Tha Bòrd na Gàidhlig ag iarraidh air daoine òga cuideachadh le bhith a’ cruthachadh linn ùr dhan Ghàidhlig

Tha prìomh bhuidhnean ann an saoghal na Gàidhlig a’ brosnachadh dhaoine òga air feadh na dùthcha gus na guthan aca a thogail is Bòrd na Gàidhlig a’ cur chothroman air bhog gus èisteachd riutha.

Bidh BnG a’ ruith shuirbhidhean air loidhne do dh’òigridh stèidhichte air na beachdan is molaidhean aca a thaobh cleachdadh na Gàidhlig agus mar a bheirear àrdachadh dha anns na coimhearsnachdan aca.

Bidh an dà shuirbhidh, a thèid a sgaoileadh do sgoiltean agus buidhnean coimhearsnachd, do sgoilearan Bun-sgoil clas 5-7, sgoilearan Àrd-sgoile ÀS1-ÀS6 agus do luchd-fàgail na sgoile. Thèid na suirbhidhean a ruith gu ruige 15mh den t-Samhain, fhad ’s a bhios a’ bhuidheann leasachaidh Gàidhlig a’ cruinneachadh bheachdan a tha deatamach a thaobh a’ chànain san àm ri teachd agus mar as urrainn do daoine òga cur ri seo air feadh na h-Alba.

Bidh na suirbhidhean seo cuideachd a’ cur ri trì buidhnean fòcais air loidhne a tha gan cur air dòigh le BnG ann an com-pàirteachas le buidhnean leithid Comunn na Gàidhlig, Fèisean nan Gàidheal agus YoungScot, mar phairt den iomairt #cleachdi. Bidh iad a’ toirt cothrom do dhaoine òga fa leth a lionas na suirbhidhean a bhith a’ dol an sàs sna buidhnean. Tha sinn an dùil gum bi seo a’ brosnachadh sgoiltean, bhuidhnean coimhearsnachd agus ùghdarrasan ionadail daoine òga a chur air adhart agus na buidhnean cleachdaidh is iomairtean Gàidhlig aca fhèin a ruith.

Thuirt Lucy Hannah, Tosgaire Òg na Gàidhlig 2019-20: “Tha soirbheas na Gàidhlig san àm ri teachd an urra ri Gàidheil òga a bhith a’ gabhail seilbh air a’ chùis agus a bhith a’ taghadh na slighe air adhart dhaibh fhèin. Tha Bòrd na Gàidhlig air fìor dheagh chothrom a thoirt do dhaoine òga na beachdan aca a chur an cèill agus gus an cànan againn a neartachadh. Mar sin, tha e ro-chudromach gun gabh daoine òga pàirt san iomairt seo.”

Thuirt Shona NicIllInnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Is e amas a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig gun tèid a’ Ghàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann am barrachd shuidheachaidhean agus tha pàirt ro-chudromach aig daoine òga gus dèanamh cinnteach gun tachair seo aig an àm seo agus san àm ri teachd. ”

“Bhrosnaichinn uiread ’s a ghabhas de dh’òigridh air feadh na h-Alba gus pàirt a ghabhail anns na suirbhidhean air loidhne againn. Gu tric, tha daoine òga gu math tionnsgalach agus tha sinn a’ faicinn seo mar fhìor dheagh chothrom airson a bhith a’ toirt cruth-atharrachadh air a’ Ghàidhlig. San aithghearrachd, bidh am fiosrachadh bho na suirbhidean is na buidhnean a’ dèanamh cinnteach gu bheil sinne agus ar com-pàirtichean a’ freagairt ris na feumlachdan is na h-iarrtasan aig òigridh na Gàidhlig.

“Tha seo na àm ro chudromach dhan Ghàidhlig san fharsaingeachd agus tha e fìor chudromach cho fad ’s gu bheil sinn ag ullachadh airson an ath phlana nàiseanta, gum bi ar ceumannan air stiùireadh gu ceart gus dèanamh cinnteach gun lean cleachdadh na Gàidhlig fad ghinealaichean ri teachd.”

Gheibhear ceanglaichean nan suirbhidhean an seo:

Fios as ùire: Dhùin an ceisteachan seo ri freagairtean air an 15mh Samhain 2020.