an àrd-sgioba-stiùiridh, a’ stiùireadh an luchd-obrach agus tro bhith a’ brosnachadh obair BnG le buidhnean eile.  Anns an dreuchd sin, tha e cudromach dàimhean a thogail le buidhnean eile, buidhnean poblach agus sa choimhearsnachd, a bharrachd air roinnean riaghaltais eile.

Am measg nan dleastanasan tha:

  • Cunntachail dhan Bhòrd-stiùiridh, bidh sibh a’ stiùireadh obair na buidhne, a’ dèanamh cinnteach gu bheilear a’ coileanadh amasan is cinn-uidhe ro-innleachdail na buidhne.
  • Cunntachail do Phàrlamaid na h-Alba agus Ministearan na h-Alba mar Oifigear Cunntachail Bhòrd na Gàidhlig.
  • A’ dèanamh cinnteach gun cruthaich a’ bhuidheann Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus gu bheil i a’ cumail sùil air a bhuileachadh.
  • Ag obair ann an com-pàirteachas, a’ tòiseachadh agus a’ stèidheachadh mhodhan-obrach ùr-ghnàthach a thaobh com-pàirteachasan, agus a bhith nur dheagh eisimpleir a thaobh co-chomhairleachadh agus co-obrachadh sàr-mhath le prìomh luchd-ùidh
  • A’ stiùireadh agus a’ riochdachadh Bòrd na Gàidhlig gus obair na buidhne adhartachadh, an dà chuid air an taobh a-staigh agus an taobh a-muigh, ag obair gus amasan fad-ùine Bhòrd na Gàidhlig a chur an gnìomh agus a’ cur ri cliù na buidhne
  • A’ stiùireadh cruthachadh, cumail sùil air agus ath-sgrùdadh ro-innleachdan agus phlanaichean, tro stiùireadh èifeachdach air gnìomhan agus goireasan Bhòrd na Gàidhlig
  • Cunntachail airson riaghladh corporra agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil a’ bhuidheann a’ coileanadh gach dleastanas is uallach san roinn phoblaich.

Bidh sibh tionnsgalach agus bidh an neart agaibh gus buidheann den mheud seo a stiùireadh ann an àrainneachd iom-fhillte. Neach-conaltraidh air leth le ionracas agus dealas airson sgiobaidhean a leasachadh a bhios a’ coileanaidh aig àrd-ìre agus gus cultar sàr-mhathais a chur air adhart. Tha dealas a thaobh co-ionannachd, in-ghabhail agus iomadachd deatamach gus àrainneachd a chruthachadh far an urrainn do gach neach an làn chomais a choileanadh.

Chan fheum tagraichean a bhith air obrachadh aig ìre CEO roimhe seo ach feumaidh iad farsaingeachd de dh’eòlas a thoirt dhan dreuchd seo.

Ma tha sibh ag aontachadh ri lèirsinn àrd-amasach Bhòrd na Gàidhlig agus nam biodh sibh toilichte seo a chur air adhart, chuireamaid fàilte mhòr air an iarrtas agaibh.

Barrachd fiosrachaidh:

Bòrd na Gàidhlig