Am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig airson 2018-2023 air fhoillseachadh

Chaidh am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig ùr fhoillseachadh aig Pàrlamaid na h-Alba an-diugh (Diciadain 28 Màrt), Plana a tha a’ sealltainn mar a thèid fàs a thoirt air a’ Ghàidhlig aig ìre nas luaithe ann an Alba.

’S e prìomh amas a’ Phlana, gun tèid Gàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann am barrachd shuidheachaidhean. Tha na prìomh theachdaireachdan, amasan, raointean leasachaidh agus geallaidhean ùra a chithear sa Phlana uile a’ toirt taic don àrd-amas seo gum bi Gàidhlig air a cleachdadh barrachd. Am measg prìomh theachdaireachdan is amasan a’ Phlana tha:

  • Gum buin a’ Ghàidhlig do dh’Alba air fad
  • A’ cur deagh ìomhaigh air adhart airson na Gàidhlig
  • A’ toirt fàs air ionnsachadh na Gàidhlig; agus
  • A’ toirt fàs air cleachdadh na Gàidhlig

Thuirt Iain Swinney, an Leas Phrìomh Mhinistear agus Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam is Sgilean, agus e a’ cur fàilte air a’ Phlana: “Tha e a’ toirt toileachas mòr dhomh am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig ùr seo fhoillseachadh a tha a’ sealltainn mar a tha a’ Ghàidhlig a’ cur ri iomadh pàirt de bheatha muinntir na h-Alba ann an dòighean sònraichte agus cudromach. Tha e riatanach gum bi prìomh amasan aontaichte againn a tha soilleir agus gun cùm sinn oirnn ag obair còmhla gus àrdachadh a thoirt air an àireamh dhaoine a tha a’ bruidhinn, ag ionnsachadh agus a’ cleachdadh a’ chànain. Bu mhath leam moladh a dhèanamh air an obair a rinn Bòrd na Gàidhlig le bhith ag ullachadh a’ Phlana seo agus tha mi a’ coimhead air adhart, thairis air an ath chòig bliadhna, ri bhith a’ faicinn mar a thèid na cothroman a ghabhail a tha air an comharrachadh sa Phlana airson co-obrachaidh, airson adhartas a dhèanamh agus airson iomairtean lèirsinneach a chur an sàs.”

Ann a bhith ullachadh a’ Phlana còig-bliadhna seo, chaidh beachdan a shireadh bho dhaoine, coimhearsnachdan, buidhnean Gàidhlig, buidhnean saor-thoileach, agus ùghdarrasan poblach mar phàirt de cho-chomhairleachadh farsaing a chaidh a chumail. Seo an treas Plana Nàiseanta aig Bòrd na Gàidhlig – a’ bhuidheann phoblach ris a bheil e an urra a’ Ghàidhlig a chur air adhart agus piseach a thoirt air cor a’ chànain ann an Alba.

Thuirt Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Ailean Dòmhnallach: “Leis a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig airson 2018-2023 thathar ag amas air Gàidhlig a thoirt air adhart air feadh Alba. Tha e gu math freagarrach, agus sinn a’ comharrachadh Bliadhna na h-Òigridh an-dràsta, gu bheil tòrr de na prìomh amasan is geallaidhean ag amas air àrdachadh a thoirt air an àireamh de dhaoine òga a tha ag ionnsachadh is a’ cleachdadh na Gàidhlig.”

“Bidh Bòrd na Gàidhlig, le taic bho Riaghaltas na h-Alba agus bho luchd-poilitigs bho gach pàrtaidh, ag obair còmhla ri luchd-compàirt is coimhearsnachdan air an dùthaich agus sna bailtean gus an cànan a chur air adhart air feadh Alba. Thèid gach cothrom a ghabhail far an urrainn don Ghàidhlig cur ri fàs ann an eaconamaidh na h-Alba tro ghnothachas, foghlam, foillseachadh, na h-ealain, litreachas, dràma, na meadhanan agus ceòl. Nì sin cinnteach gun tig a’ Ghàidhlig am feabhas sna bliadhnaichean a tha romhainn.”

Am measg nam prìomh raointean leasachaidh a bhios ann thairis air an ath chòig bliadhna tha:

  • Iomairtean a bhios a’ brosnachadh dhaoine òga gu bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig
  • Bidh a’ Ghàidhlig a’ cur barrachd luach ri eaconamaidh na h-Alba air feadh dhiofar roinnean
  • Thèid leudachadh a thoirt air an iarrtas a th’ ann airson foghlam Gàidhlig agus air na th’ ann de chothroman air foghlam Gàidhlig
  • Thèid adhartas a dhèanamh le bhith a’ trusadh, a’ gleidheadh, a’ trèanadh agus a’
  • solarachadh luchd-obrach airson Foghlam tron Ghàidhlig
  • Gàidhlig san teaghlach
  • Thèid Planaichean Gàidhlig a dhealbh is a chur an gnìomh le buidhnean poblach; agus
  • A’ dèanamh follaiseach luach sòisealta, eaconamach is cultarach na Gàidhlig

Am measg nam buidhnean a chuir fàilte air a’ Phlana bha Comhairle nan Eilean Siar.

Thuirt Neach-gairm na Comhairle, Tormod A Dòmhnallach: “Ged a tha dùbhlain mar coinneimh ann an dàimh ri àireamh-sluagh, taigheadas agus cosnaidhean tha a’ Chomhairle air brath a ghabhail air na cothroman ùra tro sgeamaichean riaghaltais leithid Sgeama Phreantasachd far a bheil misneachd ga thoirt do dh’ òigridh nan eilean cosnadh fhaighinn fhad `s a tha iad a’ toirt a-mach ceum ann an cuspair a bhios ùiseil san àm ri teachd. Tha a’ Chomhairle cuideachd an dòchas cothrom a ghabhail air Sgeama Taigheadas Riaghaltas na h-Alba far an tèid barrachd thaighean a thogail ann an coimhearsnachdan air feadh nan eilean. Tha fàisg air trì chairteal de dh’ fhearann na h-Eileanan an Iar a-nis ann an làmhan nan coimhearsnachdan agus tha sinn air dearbhadh fhaighinn air a’ bhuaidh a th’ann dha coimhearsnachdan smachd a  bhith aca air an fhearann aca fhèin agus a’ mhisneachd a tha seo a’ togail, an dà chuid a thaobh fèin-aithne agus mar a tha coimhearsnachdan a’ greimeachadh ri cudromachd chànain is chultair nan sgìrean aca fhèin.

“Tha a’ Chomhairle a’ cur fàilte air a’ Phlana Nàiseanta ùr agus tha sinn toilichte gu bheil  Bòrd na Gàidhlig a’ cur luach air misneachd choimhearsnachdan. Tha sinne dealasach don Ghàidhlig agus a cultar agus cumaidh sinn oirnn ag obair ann an co-bhanntachd le Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig agus buidhnean is coimhearsnachdan gu h-ionadail .”

Thug Charlotte Wright, Àrd-oifigear Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, iomradh air aon de na raointean leasachaidh cudromach sa Phlana – mar as urrainn fàs ann an cleachdadh na Gàidhlig cur ri eaconamaidh na h-Alba. “A’ togail air an rannsachadh a rinn sinn ann an 2014, ‘Ar Stòras Gàidhlig’, tha sinn a’ cur ar làn-thaice ris na geallaidhean ùra seo gus leudachadh air na ceanglaichean eadar cànan is cultar agus fàs san eaconamaidh,” thuirt i.

“Tha seo gu h-àraidh cudromach do choimhearsnachdan far a bheil Gàidhlig air a bruidhinn le cuid mhath den t-sluagh agus tha sinn ag obair còmhla riutha gus cothroman a chruthachadh airson daoine a thàladh is a ghleidheadh, gu h-àraidh daoine òga. Tha a’ Ghàidhlig a’ cur ris na cothroman obrach sna gnìomhachasan cruthachail, ann am foghlam, sna roinnean turasachd is dualchais, agus ann an roinn a’ bhìdh is na dibhe.

“Tha cothroman nach beag a’ nochdadh air sàillibh mar as urrainn don chànan cur ri fàs ann an eaconamaidh na sgìre. Tha sinn ag aithneachadh mar as urrainn don Ghàidhlig cur ri sgilean dhaoine, na sgilean obrach aca agus mar as urrainn don chànan daoine a mhisneachadh gu bhith ri barrachd obrach tionnsgalach agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cur taic ri adhartachadh na Gàidhlig ann an Alba.”

Thuirt an Comhairliche Fergal Dalton, Neach-labhairt Comhairle Baile Ghlaschu airson Chùisean Gàidhlig: “Tha e a’ toirt toileachas mòr dhomh, às leth Comhairle Baile Ghlaschu, fàilte a chur air a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig ùr, gu h-àraidh mar a tha am Plana a’ cur prìomhachas air ionnsachadh mar mheadhan cudromach gus fàs a thoirt air a’ Ghàidhlig.”

“Tha am baile againn moiteil às an obair a tha sinn a’ dèanamh gus foghlam Gàidhlig a chur air adhart agus chunnacas àrdachadh mòr san iarrtas airson FtG sna beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh. Dh’fhosgail an dàrna bun-sgoil Ghàidhlig againn an-uiridh agus chaidh an naidheachd fhoillseachadh o chionn ghoirid gum bi fo-roinn de Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a’ fosgladh airson na teirm ùir san Lùnastal gus frithealadh air an iarrtas a th’ ann.”

“Chan eil ann ach seachdain bho bha sinn a’ dèanamh toileachas ris an naidheachd gur h-i Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an sgoil stàite aig a bheil na h-ìrean-coileanaidh as fheàrr ann an Alba.”

“’S e baile ioma-chultarach a th’ ann an Glaschu agus tha a’ Chomhairle den bheachd gu bheil Gàidhlig mar phàirt de dhualchas a h-uile duine sa bhaile agus tha mar a tha FtG agus ionnsachadh na Gàidhlig a’ dol am meud air feadh a’ bhaile a’ sealltainn mar a tha daoine gu fad is farsaing a’ cur eòlas air agus ag ionnsachadh na Gàidhlig.”

Chuir an seinneadair ainmeil agus Ceannard Fèisean nan Gàidheal, Art MacCarmaig, fàilte air amasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig 2018-23 cuideachd.

“Tha na h-ealain a’ toirt cothrom do dhaoine de gach aois Gàidhlig a chleachdadh,” thuirt e. “Tha na h-ealain a’ tarraing aire dhaoine chun a’ chànain agus bheir iad misneachd do chuid a dhaoine Gàidhlig ionnsachadh. Tha na h-ealain cudromach cuideachd a thaobh mar a tha iad a’ cur ri luach eaconamach na Gàidhlig, oir tha tòrr dhaoine ann a tha a’ faighinn cosnadh sna gnìomhachasan cruthachail.”

“’S ann tro na h-ealain a tha tòrr dhaoine a’ cleachdadh agus a’ cur eòlas air a’ chànan agus tha na h-ealain a’ cur ri ìomhaigh na Gàidhlig aig ìre ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta tro thachartasan agus na meadhanan. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri diofar bhuidhnean gus cuideachadh le bhith a’ toirt a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig gu buil.”

Am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2018-2023