Iomairtean Gàidhlig a’ cumail taic ri clann is pàrantan tro bacaidhean Covid le #cleachdiaigantaigh

Tha fèill ga dhèanamh air an obair ùr-gnàthach san deach sgioba leasachaidh Chomuinn na Gàidhlig an sàs ri linn glasadh Covid-19 gus a’ Ghàidhlig a chumail ri òigridh na h-Alba.

Le maoin bho Bhòrd na Gàidhlig, agus taic bho cheithir Comhairlean, tha sgioba ‘Iomairtean Ghàidhlig’ ChnaG a-nis an sàs ann an 15 sgìrean air feadh Alba. Tha a mhòr chuid den sgioba seo ag obair ann an dlùth chompàirt ri sgoiltean anns na sgìrean aca – is le na sgoiltean dùinte b’fheudar dhaibh cleasan ùra a chleachdadh airson aire an òigridh a ghlacadh, agus gus na b’urrainnear den Ghàidhlig a chumail riutha.

Thar na mìosan tha fèill mhòr air a bhith air an obair a tha seo, le luchd-teagaisg agus pàrantan. Bha seo uile a’ leantainn mar phàirt den iomairt #cleachdiaigantaigh.

Thuirt Marina Mhoireach, Stiùiriche Leasachaidh ChnaG: “Tha sinn gu math toilichte gum bheil daoine anns a’ choimhearsnachd air fios a thoirt dhuinn mun obair san deach an sgioba-iomairt an sàs anns na mìosan a chaidh seachad. Chan e rud furast’ a bha seo air diofar adhbharan.

“’Sa chiad àite cha deach duine dhan sgioba againn fhastadh a thaobh cho math neo cho eòlach ‘s a bha iad air meadhanan is teicneòlas ùr – tha sinn a’ toirt prìomhachas mhòr dha an comasan a th’ aca dàimh pearsanta a thogail leis an òigridh. Le sin bha aig feadhainn ri eòlas a chur air cleasan is teicneòlas ùr – rud a rinn iad gu dìcheallach. San dàrna àite, bha sinn a’ feuchainn ri seachnadh strì sam bith leis an là-sgoile, far an robh tidsearan is eile an sàs ann an leasanan ‘air-loidhne’. Bha sin a’ fàgail sgioba ChnaG ag obair air seiseanan nas fhaide dhan latha agus air an fheasgair – is a’ feuchainn ris an òigridh a thàladh air ais dha na sgrìonaichean aca!

“Dh’aindheoin seo, dhearbh an sgioba cho cruthachail ‘s a tha iad leis an liuthad beachd agus rud ùr a rinn iad. Tha cus, cus ann am mìneachadh air fad, ach eadar farpaisean cheist is sgrìobhaidh, bhideothan, geamachan is eile, rinn sinn ar uile-dhiochill aire an òigridh a ghlèidheadh.”

Am measg na rudan san deach sgioba ChnaG an sàs bha:
• Clubaichean as dèidh na sgoile le geamannan agus cothroman còmhraidh
• Bhidiothan beò le dealbhadh is cruthachadh/ealain/Bingo/briathrachas
• Co-fharpais lèine-t, cothrom don òigridh air feadh Alba a bhith cruthachail is iad a’ dealbhadh lèine-t le abairtean Gàidhlig orra!
• Farpaisean-cheist ionadail agus nàiseanta
• Cèic is cabadaich air loidhne
• Ìoga air loidhne
• Cèilidhean air loidhne
• Farpais sgrìobhaidh ‘Air a’ Chladach’ a’ comharrachadh Bliadhna Cladaichean is Uisgeachan 2020 ann an Alba
• FilmG agus dràma air loidhne
• Spòrs a-muigh le astar-shòisealta nuair a bha sin ceadaichte

Thar na mìosan tha diofar bheachdan air thighinn a-steach, ag innse mun an luach a bha daoine a’ cur air na cothroman-cleachdaidh seo, leithid:

“Chòrd na bhidiothan a rinn thu gu mòr riutha..mòran taing.”

“Deagh spòrs!”

“Taing airson a h-uile rud a tha thu a’ dèanamh, gu h-àraidh thairis na mìosan a dh’fhalbh.”

“Mòran taing airson deagh spòrs air latha gu math fliuch.”

Thuirt Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd bho Bhòrd na Gàidhlig: “ ’Sa chiad dol a-mach, bu mhath leam taing mhòr a thoirt dha na h-oifigearan a bha an sàs le #cleachdiaigantaigh airson seirbheis cho math a chur air dòigh gu sgiobalta. Bha sinn a’ faicinn buidhnean Gàidhlig ag obair còmhla gus taic a chumail ri cleachdadh na Gàidhlig aig an taigh agus ann an co-bhonn le sgoiltean. Far nach robh e comasach dha daoine òga tighinn còmhla mar as àbhaist anns na coimhearsnachdan aca fhèin, bha e comasach dhaibh tighinn còmhla mar choimhearsnachd air-loidhne air feadh Alba. Tha sinn air tòrr ionnsachadh tron àm dùbhlanach seo a bhios feumail dhuinn anns na bliadhnaichean ri teachd.”

Marina Mhoireach a-rithist: “Coltach ris a h-uile buidheann eile, tha sinn a’ feuchainn ri ar n-obair a chumail a’ dol fhad ’s a tha gnothaichean am bhìoras a’ cur caran mar coinneamh. Tha dùbhlain ùra romhainn le suidheachadh na sgoiltean gu math caochlaideach fhathast. Far am bu mhiann leinn a bhith an sàs ann an clubaichean dèidh sgoile, neo seiseanan spòrs, chan eil na h-aon chothroman againn ‘s a b’àbhaist. Ach le taic bhon Bhòrd, agus na Comhairlean, leanaidh sinn oirnn a’ feuchainn ri aire an òigridh a ghlacadh agus spòrs a chumail riutha sa Ghàidhlig.”

CRÌOCH