Ceannard Bhòrd na Gàidhlig a leigeil dhith a dreuchd

 Tha Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Shona NicIllinnein, air co-dhùnadh a dreuchd a leigeil dhith, bho 31 Damhair am-bliadhna, às dèidh seachd bliadhna ag obair leis a’ Bhòrd. 

Tha i air fios 6 mìosan a thoirt seachad gum bi i a’ leigeil dhith a dreuchd. Tha seo nas fhaide na an rabhadh trì mìosan a dh’fheumar toirt seachad, gus an cothrom as fheàrr a thoirt dhan Bhòrd ceannard ùr fhastadh mus fhalbh i. 

Thuirt Shona: “Bha an t-àm mar Cheannard na àm far an robh leasachaidh is fàs ann dhan Ghàidhlig agus dhan bhuidhinn. Tha seo air a bhith na àm de dh’atharrachadh mòr do Bhòrd na Gàidhlig. Tha seo air a bhith na àm brosnachail is buannachdail agus tha mi air a bhith fortanach a bhith a’ faighinn taic fìor mhath bho sgioba tàlantach is ùr-ghnàthach. 

“Tha e air a bhith na urram dha-rìribh a bhith os cionn Bòrd na Gàidhlig tron ùine seo. Às dèidh sin a ràdh, ge-tà, tha mòran chothroman agus dhùbhlain fhathast ann thar nan 6 mìosan a tha romhainn agus cumaidh mi orm a’ cluich mo phàirt ann a bhith a’ dèiligeadh riutha sin, agus mi a’ dèanamh nas urrainn dhomh gus dèanamh cinnteach gum bi eadar-ghluasad rèidh ann. Mar sin bidh mi a’ cumail orm mar as àbhaist chun na Samhna agus an uair sin tha mi an dùil ùine a chur seachad leis an teaghlach agus a’ siubhal.” 

Thuirt an Cathraiche, Màiri NicAonghais: “Ged a tha mi gu math brònach an naidheachd seo a chluinntinn, tha mi gu mòr an comain Shona airson ùine a thoirt dhuinn an neach ceart a lorg airson a’ phrìomh dhreuchd seo agus gus am bi tar-ghluasad rèidh ann. ’S e Ceannard air leth a th’ ann an Shona a tha air cruth-atharrachadh a thoirt air a’ Bhòrd, ga stiùireadh tro àm air leth dùbhlanach, agus a chruthaich buidheann a bhios comasach air cothroman a thoirt gu buil san àm ri teachd. Tha mi a’ guidhe gach soirbheachas dhi airson an àm ri teachd.” 

Triùir bhuill ùra gan lorg airson Bòrd-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig

Tha Ministearan na h-Alba ag iarraidh triùir a tha sgileil is dealasach a chur an dreuchd mar bhuill air Bòrd-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig (BnG), a’ phrìomh bhuidheann phoblach ann an Alba airson a’ chànain.

Tha Ministearan na h-Alba a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine bho raon farsaing de chùl-raointean aig a bheil na sgilean, eòlas agus ealantas a leanas:

Sgilean/eòlas coitcheann

• Sgilean conaltraidh Gàidhlig

• Os-sealladh is Cunntachalachd

Èifeachdach air mion-sgrùdadh is air dèanamh cho-dhùnaidhean

• Conaltradh is Obair-sgioba

* Sgilean/eòlas sònraichte

• Planadh cànain

• Eòlas/mothachadh laghail

Thuirt Cathraiche Bòrd-stiùiridh BnG, Màiri NicAonghais: “’S e cothrom a tha seo a bhith mar phàirt de Bhòrd-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig – cothrom air leth inntinneach a bhith an sàs ann an leasachadh agus brosnachadh na Gàidhlig. Mholainn do dhaoine aig a bheil an ùine, an t-eòlas agus an ùidh ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig maireannach san àm ri teachd anns gach coimhearsnachd, bho fheadhainn air-loidhne, bailtean no sgìrean dùthchail gus iarrtas a chur a-steach.”

Thèid seisean fiosrachaidh neo-fhoirmeil a chumail do dhuine sam bith le ùidh gus ceistean fhaighneachd no barrachd ionnsachadh air Diciadain 05 Giblean 2023 aig 6:30f. Faodar clàradh airson an tachartas aig www.bit.ly/BuillBnG

Bithear an dùil gun cur buill a’ Bhùird-stiùiridh seachad trì latha gach mìos air obair BnG. Bidh na dreuchdan a’ tòiseachadh air 1 Lùnastal 2023, agus ’s e 24 Giblean 2023 an latha mu dheireadh airson iarrtasan.

Thèid agallamhan a chumail san Ògmhios 2023.

Gheibhear pasgan iarrtais agus fiosrachadh mionaideach air na dreuchdan seo agus dreuchdan poblach eile air an làraich-lìn airson dreuchdan poblach: www.appointed-for-scotland.org

Bheir Bòrd na Gàidhlig seachad faisg air £1 millean do dh’Oifigearan Leasachaidh Gàidhlig

Tha maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig a tha ag amas air Gàidhlig a bhrosnachadh air faisg air £1 millean a thoirt seachad airson oifigearan leasachadh cànain bho chaidh a chur air bhog.

Tha sruth maoineachaidh ùr, a bha comasach mar thoradh air £400k ann an airgead a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba, a thoirt cothrom do bhuidhnean an teirm aon bhliadhna aca a leudachadh airson oifigearan leasachaidh Gàidhlig a tha a’ faighinn taic-airgid an-dràsta fo Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig. Agus tha seo air 20 tabhartas a thoirt seachad airson na cuairt maoineachaidh làithreach ann an 2023 a-mhàin.

Tha buidhnean sna h-Eileanan an Iar, ann an Roinn na Gàidhealtachd, Earra-Ghàidheal is Bòd, Dùn Èideann agus Glaschu – a tha ag obair ann am farsaingeachd de roinnean a’ gabhail a-steach spòrs, ealain is cultar, àrainneachd, agus foghlam – am measg an fheadhainn a gheibh buannachd.

Is e £473,165 am maoineachadh iomlan airson cuairt na bliadhna seo, a leudaicheas 11 cùmhnantan a th’ ann mar-thà agus a chruthaicheas 9 dreuchdan ùra. Tha am maoineachadh air cuideachadh le iomadh iomairt a tha ag amas air leasachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh agus cleachdadh a’ chànain is a’ chultair a chur air adhart ann an coimhearsnachdan Gàidhlig air feadh na h-Alba.

Chaidh £957,000 uile gu lèir a riarachadh dhan obair leasachaidh seo thairis air dà bhliadhna.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha adhartas mòr air a bhith ann le adhartachadh na Gàidhlig agus a cultair air feadh na h-Alba mar thoradh air an sgeama maoineachaidh seo. Tha na h-oifigearan leasachaidh Gàidhlig air cuideachadh a chumail ri iomadh iomairt a tha a’ brosnachadh leasachadh na Gàidhlig, leithid prògraman stèidhichte sa choimhearsnachd, tachartasan cultarail, agus tachartasan foghlaim.

“Tha sinn toilichte taic a thoirt do shàr obair nam buidhnean seo agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn fàs leantainneach ann an coimhearsnachdan Gàidhlig air feadh na h-Alba.”

                                   

Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air buill cho-thaghte ùra

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air dà bhall co-thaghte ùr air na Comataidhean aca.

Thòisich Coinneach MacÌomhair mar bhall co-thaghte air Comataidh Poileasaidh is Ghoireasan agus Rob MacFhionghain mar bhall co-thaghte air Comataidh Sgrùdaidh is Dearbhachd aig toiseach na bliadhna.

Tha an dithis aca a’ toirt sàr-eòlais do na comataidhean agus farsaingeachd de sgilean aig an dithis aca.

Tha Coinneach MacÌomhair air a bhith an sàs ann an gnothaichean na Gàidhlig fad a bheatha. Na òige bha e an sàs ann an dràma Gàidhlig. Bha e ag obair aig a’ Chomunn Ghàidhealach agus a’ teagasg Gàidhlig an Colaiste an Oilthigh (UCD) am Baile Átha Cliath. Tha daoine nas eòlaiche air mar chraoladair thairis air iomadh bliadhna. Bha e na cathraiche air Comunn na Gàidhlig, agus air Urras Steòrnabhaigh, na bhall air Comhairle nan Eilean fad 10 bliadhna agus na fhear deasachaidh air Gasaet Steòrnabhaigh.   

Tha cùl-fhiosrachadh aig Rob MacFhionghain ann an ionmhas agus ro-innleachd, a’ toirt a-steach ùine ann an roinn ionmhais chorporra PricewaterhouseCoopers ann an Lunnainn agus Sydney. Fad grunn bhliadhnaichean bha e ag obair còmhla ri Bùird agus Gnìomhaichean aig cuid de na prìomh chompanaidhean san RA a thaobh dealbhadh bhuidhnean, pròiseasan riaghlaidh, lèirsinn luchd-cleachdaidh agus co-dhùnaidhean ro-innleachdail.

Thog e ùidh shònraichte ann an aoigheachd agus turasachd, a’ stiùireadh lìbhrigeadh phròiseactan ro-innleachdail airson InterContinental Hotels Group (IHG). Airson nan còig bliadhna a dh’fhalbh tha e air a bhith na Cheannard air Turasachd Innse Gall, a’ bhuidheann stiùireadh cinn-uidhe airson nan Eilean Siar. Ghabh seo a-steach ìomhaigh mòran nas àirde airson na Gàidhlig ann a bhith a’ brosnachadh nan eilean, a’ gabhail a-steach iomairt mhargaidheachd gu tur sa Ghàidhlig.

’S e neach-ionnsachaidh na Gàidhlig a th’ ann, a’ crìochnachadh a’ Chùrsa Adhartais aig Sabhal Mòr Ostaig. ’S ann às na h-Eileanan an Iar a tha a theaghlach agus tha e a’ roinneadh a chuid ùine eadar Dùn Èideann agus na Hearadh.

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn a cur fàilte bhlàth air Coinneach agus Rob agus fios againn gum bi iad a cur ri obair nan comataidhean. Tha eòlais aig an dithis aca ann an iomadach diofar roinn agus bidh sin air leth feumail. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla riutha.”

Duaisean na Gàidhlig 2023

Dealbh: Stevie Walsh

Chaidh Duaisean na Gàidhlig 2023 a chumail oidhche ‘Mhàirt aig Taigh-òsta Marriott ann an Glaschu. Chaidh deich duaisean an toirt seachad do dhaoine agus bhuidhnean air feadh na dùthcha airson an cuid obrach taobh a-staigh saoghal na Gàidhlig. Airson a’ chiad uair, chaidh na Duaisean a chumail mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig, gus cuid de na daoine agus buidhnean a tha ag obair gu cruaidh sa Ghàidhlig a chomharrachadh.

B’ e seo an deicheamh bliadhna aig Duaisean na Gàidhlig agus chaidh beagan ùrachadh a dhèanamh air na roinnean gus sin a chomharrachadh. Chunnaic sinn Duais ùr airson neach-cruthachaidh na bliadhna, duais Gàidhlig ann an spòrs agus na duaisean leantainneach leithid Tosgaire Òg na Bliadhna agus Urram nan Gàidheal.

Bha Cathy ‘Bhàn’ NicDhòmhnaill os cionn chùisean agus timcheall air 150 neach an làthair gus obair na Gàidhlig a chomharrachadh.

Tha na Duaisean, a tha air an cumail ann an com-pàirteachas leis an Daily Record, a’ toirt cothrom do dhaoine agus do bhuidhnean aithne fhaighinn airson na h-obair cudromaich a tha iad a’ dèanamh gach bliadhna.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha pailteas de dh’obair a’ dol sa Ghàidhlig gach bliadhna agus tha sin a’ fàs le gach bliadhna a dh’fhalbhas. Tha sin follaiseach agus sinn air an àireamh as motha de mholaidhean fhaighinn am-bliadhna. Bha oidhche air leth againn còmhla agus sinn a’ togail air a’ Ghàidhlig, a cur ri àbhaisteachadh na Gàidhlig agus a’ comharrachadh na h-obair mìorbhailich a tha a’ dol taobh a-staigh saoghal na Gàidhlig.”

Chaidh na duaisean a leanas a thoirt seachad aig a’ chuirm:

Duais Ealain is Cultair – Marcas Mac an Tuairneir

Sàr-dhuais na Gàidhlig – Yvonne Irving

Sàr-dhuais nam Meadhanan – FilmG

Duais Coimhearsnachd – Comunn Oiseanach Oilthigh Ghlaschu

An Duais Ionnsachaidh – Sgioba na Gàidhlig, eSgoil

Gàidhlig ann an Spòrs – Màiri NicRisnidh, BBC Spòrs Gàidhlig

Duais Eaconamach na Gàidhlig – Astar

An Neach-cruthachaidh Susbaint Ghàidhlig as Fheàrr – Young Scot

Tosgaire Òg na Bliadhna – Raonaid Kellow

Duais Urram nan Gàidheal – Ailean Caimbeul

Barrachd fiosrachaidh:

Bòrd na Gàidhlig

Duaisean na Gàidhlig

Dealbh le Stevie Walsh.

Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig mothachail air na h-aithrisean timcheall air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus gainnead de thidsearan airson seo a lìbhrigeadh a th’ air a bhith anns na naidheachdan thar na seachdainean a dh’fhalbh.

Tha dleastanas aig Bòrd na Gàidhlig gus Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig fhoillseachadh.  Tha dleastanasan aig ùghdarrasan ionadail gus foghlam a lìbhrigeadh agus a thaobh tidsearan a thrusadh agus gleidheadh. Tha dleastanasan aig Comhairle Maoineachadh na h-Alba, GTCS agus oilthighean a thaobh trèanadh thidsearan.

Dh’obraich Bòrd na Gàidhlig le oifigearan aig Comhairle na Gàidhealtachd, Earra-Ghàidheal is Bhòid, agus Baile Obair Dheathain gus molaidhean a dhèanamh air gnìomhan a bhiodh a’ toirt taic a thaobh a bhith a’ trusadh agus a’ gleidheadh thidsearan agus chaidh an aithisg sin thuca an-uiridh.  Air a ghabhail a-steach dhan aithisg bha molaidhean leithid dreuchdan teagaisg a dhèanamh nas tarraingiche le bhith a’ tabhann chùmhnantan maireannach, làn-ùine, structaran adhartachaidh a chruthachadh, agus a bhith a’ dèiligeadh ri cùisean leithid taigheadas aig prìs ruigsinneach.

San dàrna phàirt den aithisg bha molaidhean ann gus an suidheachadh nàiseanta a leasachadh agus chaidh an aithisg seo do bhuidhnean eadar-dhealaichte, Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd nam measg.  A-rèir an dàta as ùire bho Riaghaltas na h-Alba, tha còrr air trian de thidsearan le teisteanas airson a bhith a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig an-dràsta a’ teagasg tro mheadhan na Beurla. Faodar an aithisg slàn a leughadh an seo.

A bharrachd air sin, bidh Bòrd na Gàidhlig ag obair gus daoine a bhrosnachadh gus dreuchd a bhith aca ann an teagasg tro iomairt #DèanDiofar, #DèanDiofar nan Tràth-bhliadhnaichean agus co-obrachadh le iomadach buidheann eile. Tha Oifigear Leasachaidh (Tidsearan) aig BnG a bhios a’ tadhal air sgoiltean agus oilthighean gus teagasg a thoirt do dh’aire dhaoine mar dhreuchd.

Tha sgeamaichean maoineachaidh aig Bòrd na Gàidhlig gus daoine a tha a’ beachdachadh air an dreuchd aca atharrachadh airson trèanadh a bhith nan tidsear a bhrosnachadh, dha oileanaich a tha a’ gabhail os làimh Tùs-thrèanadh Thidsear, dhaibhsan a tha clàraichte mar thidsear mar-thà ach tro mheadhan na Beurla gus cùrsa bogaidh a dhèanamh airson cothrom a thoirt dhaibh a bhith a’ teagasg sa Ghàidhlig agus taic cuideachd do thidsearan pròbhaidh.

Stiùiriche Foghlaim Ùr aig Bòrd na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte a ràdh gun deach Jennifer McHarrie fhastadh mar Stiùiriche Foghlaim agus gum bi i a’ tòiseachadh san dreuchd seo 05 Dùbhlachd 2022. Bidh Jennifer os cionn sgioba foghlaim Bhòrd na Gàidhlig agus ag obair leotha gus poileasaidhean foghlam a’ Bhùird a stiùireadh. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ toirt comhairle do Riaghaltas na h-Alba a thaobh Foghlam na Gàidhlig, ag obair còmhla ri ùghdarrasan foghlaim agus buidhnean eile a tha an sàs ann a bhith a’ lìbhrigeadh foghlam gus amasan a’ Bhùird a thoirt gu buil, agus bidh Jennifer os cionn na h-obrach a nì am Bòrd gus an Stiùireadh Reachdail a chur an gnìomh leis na buidhnean eadar-dhealaichte.

A’ fuireach ann an Cair MoLuaig, tha an t-uabhas de dh’eòlais aig Jennifer san roinn phoblaich agus san roinn phrìobhaidich co-cheangailte ri cànan is foghlam. Cheumnaich i ann an Oilthigh Ghlaschu le Ceum ann an Fraingis is Eòlais-Hiospanach. Dh’ionnsaich i a’ Ghàidhlig mar inbheach tro dhiofar chùrsaichean nam measg clasaichean-oidhche ann an Glaschu agus Siorrachd Lannraig, an Cùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig agus chur i crìoch air Bliadhna Bogaidh Oilthigh Ghlaschu o chionn ghoirid far an do choisinn i àrd-urram.

Bidh Jennifer a’ tighinn thugainn bho Ùghdarras Theisteanas na h-Alba, far a bheil i air a bhith ag obair fad 10 bliadhna. Na dreuchd mar Cho-òrdanaiche Theisteanasan, bha i ag obair air measgachadh de phròiseactan co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig leithid a bhith a’ coileanadh nan gealltanasan foghlaim ann am Plana Gàidhlig Ùghdarras Theisteanas na h-Alba agus a co-òrdanachadh agus a toirt fàs air solarachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha i air a bhith ag obair gu dlùth le tidsearan agus le ùghdarrasan ionadail ann an roinnean àrd-sgoile, Foghlam Adhartach, Foghlam Àrd-Ìre agus Leasachadh agus Ionnsachadh Coimhearsnachd. Tha tuigse mhath aice air suidheachadh toinnte an fhoghlaim a bharrachd air Planadh Cànain agus Poileasaidhean aig ìre nàiseanta.

Tha i air leth taiceil do dhà-chànanachas agus dreuchdan eile air a bhith aice mar Mhanaidsear Phròiseactan Eadar-theangachaidh agus na Neach-taice Beurla ann an taobh a tuath na Spàinne.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “ Tha sinn air leth fortanach gu bheil cuideigin le eòlas cho farsaing gu bhith a’ neartachadh obair sgioba foghlaim Bhòrd na Gàidhlig. Gu sònraichte aig an àm seo, bidh sin a’ toirt taic do dh’ùghdarrasan ionadail agus na buidhnean eile gus na buannachdan aig FtG fhaighinn sna sgìrean aca agus a bhith a’ coileanadh amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig.”

Sgeama maoineachaidh Bòrd na Gàidhlig airson Oifigearan Leasachaidh Cànain air a ro-sgrìobhadh 220% agus fèill air a’ chànan a’ fàs

Tha aithisg bhliadhnail Bhòrd na Gàidhlig airson 2021-22 air nochdadh gu bheil fèill mhòr air a’ Ghàidhlig agus gu bheil seo a’ sìor fhàs às dèidh do sgeama ùr gus Oifigearan Leasachaidh Gàidhlig a mhaoineachadh 220 sa cheud a bharrachd de dh’iarrtasan fhaighinn na bh’ ann de dh’airgead – a’ ciallachadh gun deach £500,000 de mhaoineachadh a riarachadh do 21 buidhnean.

Tha an sgeama ùr air a dhealbh gus an àireamh de dh’oifigearan Gàidhlig a leudachadh anns na h-eileanan agus coimhearsnachdan dùthchail agus ann am bailtean-mòra agus cathair-bhailtean.

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ maoineachadh grunn bhuidhnean a bhios a’ fastadh oifigearan leasachaidh, agus mar thoradh air maoineachadh a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba, lìbhrig sinn sgeama maoineachaidh ùr a tha fosgailte do bhuidhnean san treas roinn a tha airson an cuid solar Ghàidhlig a leasachadh.

Bha fèill cho mòr air an sgeama is gun d’ fhuair e 30 tagradh, luach còrr air £800k, an taca ris a’ bhuidseit thùsail de £250k.

Mar thoradh air an iarrtas seo, dh’aontaich Bòrd na Gàidhlig stòrasan a bharrachd, a riarachadh don mhaoin, a’ dùblachadh a’ bhuidseit thùsail. Mar thoradh air seo, bha 21 buidheann comasach air oifigearan Gàidhlig fhastadh, a’ gabhail a-steach Comann nam Pàrant Phort Rìgh agus Seanadh Cultar Dualchais is Ealain Earra-Ghàidheal is nan Eilean’.

Tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd air cuideachadh le maoineachadh gus an t-àrd-ùrlar ùr SpeakGaelic a thoirt a-steach, a tha air a dhealbh gus taic a thoirt do dh’ionnsachadh a’ chànain.

Chaidh SpeakGaelic, a tha air a mhaoineachadh agus a chaidh a chruthachadh ann an com-pàirteachas eadar Bòrd na Gàidhlig, MG ALBA, am BBC agus Sabhal Mòr Ostaig, a chur air bhog san Dàmhair 2021 mar bhrannd ionnsachaidh ioma-thaobhach, a’ tabhann na dòigh-obrach as coileanta gus Gàidhlig ionnsachadh ann an ginealach. Tha SpeakGaelic a’ toirt cothrom do luchd-cleachdaidh air clasaichean aghaidh-ri-aghaidh, ionnsachadh air-loidhne fèin-threòraichte, agus susbaint sna meadhanan tro ghrunn àrd-ùrlaran – no tro na trì àrd-ùrlaran uile aig an aon àm.

Tha SpeakGaelic air aon de ghrunn phròiseactan a fhuair taic no a chaidh a stèidheachadh le Bòrd na Gàidhlig thairis air an 12 mìosan a dh’fhalbh, le iomairt #Cleachdiaigantaigh air tilleadh a chaidh a dhealbhadh le mòran chom-pàirtichean lìbhrigidh gus taic a thoirt dhaibhsan ann am foghlam Gàidhlig.

A bharrachd air £4.1m de mhaoineachadh a chaidh a sgaoileadh do 136 buidhnean thar na bliadhna a dh’fhalbh, tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd air obrachadh gu dlùth le 67 ùghdarrasan poblach air planaichean Gàidhlig a bheir taic dhan Ghàidhlig san àite-obrach agus sa bheatha phoblaich, a’ gabhail a-steach còig ùghdarrasan poblach a tha a’ cruthachadh a’ chiad phlana aca.

Tha na planaichean Gàidhlig seo nam blocaichean-togail a bheir follaiseachd dhan chànan air feadh na dùthcha, a tha a’ cur ri cothroman gus Gàidhlig a chleachdadh agus a tha cur ri a h-àbhaisteachadh.

Tron obair le ùghdarrasan poblach agus tro phlanadh cànain airson na Gàidhlig tha Bòrd na Gàidhlig air cur ris na goireasan Gàidhlig aig na buidhnean a tha a’ dìon agus a’ toirt piseach air an àrainneachd, mar eisimpleir, NatureScot agus Coilltearachd agus Fearann Alba.

A rèir na h-aithisg bliadhnail, fhuair am Bòrd Tabhartas-gus-Cuideachadh de bheagan is £5.6 millean uile gu lèir – feumaidh Bòrd na Gàidhlig obrachadh taobh a-staigh an riarachaidh ionmhasail seo a thugadh dhaibh le Ministearan na h-Alba.

Às an t-suim sin, bha £1.7 millean airson prìomh chosgaisean ruith, agus chaidh £2.4 millean gu maoinean leasachaidh Gàidhlig san fharsaingeachd – a’ gabhail a-steach maoineachadh coimhearsnachd do dhaoine, pròiseactan agus buidhnean, – agus £1.4 millean a dh’ionnsaigh Maoin Buileachaidh nam Planaichean Gàidhlig.

Thuirt Màiri NicAonghais, an Cathraiche, gu bheil Bòrd na Gàidhlig gu mòr airson togail air an ùidh agus an iarrtas a tha a’ sìor fhàs airson leasachadh a’ chànain.

Thuirt i: “Tha leasachadh agus cumail taic ris a’ Ghàidhlig air a bhith mar phrìomh adhbhar dhuinn fhad ’s a bha sinn trang a’ dèiligeadh ris a’ ghalar lèir-sgaoilte agus a bhuaidh air daoine fa leth agus air teaghlaichean, coimhearsnachdan agus buidhnean poblach.”

“Sheall Seachdain na Gàidhlig gu h-èifeachdach cho mòr ’s a bha an t-àrdachadh san ùidh ann an cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig aig àm a’ ghlasaidh-sluaigh. Tha an àireamh de luchd-ionnsachaidh tro SpeakGaelic a’ sealltainn na ghabhas dèanamh.

“Tha sinn a’ cumail oirnn a’ daingneachadh cho cudromach ’s a tha an teachdaireachd gum buin a’ Ghàidhlig ri Alba air fad agus tha sinn mothachail cuideachd air an ùidh eadar-nàiseanta anns a’ chànan agus sa chultar againn.

“Tha an t-àrdachadh san iarrtas airson Gàidhlig air feadh na dùthcha a’ cruthachadh an dà chuid cothrom agus dùbhlan – faodaidh an cànan fàs agus tòiseachadh air a bhith seasmhach ach tha feum air stòrasan mòra a bharrachd gus seo a dhèanamh.”

Thuirt t-àrd-oifigear Shona NicIllinnein gu bheil taic leantainneach do luchd-labhairt na Gàidhlig aig cridhe obair Bhòrd na Gàidhlig.

Thuirt i: “Is e taic do luchd-labhairt na Gàidhlig – co-dhiù tha iad air Gàidhlig a thogail san teaghlach, ann am FtG no a bheil iad ag ionnsachadh nan inbhich – adhbhar obair BnG. Tha sinn a’ maoineachadh raon de bhuidhnean a bhios a’ fastadh oifigearan leasachaidh gus an obair a tha a dhìth a thoirt air adhart agus mar thoradh air maoineachadh a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba, lìbhrig sinn sgeama maoineachaidh ùr a tha fosgailte do bhuidhnean san treas roinn a tha airson an cuid solar Ghàidhlig a leasachadh is a leabachadh. Tha e deatamach gun cùm sinn oirnn agus gum fàs sinn, gus ar buaidh a mheudachadh anns gach ceàrnaidh den dùthaich.”

Chaidh aithisg bhliadhnail sgrùdaichte Bhòrd na Gàidhlig fhoillseachadh cuideachd, leis a h-uile comharra càileachd air a làn choileanadh agus cha deach moladh sam bith a dhèanamh.

Thuirt Màiri NicAonghais: “Tha sinn a’ cur fàilte air co-dhùnaidhean na h-aithisg sgrùdaidh ùir, a tha a’ dearbhadh an adhartais chudromaich a tha sinn air dèanamh agus cumaidh sinn oirnn a’ dèanamh cinnteach gu bheil deagh riaghladh ann air feadh na buidhne. Cumaidh sinn oirnn a’ leantainn stiùireadh agus deagh chleachdadh gus dèanamh cinnteach gu bheil sinn daonnan ag atharrachadh agus a’ toirt air adhart na bhuidheann gus buannachd nas fharsainge a thoirt air leasachadh na Gàidhlig.”

Faodar an Aithisg Bhliadhnail a leughadh an seo.

Freagairt Bhòrd na Gàidhlig air Co-Chomhairleachadh Geallaidhean Riaghaltas na h-Alba do Ghàidhlig agus Albais agus Bile nan Cànan Albannach

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn a cur fàilte air Co-Chomhairleachadh Riaghaltais na h-Alba agus na geallaidhean leantainneach aca ris a’ Ghàidhlig, a tha a cur ri na h-amasan a th’againne airson a’ chànan. Tha sinn ag aithneachadh cho cudromach ‘s a tha cànanan dùthchasail na h-Alba air fad agus na tha iad a’ cur ri cultur na dùthcha agus sinn cuideachd a’ cur taic ri na molaidhean mu Albais sa cho-chomhairleachadh seo.” 

“Tha an fhianais bho Shuirbhidh Beachdan Sòisealta na h-Alba o chionn ghoirid a’ sealltainn gu bheil taic agus iarrtas airson na Gàidhlig a’ fàs, gu h-àraid a-measg dhaoin’ òga agus ‘s e ceum cudromach a tha seo a dh’ionnsaidh a bhith ag àbhaisteachadh a’ chànain.” 

“Tha barrachd is barrachd theaghlaichean a’ sireadh Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus a mhòr chuid de dh’Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba a nis a’ tabhann, no a’ tòiseachadh air Foghlam to mheadhan na Gàidhlig a thabhann. Tha na fìgearan às ùire a’ sealltainn gu bheil àrdachadh 21% anns na h-àireamhan de dh’òigridh ann am Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig aois bun-sgoile agus àrdachadh 16% aig aois àrd-sgoile thar na còig bliadhna a dh’fhalbh. Tha sinne gu mòr den bheachd gum feum an ro-innleachd nàiseanta ùr a bhith air a stiùireadh bho ìre mhinistearan gus stiùireadh nàiseanta agus buileachadh a sholarachadh, le Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gu mòr an sàs anns na buidhnean foghlaim ùra. Bu chòir leudachadh air còirichean phàrantan airson Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gus an cothrom Gàidhlig ionnsachadh a bhith aig gach sgoilear ann an Alba tro phrògram 1 + 2 mar phàirt den làn-chòir aca a dh’ionnsachadh mu dualchas cultarach beairteach na h-Alba agus a’ Ghàidhlig mar phàirt dhe.”  

 “Tha sinn a’ moladh gun lean Plana Nàiseanta na Gàidhlig air adhart mar ro-innleachd airson a’ Ghàidhlig a leasachadh ann an Alba. Tha sinn cuideachd a’ moladh gun tèid inbhe laghail na Gàidhlig a neartachadh tro Bhile nan Cànan Albannach ùr. Bidh iad seo air leth cudromach gus a bhith cinnteach gun lean Alba air adhart le bhith a’ leudachadh air cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig gu nàiseanta.”  

“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair le Riaghaltas na h-Alba agus na luchd-ùidh air fad gus fiosrachadh fhaighinn mu na h-ath cheumannan sa phròiseas pàrlamaid seo gus dreachd bile a leasachadh.  Cuideachd, bhitheamaid a’ brosnachadh dhaoine eile gus freagairt a chur a-steach.”  

Leugh am freagairt an seo

Toraidhean bhon Ceisteachan air Cleachdadh na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte innse mu na toraidhean a fhuair sinn tro ‘Cheisteachan air Cleachdadh na Gàidhlig 2022’. Chaidh an ceisteachan seo fhosgladh aig 8f air Là na Sàbaid, 19 An t-Ògmhios agus mhair e 24 uair a thìde. San ùine ud, fhuair sinn 761 freagairt – àrdachadh air an 473 a fhuair iad an-uiridh nuair a chaidh an t-aon cheisteachan a ruith air an aon cheann-là. Tha sinn uamhasach taingeil do gach neach a ghabh an cothrom an ceisteachan cudromach seo a lìonadh.

Chaidh na h-aon cheistean fhaighneachd am-bliadhna gus am b’ urrainn dhuinn coimeas a dhèanamh eadar na toraidhean.

Am measg nan toraidhean, thuirt 69% de dhaoine a fhreagair gum bi iad a’ cleachdadh an cuid Gàidhlig gu làitheil.

Thuirt còrr is an darna leth (50.3%) gun robh iad a’ cleachdadh barrachd Gàidhlig am-bliadhna an coimeas ris a’ bhliadhna an-uiridh.

Chaidh iarraidh air daoine ceistean a fhreagairt mun uiread de Ghàidhlig a thathar a’ cleachdadh ann an diofar roinnean-beatha an taca ris a’ bhliadhna an-uiridh.

  • Thuirt a’ chuid as motha de dhaoine gun robh iad a’ cleachdadh a cheart uiread (48%) no nas motha (45%) de Ghàidhlig air-loidhne.
  • Thuirt a’ chuid as motha de dhaoine gun robh iad a’ cleachdadh a cheart uiread (63%) no nas motha (30%) de Ghàidhlig san dachaigh.
  • Thuirt a’ chuid as motha de dhaoine gun robh iad a’ cleachdadh a cheart uiread (64%) no nas motha (25%) de Ghàidhlig san sgoil/oilthigh/colaiste/nan cuid obrach.
  • Thuirt a’ chuid as motha de dhaoine gun robh iad a’ cleachdadh a cheart uiread (60%) no nas motha (29%) de Ghàidhlig sa choimhearsnachd.

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha seo na adhbhar thoileachas dhuinn an àrdachadh seo ann an cleachdadh na Gàidhlig fhaicinn sna diofar roinnean seo. Ged is e sealladh beag a tha seo an coimeas ris an coimhearsnachd Ghàidhlig air fad, tha e gu math cuideachail cothrom a bhith againn coimeas a dhèanamh eadar na freagairtean a tha sinn a’ faighinn gach bliadhna agus tha e cuideachd a’ cur ri amasan a’ Phlana Nàiseanta gus Gàidhlig àbhaisteachadh.”

Cumaibh sùil a-mach san Ògmhios nuair a thig cothrom gus an ceisteachan a lìonadh airson 2023.