Teachdaireachd Co-obrachaidh airson na Bliadhna Ùire bho Chathraiche Bhòrd na Gàidhlig

Tha Bliadhna Ùr agus Plana Nàiseanta ùr airson na Gàidhlig a’ cruthachadh cothrom gus builean a choileanadh tro cho-obrachadh, a rèir Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig. A’ bruidhinn agus i a’ cur fàilte air a’ Bhliadhna Ùir agus toiseach an ath Phlana Nàiseanta airson 2023–28, a chaidh fhoillseachadh aig deireadh 2023, thuirt Màiri NicAonghais:

“A’ coimhead air adhart ri àm a bhios gu math cudromach dhan Ghàidhlig, tha mi air leth toilichte gu bheil Plana Nàiseanta againn a leigeas leinn obrachadh còmhla gus adhartas a dhèanamh ann am brosnachadh agus leasachadh na Gàidhlig. Aig a chridhe, tha leudachadh a ghabhas tomhas san àireimh dhaoine a tha a’ bruidhinn, ag ionnsachadh, a’ cleachdadh agus a’ toirt taic dhan Ghàidhlig.

“Tha Bòrd na Gàidhlig a’ dol a dh’ullachadh Plana Corporra a-nis a mhìnicheas mar a choileanar na h-amasan agus targaidean anns na prìomh raointean ainmichte sa Phlana Nàiseanta. Feumar co-obrachadh gus soirbheachadh agus bheir am Plana Nàiseanta seo ùghdarrasan, buidhnean, agus coimhearsnachdan còmhla, gu dearbh, bheir e còmhla a h-uile duine aig a bheil ùidh ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gun soirbhich a’ Ghàidhlig air feadh na h-Alba, agus nas fhaide air falbh.

“Tha mi cuideachd a’ cur ìmpidh air a h-uile duine a dhol an sàs ann am pròiseas Bile nan Cànan Albannach, a bhios a’ dèanamh a shlighe tro Phàrlamaid na h-Alba am-bliadhna. Tha reachdas na bhunait chudromach airson leasachadh agus tèarainteachd a’ chànain agus feumaidh sinn an cothrom seo a ghabhail gus inbhe laghail na Gàidhlig a neartachadh.”

Faodar barrachd a leughadh mun Phlana Nàiseanta Gàidhlig an seo.