Ceannard Bhòrd na Gàidhlig a leigeil dhith a dreuchd

 Tha Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Shona NicIllinnein, air co-dhùnadh a dreuchd a leigeil dhith, bho 31 Damhair am-bliadhna, às dèidh seachd bliadhna ag obair leis a’ Bhòrd. 

Tha i air fios 6 mìosan a thoirt seachad gum bi i a’ leigeil dhith a dreuchd. Tha seo nas fhaide na an rabhadh trì mìosan a dh’fheumar toirt seachad, gus an cothrom as fheàrr a thoirt dhan Bhòrd ceannard ùr fhastadh mus fhalbh i. 

Thuirt Shona: “Bha an t-àm mar Cheannard na àm far an robh leasachaidh is fàs ann dhan Ghàidhlig agus dhan bhuidhinn. Tha seo air a bhith na àm de dh’atharrachadh mòr do Bhòrd na Gàidhlig. Tha seo air a bhith na àm brosnachail is buannachdail agus tha mi air a bhith fortanach a bhith a’ faighinn taic fìor mhath bho sgioba tàlantach is ùr-ghnàthach. 

“Tha e air a bhith na urram dha-rìribh a bhith os cionn Bòrd na Gàidhlig tron ùine seo. Às dèidh sin a ràdh, ge-tà, tha mòran chothroman agus dhùbhlain fhathast ann thar nan 6 mìosan a tha romhainn agus cumaidh mi orm a’ cluich mo phàirt ann a bhith a’ dèiligeadh riutha sin, agus mi a’ dèanamh nas urrainn dhomh gus dèanamh cinnteach gum bi eadar-ghluasad rèidh ann. Mar sin bidh mi a’ cumail orm mar as àbhaist chun na Samhna agus an uair sin tha mi an dùil ùine a chur seachad leis an teaghlach agus a’ siubhal.” 

Thuirt an Cathraiche, Màiri NicAonghais: “Ged a tha mi gu math brònach an naidheachd seo a chluinntinn, tha mi gu mòr an comain Shona airson ùine a thoirt dhuinn an neach ceart a lorg airson a’ phrìomh dhreuchd seo agus gus am bi tar-ghluasad rèidh ann. ’S e Ceannard air leth a th’ ann an Shona a tha air cruth-atharrachadh a thoirt air a’ Bhòrd, ga stiùireadh tro àm air leth dùbhlanach, agus a chruthaich buidheann a bhios comasach air cothroman a thoirt gu buil san àm ri teachd. Tha mi a’ guidhe gach soirbheachas dhi airson an àm ri teachd.”