Co-chomhairle mu leasachadh na Gàidhlig san àm ri teachd

Bòrd na Gàidhlig a’ cur co-chomhairle air dòigh mu leasachadh na Gàidhlig san àm ri teachd

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ toirt cuireadh do choimhearsnachdan a bhith a’ co-obrachadh leotha gus an ath Phlana Nàiseanta Gàidhlig a chruthachadh agus iad a’ cur sreath de choinneamhan poblach air dòigh.

Cumaidh a’ bhuidheann phoblach còig seiseanan mun Phlana Nàiseanta san Ògmhios, leis a’ phrìomh amas a bhith a’ cruinneachadh bheachdan air mar as èifeachdaiche as urrainn dhan ath Phlana Nàiseanta taic a chumail ri leasachadh na Gàidhlig air feadh na h-Alba.

Tha a’ cho-chomhairle a’  togail air a’ cheisteachan a sgaoil Bòrd na Gàidhlig (BnG) san Dùbhlachd 2020 mu chiad smuaintean air an ath Phlana Nàiseanta, agus tha i cuideachd a’ cur air adhart nan co-dhùnaidhean bho dhiofar chòmhraidhean le coimhearsnachdan sa bhliadhna mu dheireadh.  Thèid an ath Phlana Nàiseanta fhoillseachadh ann an 2023.

A rèir amasan a’ Phlana Nàiseanta Gàidhlig làithrich, tha BnG a’  feuchainn ri dhèanamh cinnteach gum bi a’ bhuaidh as motha ‘s a ghabhas aig taic do chothroman gus an cànan a chleachdadh, ionnsachadh agus a bhrosnachadh.

Bidh gach coinneamh a’ coimhead air coimhearsnachd eadar-dhealaichte gus am bi an còmhradh nas fhòcasaichte. Bidh an aon chruth aig gach coinneamh.

Thèid seiseanan a chumail do luchd-labhairt a th’ anns na h-eileanan agus ann an sgìrean dùthchail, do luchd-labhairt na Gàidhlig a tha a’ fuireach ann am bailtean-mòra is cathair-bhailtean, dhaibhsan a bhios a’ gabhail pàirt sa choimhearsnachd cànain air-loidhne, agus do dh’òigridh. Thèid seisean a chumail sa Bheurla cuideachd.  A bharrachd air seo, bidh roghainn ann beachdan a chur a-steach tro phost-d mar phàirt den phròiseas.

Thèid gach coinneamh fhosgladh le Cathraiche BnG, Màiri NicAonghais, agus an uair sin bi taisbeanadh ann bho Dhaibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain agus Leasachaidhean Coimhearsnachd, Daibhidh Boag.

Bidh an taisbeanadh a’ coimhead gu sònraichte air na prìomh phuingean bho ghrunn cho-chomhairleachaidhean agus deasbadan thairis air a’ bhliadhna mu dheireadh, a’ gabhail a-steach: Ceisteachan Bhòrd na Gàidhlig air a’ Phlana Nàiseanta, Suirbhidh air Cleachdadh na Gàidhlig a-measg Dhaoine Òga agus a’ Cho-chomhairle Ro-innleachdail aige air maoineachadh, cho math ri còmhraidhean coimhearsnachd mu chleachdadh na Gàidhlig anns na h-eileanan, a chaidh a chur an comas le Alasdair Allan BPA agus BPAan eile, cho math ri sreath de chòmhraidhean a chaidh a stiùireadh leis an Leas-phrìomh Mhinistear Iain Swinney BPA.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha glèidheadh agus leasachadh na Gàidhlig san àm ri teachd sàr chudromach gus dèanamh cinnteach gun seas pàirt fìor mhòr de dhualchas na h-Alba agus gus cur ri a làithreachd ann an Alba. Tha Bòrd na Gàidhlig daonnan ag obair gus an cànan a chumail aig bàrr a’ chlàr phoilitigich gus dèanamh cinnteach gum bi taic aice gus am mair is gun soirbhich i san 21mh linn.

“Tha e deatamach gun aithnich barrachd dhaoine cho cudromach ’s a tha an cànan air feadh na dùthcha air fad.  Chaidh na seiseanan seo a dhealbhadh gus cothrom a thoirt dhan phoball beachdan a thoirt seachad, gus an gabh am beachdan fhighe a-staigh don ath Phlana Nàiseanta airson na Gàidhlig.”

Thèid na coinneamhan a chumail mar a leanas: 7 Ògmhios – coimhearsnachdan eileanach agus dùthchail; 9 Ògmhios – òigridh (4.30-6f); 10 Ògmhios – daoine a tha a’ fuireach ann am bailtean-mòra agus cathair-bhailtean, 14 Ògmhios – coimhearsnachd air-loidhne;  Ògmhios 17 – seisean sa Bheurla. Thèid gach coinneamh a chumail eadar 7-8f (ach a-mhàin a’ choinneamh do dh’òigridh).

Faodaidh suas ri 35 duine a bhith an làthair aig gach seisein.  Thèid barrachd sheiseanan a chur air dòigh ma tha gu leòr iarrtais ann. Bidh an taisbeanadh ri fhaighinn air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig cuideachd, agus is urrainn dhan fheadhainn nach eil comasach a bhith an làthair an cuid bheachdan a chur a-steach gu: fios@gaidhlig.scot.

Gus clàradh airson an tachartais, faic: https://www.eventbrite.co.uk/e/plana-naiseanta-gaidhlig-coinneamhan-poblach-registration-156515306495.