Aithris a’ Cheannard Chomataidh Foghlaim, Cloinne, is Daoine Òga

Thuig sgioba-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig fianais don Chomataidh Foghlaim, Cloinne, is Daoine Òga madainn an-diugh is iad a’ bruidhinn mu Bhile nan Cànan Albannach. Chaidh an aithris fhosglaidh a thoirt seachad le Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Ealasaid Dhòmhnallach, is teachdaireachd làidir aice.

“’S e àm cudromach a tha seo dhan Ghàidhlig agus bheir na co-dhùnaidhean a nì sinn an-diugh buaidh mhòr air ar cànan san àm ri teachd. Agus nuair a chanas mi ar cànan, tha mi a’ ciallachadh cànan na h-Alba. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air a’ Bhile seo. Tha e na cheum air adhart ann an slighe reachdail na Gàidhlig agus chuireamaid gu làidir an aghaidh moladh sam bith nach bu chòir dha a dhol air adhart.

“Dhan fheadhainn againn a bha an làthair aig cuirm gus 50 bliadhna de Shabhal Mòr Ostaig a chomharrachadh oidhche Ardaoin, chuir e ri sunnd an tachartais gun robh an naidheachd air tighinn am bàrr gum bi ball anns a’ Chaibineat aig a bheil Gàidhlig leis an dleastanas airson a’ chànain. Cuideigin a tha an da-rìribh a’ bruidhinn agus a’ tuigsinn ar cànan. Tha sinn an dòchas gun tèid gu math le Ms Fhoirbeis san dreuchd aice agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla rithe.

“Tha sinn an dòchas gun atharraich seo an dòigh-obrach a thaobh na Gàidhlig taobh a-staigh an Riaghaltais agus gun tèid beachdachadh air a’ Ghàidhlig thairis air portfoliothan, far as urrainn dhan chànan a bhith na pàirt den fhuasgladh, agus gum bi cothrom air dòigh-obrach poileasaidh aonaichte. Dhèanadh seo tòrr gus an cànan a neartachadh.

“Agus, tha am Bile seo na phàirt den obair gus an cànan a neartachadh aig ìre poileasaidh. Bidh prìomh eileamaidean den Bhile, a’ gabhail a-steach atharrachaidhean air gnìomhan Bhòrd na Gàidhlig agus bun-inbhean airson phlanaichean, gar gluasad air adhart gus dèanamh cinnteach gu bheil na siostaman a th’ againn a’ cumail taic ris a’ chànan. Agus tha e deatamach gun tèid na h-eileamaidean foghlaim den Bhile a chur an gnìomh. Tha feum air soilleireachd air a’ phrìomh mholadh, sgìrean cànain sònraichte, agus bidh obair na comataidh ro-chudromach ann a bhith a’ dèanamh seo.

“Ach, cha bhi an reachdas seo na fhuasgladh air na ceistean a tha romhainn aig ìre leasachaidh coimhearsnachd, a dh’fheumas modal tasgaidh ùr agus follaiseach gus na targaidean ann am Plana Nàiseanta ùr na Gàidhlig a lìbhrigeadh.

“Feumaidh mi iomradh a thoirt air ar tagradh a thaobh Meòrachan Ionmhais a’ Bhile, far a bheil sinn a’ daingneachadh cho cudromach ’s a tha e modal ionmhais a bhith mar phrìomh eileamaid ann an soirbheachas an reachdais seo. Mar a thuirt sinn san tagradh sgrìobhte againn “Gus a làn bhuaidh a choileanadh, feumaidh taic a bhith aig a’ Ghàidhlig air feadh an Riaghaltais le maoineachadh cothromach a tha a rèir dleastanasan reachdail Bhòrd na Gàidhlig”.

“Chan e cànan a-mhàin a th’ anns a’ Ghàidhlig. Do mhòran, mi fhìn nam measg, tha i na dhòigh-beatha, aig cridhe mo cheangal ri mo chultar, mo dhualchas agus mo mhiannan airson mo theaghlach agus mo choimhearsnachd. Do dh’Alba, tha i na prìomh eileamaid den chomann-shòisealta anns a bheil sinn beò, de ar n-eachdraidh agus bidh i air leth cudromach dhuinn san àm ri teachd.  Tha i na stòras sòisealta, eaconamach agus cultarail. Tha i gun phrìs is gun samhail. Tha an reachdas seo na cheum air adhart.  Cha toir e dhuinn a h-uile fuasgladh a tha a dhìth oirnn, agus feumar prìomhachas a thoirt ri bhith a’ dèiligeadh ris a’ mhodail maoineachaidh mhì-fhreagarrach, ach bidh e na phrìomh cheum ann a bhith a’ gluasad air adhart solar airson na Gàidhlig.”

Chaidh clàradh a dhèanamh air an t-seisean agus tha e ri coimhead air làrach-lìn Phàrlamaid na h-Alba.