£90k ga chur gu pròiseactan coimhearsnachd air feadh na h-Alba

Tha Bòrd na Gàidhlig (BnG) toilichte a ràdh gu bheil iad a’ cur £89,520 gu pròiseactan stèidhichte ann an coimhearsnachdan air feadh na h-Alba tro sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd (TFC).

Chaidh an sgeama TFC a stèidheachadh gus taic a thoirt do bhuidhnean coimhearsnachd gus pròiseactan a chur an gnìomh a bhios a’ cur ri prìomhachasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig.

Tha 35 pròiseactan gu bhith a’ faighinn taic-airgid bho sgeama TFC airson na bliadhna 2021-22.

Am measg nam pròiseactan soirbheachail, tha clasaichean Gàidhlig, taic do bhuidhnean Mòid is Comann nam Pàrant agus pròiseactan sònraichte a chuireas taic don Ghàidhlig. Tha na pròiseactan gan ruith air feadh na dùthcha, a’ gabhail a-steach sgìrean leithid Inbhir Chluaidh, Obar Dheathain, Sruighlea agus a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Tha buidhnean leithid Fèis Taigh Dhonnchaidh, Urras an Taobh Sear agus Rural Nations Scotland an dùil pròiseactan a ruith le taic bhon sgeama.

Thuirt Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd:
“Tha sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd gu mòr a’ cur ri amas a’ Phlana Nàiseanta gun tèid Gàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann am barrachd shuidheachaidhean. Tha e a’ toirt toileachas mòr dhuinn gu bheil farsaingeachd de sgìrean is phròiseactan air feadh na dùthcha gu bhith a’ faighinn taic agus a’ toirt fàs air a’ Ghàidhlig ann an coimhearsnachdan.

“Tha sinn a’ tuigsinn gun tug suidheachadh Covid-19 buaidh air an obair a tha buidhnean a’ dèanamh anns na coimhearsnachdan aca fhèin agus tha tòrr aca ag obair air loidhne an-dràsta. Tha sinn an dùil gum bi na dòighean obrach seo a’ leantainn air adhart airson greis fhathast agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri tachartasan agus pròiseactan aghaidh ri aghaidh fhaicinn a-rithist tron bhliadhna a tha romhainn.

“Bu mhath leinn taing mhòr a thoirt dhan a h-uile duine a tha ag obair gu math cruaidh anns na coimhearsnachdan aca fhèin gus cleachdadh na Gàidhlig a thoirt air adhart aig an àm dùbhlanach a tha seo agus tha sinn cinnteach gum bi an taic-airgid seo gu math cuideachail ann an sgìrean air feadh na h-Alba.”

Bha an sgeama fosgailte airson 9 seachdainean eadar 10 Samhain 2020 agus 14 Faoilleach.

Tha liosta iomlan de na pròiseactan soirbheachail ri fhaighinn an-seo.