Bòrd na Gàidhlig a’ toirt maoineachadh ro-chudromach do bhuidhnean agus comainn coimhearsnachd airson 50 pròiseact Gàidhlig

Graphic: Gaelic Language Implimentation Fund Logo. Text reads 'Gaelic Language Implimentation Fund'.

Tha Bòrd na Gàidhlig air cha mhòr £600,000 a thoirt do 50 pròiseact Gàidhlig mar phàirt de Mhaoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF).

 

Tha Comhairle nan Eilean Siar air aon de ghrunn bhuidhnean sna h-Eileanan Siar a bhios a’ faighinn maoineachadh airson farsaingeachd de phròiseactan, a’ gabhail a-steach duais de £20,000 gus clasaichean Gàidhlig a thoirt do na preantasan aca.

 

Tha a’ Chomhairle cuideachd air £2,300 fhaighinn gus taic a chumail ri eSgoil gus prògram de ghnìomhachdan air-loidhne a thoirt do chlann gus cur ris na sgilean cànain aca, agus £11,250 a bharrachd gus cothrom a chruthachadh do suas ri 15 oileanaich aig a bheil Gàidhlig greis-gnìomhachais samhraidh a dhèanamh ann an obair far am bi iad a’ cleachdadh na Gàidhlig.

 

Am measg nam buidhnean eile a fhuair maoineachadh, tha Sabhal Mòr Ostaig, a tha air maoineachadh fhaighinn airson ceithir pròiseactan fa-leth a’ gabhail a-steach pìleat, ann an com-pàirteachas le sgoiltean air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan an Iar, far am bi sgoilearan a’ dèanamh agallamhan le ginealaichean eadar-dhealaichte gus dualchas a ghlèidheadh ​​ann an com-pàirteachas le Tobar an Dualchais.

 

Chaidh maoineachadh a thoirt do Phuirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean Earranta cuideachd gus goireas briathrachais do luchd-obrach a chruthachadh is a sgaoileadh.

 

Chaidh an obair a tha Comhairle Pheairt is Cheann Rois a’ dèanamh gus Gàidhlig a leasachadh aithneachadh le airgead airson trì pròiseactan sa bhliadhna ri tighinn. Lìbhrigidh e tachartasan agus seiseanan ionnsachaidh a-muigh mar phàirt de phròiseact Ar Dreach-tìre Gàidhlig, bheir e seachad bùithtean-obrach ciùil ann an sgoiltean agus coimhearsnachdan ro àm a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 2022 tro ‘Aig a’ Mhòd’, agus cumaidh iad orra a bhith a’ lìbhrigeadh seiseanan ionnsachaidh inbheach san sgìre le taic airgid bhon Bhòrd.

 

Agus ann an Glaschu, gheibh Comhairle Baile Ghlaschu £25,000, a thèid a chleachdadh gus Oifigear Ionnsachaidh Teaghlaich airson FtG fhastadh. Cumaidh an t-oifigear taic gu sònraichte ri clann aig tràth-ìrean de dh’Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air feadh na sgìre comhairle.

 

Bidh Comhairle Baile Dhùn Èideann cuideachd a’ fastadh Oifigear Leasachaidh FtG às dèidh dhaibh maoineachadh £32,000 fhaighinn tro mhaoineachadh GLAIF.

 

Gheibhear làn chunntas air na pròiseactan a fhuair maoineachadh air làrach-lìn GrantNav an seo.

 

Thèid taic a chumail ri pròiseactan eile a rinn iarrtas tro GhLAIF tron bhliadhna.

 

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha Bòrd na Gàidhlig fhathast a’ toirt seachad chothroman gus cuideachadh le bhith a’ stiùireadh leasachadh na Gàidhlig, chan ann a-mhàin air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, ach air feadh na h-Alba. Tha duaisean do chomhairlean leithid Ghlaschu, Dhùn Èideann agus Pheairt is Cheann Rois a’ sealltainn ar dealas a thaobh a bhith a’ toirt fàs air a’ Ghàidhlig air feadh na dùthcha agus tha iad ro-chudromach gus an cànan a thoirt do dhaoine ùra.

 

“Is e adhbhar GLAIF taic a thoirt do bhuidhnean poblach gus na Planaichean Gàidhlig aca a lìbhrigeadh. Tha Bòrd na Gàidhlig moiteil a bhith a’ cluich a phàirt ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil na geallaidhean sin air an coileanadh agus e a’ cumail taic ri leasachadh agus buileachadh iomadh pròiseact ùr-ghnàthach agus inntinneach.

 

“Tha an t-seòrsa maoineachaidh seo fìor chudromach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil eachdraidh bheairteach a’ chànain air a ghlèidheadh ​​agus gu bheilear a’ togail air seo gus a toirt do na ginealaichean ri teachd.”

 

Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ ruith diofar sgeamaichean maoineachaidh aig diofar amannan tron bhliadhna. Ma tha moladh agaibh airson pròiseact, cuir post-d gu: tabhartas@gaidhlig.scot, no fòn gu 01463 225 454.

 

 

 

BEACHDAN BHO CHOM-PÀIRTICHEAN

Thuirt Denise Sutherland, Ceannard a’ Chonaltraidh aig Puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean Earranta: “Tha sinn air leth toilichte maoineachadh fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig airson an ath phròiseict againn, a tha ag amas air a’ Ghàidhlig a chur ri gnàth-eòlas an luchd-cleachdaidh againn.  Cuidichidh an trèanadh briathrachais an luchd-obrach againn a tha airson Gàidhlig ionnsachadh agus a chleachdadh.  Tha an tabhartas seo, air a bheil sinn a’ cur fàilte, a’ tighinn aig àm nuair a chaidh an dàrna eagrain den Phlana Gàidhlig againn aontachadh agus bheir e taic dhan obair leantainneach againn gus an tairgse Ghàidhlig againn a leasachadh.”

 

Thuirt Uilleam MacDhòmhnaill, Stiùiriche Foghlaim, Sgilean agus Seirbheisean Chloinne aig Comhairle nan Eilean Siar: “Tha maoin bhliadhnail GLAIF fhathast a’ cumail taic chudromach do raon de phròiseactan agus iomairtean a bhios a’ leasachadh cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig air feadh nan Eilean, a’ gabhail a-steach leudachadh leantainneach air cothroman ionnsachaidh Gàidhlig sònraichte do luchd-obrach na Comhairle, agus buileachadh prìomh raointean gnìomha eile anns a’ Phlana Ghàidhlig againn.”

 

Thuirt Fiona Robertson, Ceannard Cultair is Coimhearsnachdan ann an Comhairle Pheairt is Cheann Rois: “Tha e fìor mhath gun deach an obair leasachaidh Gàidhlig againn aithneachadh san dòigh seo. Tha sinn airson togail air na tha sinn air coileanadh gu h-ionadail mar-thà agus sinn a’ dèanamh fiughair ri fàilte a chur air a’ Mhòd ann an 2022 agus leigidh seo le barrachd dhaoine ann am Peairt agus Ceann Rois Gàidhlig ionnsachadh agus tuigse nas fheàrr fhaighinn air a h-àite agus a buaidh air an àrainneachd chultarail againn.”

 

Thuirt an Comhairliche, Chris Coineagan, Cathraiche Comhairle Bhaile Ghlaschu airson Foghlam, Sgilean agus Tràth-bhliadhnaichean: “Tha Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ shoirbheachadh gu mòr sa bhaile fhathast agus tha sinn moiteil gu bheil FtG air a bhith na roghainn do na teaghlaichean againn fad còrr is 22 bliadhna a-nis. Taobh a-muigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, tha an solar as motha aig Glaschu agus tha e mar thoradh air an t-soirbheachas seo gun do dhearbhaich sinn bho chionn goirid gum bi ceathramh bun-sgoil Ghàidhlig ann – tòisichidh obair a dh’ aithghearr ann an seann bhun-sgoil an Naoimh Sheumais ann an ear-thuath a’ bhaile. Tha sinn a’ cur fàilte air an naidheachd gun dh’fhuair sinn mhaoineachadh a bharrachd tro phròiseas tagraidh GLAIF agus tha fios agam gun cruthaich agus gun leasaich an t-oifigear ionnsachaidh teaghlaich modhan taice do theaghlaichean air feadh a’ bhaile.”

 

Thuirt an Comhairliche Alison Dickie, Gaisgeach na Gàidhlig airson Comhairle Dhùn Èideann: “Tha e math gu bheil Bòrd na Gàidhlig air am maoineachadh seo a thoirt dhuinn oir tha sinn fada den bheachd gur e a bhith a’ brosnachadh Gàidhlig aig na h-ìrean foghlaim as tràithe an seòmar einnsean airson a bhith a’ leudachadh FtG ann an Dùn Èideann. Tha seo, taobh a-staigh na lèirsinn againn, a’ cur air adhart an ionnsachaidh agus cleachdaidh den Ghàidhlig a bhios a dhìth san àm ri teachd gus a h-ìomhaigh àrdachadh agus conaltradh a leudachadh le coimhearsnachdan ùra, eadar ginealaich.  Leis an fhòcas aig seo air com-pàirteachas tràth le teaghlaichean, bidh an dreachd seo ro-chudromach sna planaichean againn gus FtG a leudachadh agus gus dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig agus a cultar seasmhach san àm ri teachd.”

 

Buidhnean a fhuair maoineachadh –

                                                                                                                             

An Lanntair (na h-Eileanan Siar)

Coimisean na Croitearachd

Colaisde a’ Chaisteil

Comhairle Baile Dhùn Dè

Comhairle Baile Dhùn Èideann

Comhairle Baile Ghlaschu

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Comhairle Fhìobha

Comhairle na Gàidhealtachd

Comhairle nan Eilean Siar

Comhairle Pheairt is Cheann Rois

Comhairle Siorrachd Dhùn Bhreatann an Iar

e-Sgoil (Na h-Eileanan Siar)

Foghlam Alba

Glaschu Bheò

Puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean Earranta

Comann Oileanaich na Gàidhealtachd is nan Eilean

Leabharlannan nan Eilean Siar

Leasachadh Sgilean na h-Alba

Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean

NatureScot

Oilthigh Ghlaschu

Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean

Oilthigh Obar Dheathain

Poileas Alba

Sabhal Mòr Ostaig