Fios-naidheachd – 22.06.2020

Bho thoiseach èiginn COVID-19, tha sgioba Bhòrd na Gàidhlig air a bhith ag obair gu cruaidh le com-pàirtichean air feadh coimhearsnachd na Gàidhlig, ùghdarrasan poblach agus Riaghaltas na h-Alba gus dèanamh cinnteach gu bheil cleachdadh na Gàidhlig a’ leantainn aig an taigh leis an àireimh as motha de dhaoine aig an àm dhuilich gun choimeas seo.

Ghluais Bòrd na Gàidhlig gu luath is gu sùbailte gus dèanamh cinnteach gun robh maoineachadh do bhuidhnean leantainneach, agus air tàilleibh seo thàinig dòighean ùra is cruthachail a-steach airson a bhith a’ smaoineachadh is a’ lìbhrigeadh rè a’ ghlasaidh. Tha sinn tuilleadh is riaraichte gu bheil an obair a tha na buidhnean seo a’ lìbhrigeadh ann an iomairtean ionadail is nàiseanta èifeachdach ann a bhith a’ cumail taic ri sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig san t-suidheachadh dhuilich seo.

Tha Bòrd na Gàidhlig air Maoin Taic COVID-19 a chur air bhog cuideachd o chionn ghoirid le amas taic a chumail ri buidhnean le bhith a’ tighinn am feabhas agus airson ’s gun gabh goireasan agus seirbheisean a chumas taic ris a’ Ghàidhlig a leasachadh fhad ’s a tha bacaidhean fhathast ann.

Tha sinn air a bhith a’ putadh Riaghaltas na h-Alba gus comhairle a thoirt seachad air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus sinn air a bhith a’ brosnachadh bhuidhnean Gàidhlig eile gus taic a chumail ris an iomairt sin. Mar thoradh air seo, chaidh Nota Comhairleachaidh ullachadh agus tha e ri foillseachadh a dh’aithghearr. Bheir e seachad fiosrachadh do na h-ùghdarrasan ionadail a tha an urra ri foghlam a lìbhrigeadh.

Tha Sgioba Foghlaim a’ Bhùird air a bhith ag obair le Foghlam Alba a tha an-dràsta a’ measadh planadh Nan Ùghdarrasan Ionadail airson Tilleadh dhan Sgoil, agus tha iad cuideachd an sàs ann a bhith a’ cruthachadh pròiseas Measadh Buaidh Tòiseachail a chumas taic ri Ùghdarrasan Ionadail ann a bhith ag ath-fhosgladh nan sgoiltean gu soirbheachail.

Tha gach buidhinn mothachail gu bheil an taic a tha ri fhaighinn air-loidhne do dhaoine òga aig àrd-ìre a thaobh càileachd is farsaingeachd nan goireasan agus mothachail air cho luath ’s a chaidh seo a chur an gnìomh. Tha cuid de na buidhnean a chruthaich na goireasan air am maoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus tha Bòrd na Gàidhlig air a bhith gu mòr an sàs ann a bhith a’ cumail taic ri seo agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil taic ann do thidsearan, pàrantan agus daoine òga ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Tha Bòrd na Gàidhlig agus na buidhnean a bhios sinn a maoineachadh deiseil gus taic a chumail ri ùghdarrasan ionadail fhad ’s a dhearbhaicheas iad an cuid phlanaichean airson ionnsachadh co-mheasgaichte agus tha sinn mar-thà an sàs ann an còmhraidhean aig ìre ionadail agus nàiseanta.

Aig a’ cheart àm, tha Bòrd na Gàidhlig a’ cumail oirnn, san t-suidheachadh gun choimeas seo, a’ gabhail uallach airson ar n-obrach reachdail mar a tha sgrìobhte ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.