Leas Phrìomh Mhinistear Iain Swinney gu bhith an làthair aig Fòram Ceannardas Ro-innleachdail ùr gus beachdachadh air fàs agus leasachadh Foghlam Gàidhlig

Tha an Leas Phrìomh Mhinistear Iain Swinney BPA, a’ gabhail pàirt ann am fòram ùr a tha ag amas air cur ri fàs is soirbheachadh na Gàidhlig còmhla ri 50 stiùiriche foghlaim agus ceannardan foghlaim eile bho air feadh na h-Alba agus riochdairean bho Bhòrd na Gàidhlig agus Foghlam Alba.

Tha Mgr Swinney a’ frithealadh a’ chiad Fhòram Ceannardas Ro-innleachdail a-riamh airson Foghlam Gàidhlig ann an Taigh-òsta Macdonald Holyrood an-diugh còmhla ri stiùirichean foghlaim bho 19 ùghdarrasan ionadail a tha an sàs ann an lìbhrigeadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FtG).

Tha am fòram ag amas air comhairlean a chuideachadh gus plana gnìomh soilleir a chruthachadh gus teagasg na Gàidhlig a thoirt air adhart tro bharrachd co-obrachaidh, tuigse nas fheàrr air dleastanasan agus cothrom air maoineachadh a chuidicheas gus foghlam Gàidhlig a bhrosnachadh.

Is e ceann-uidhe an fhòraim slighe shoilleir a thoirt dhan a h-uile duine a tha an sàs ann gus Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus an iomairt Adhartas nas luaithe a lìbhrigeadh.

Thàinig am fòram seo a-mach à iomairt a bha air a stiùireadh le Bòrd na Gàidhlig. Tha e a’ tighinn às dèidh buidheann-obrach a chaidh a stèidheachadh le Sgioba Foghlaim a’ Bhùird, anns an robh riochdairean aig Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba agus Foghlam Alba.

Mheòraich a’ bhuidheann-obrach air na feumalachdan aig FtG aig an àm seo agus air an dòigh as fheàrr air adhart, agus cho-dhùin iad gum bu chòir dhaibh am fòram seo a chur air bhog mar dhòigh gus taic nas fharsainge a thoirt do stiùirichean agus àrd-oifigearan.

Thuirt an Leas-phrìomh Ministear: “Is e amas Riaghaltas na h-Alba àrdachadh fhaicinn anns an àireamh de dhaoine a bhios a’ bruidhinn, ag ionnsachadh, agus a’ cleachdadh na Gàidhlig agus bidh am Fòram Ceannardas Ro-innleachdail an-diugh a’ cur gu mòr ris an amas seo.

“Tha sinn a’ faicinn na Gàidhlig mar rud a tha ro-chudromach airson na h-Alba mar nàisean san àm ri teachd agus dhan dearbh-aithne chultarach againn. Tha sinn airson ’s gun tèid taic a thoirt do dhaoine a tha airson Gàidhlig ionnsachadh agus a bhruidhinn agus gun tèid gach cothrom a thoirt dhaibh gus sin a dhèanamh.

“Tha e ro-chudromach gun tèid taic a thoirt do dh’ùghdarrasan ionadail a tha ag obair gu cruaidh gus Gàidhlig a bhrosnachadh agus a chuideachadh agus a tha a’ toirt cothrom do dh’òigridh a’ Ghàidhlig ionnsachadh, agus gum bi iad comasach air obair com-pàirteachais agus iad a’ cumail orra le leasachadh cànain.”

Thuirt Jim Whannel, Stiùiriche Foghlaim Bhòrd na Gàidhlig: “Tha Bòrd na Gàidhlig dealasach a thaobh taic a thoirt do chom-pàirtichean a bhith a’ lìbhrigeadh gu maith na Gàidhlig. Tha sinn airson ’s gum bi na coimhearsnachdan Gàidhlig a’ sìor fhàs agus a’ soirbheachadh.

“Cuidichidh am Fòram Ceannardas Ro-innleachdail na h-ùghdarrasan ionadail sin uile a tha ag aontachadh leis an amas a bhith a’ gluasad a dh’ionnsaigh slighe shoilleir dhan cheann-uidhe gum bi barrachd dhaoine seann is òg airson an cànan a chleachdadh is ionnsachadh.”