Iain MacLeòid

Mar a tha iomadh duine agus buidheann eile, bha sinn uile aig Bòrd na Gàidhlig gu math duilich an naidheachd a chluinntinn mu bhàs Iain MhicLeòid ann an Dùn Èideann. A bharrachd air Bòrd na Gàidhlig, bha Iain an sàs ann am buidhnean eile mar Chomann nam Pàrant Nàiseanta, Comunn na Clàrsaich, CnaG agus An Comunn Gàidhealach far an robh e na Cheann-suidhe fad 10 bliadhna.

Thuirt Ailean Dòmhnallach, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Rinn Iain MacLeòid obair ionmholta mar bhall de Bhòrd na Gàidhlig thairis air sia bliadhna, gu seachd àraid co-cheangailte ri Planaichean Leasachaidh airson na cànain am measg ùghdarrasan ionadail. Bha e socair ach neartmhor na dhòigh, agus èifeachdach thairis air iomadh raon ann a bhith ag adhartachadh na cànain – air an robh meas mòr aige – airson nan ginealach a bha tighinn às a dhèidh. Bha e gasta dha-rìribh na phearsa, agus bidh sinn aig a’ Bhòrd, agus na Gàidheil gu lèir, ga ionndrainn gu mòr. Tha ar smuaintean aig an àm seo leis an teaghlach agus na caraidean.”