Litir bhon Cheannard do Bauer Media (Alba)

Graham Bryce
Bauer Media
Alba

12.08.2020

Tha mi a’ sgrìobhadh thugaibh bhon bhuidhinn phoblaich a tha an urra ri brosnachadh na Gàidhlig agus a cultar ann an Alba. Fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, a chaidh aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba, tha a’ Ghàidhlig na cànan oifigeil ann an Alba le co-ionannachd spèis leis a’ Bheurla.

Bha a’ phìos naidheachd comadaidh a rinn neach-obrach agaibh air ur stèisean, Clyde 1, aig mu 17:45, 11.08.20 na adhbhar dragh dhuinn.

Bha an dòigh anns an deach a’ Ghàidhlig, a cultar agus na h-eileanan a mhagadh agus a chur an suarachas mì-iomchaidh agus ‘s e dol a-mach a tha seo ris nach gabhar ann an Alba adhartach an latha an-diugh. Cha ghabhar ri bhith a’ dèiligeadh ri mion-shluagh san dòigh seo. Ged a dh’fhaodadh gun robh an craoladair den bheachd gun robh seo dòigheil gu leòr, tha beachdan muinntir na h-Alba taiceil dhan chànan san latha an-diugh agus mar sin, chan eil seo dìreach mì-iomchaidh do luchd-labhairt na Gàidhlig, ach cuideachd do a luchd-taic fad is farsaing.
Tha beachdan sòisealta air gluasad air adhart gu mòr anns na beagan bhliadhnachan mu dheireadh le barrachd aithne air na deagh bhuaidhean a th’ aig iomadachd ann an comann-sòisealta an latha an-diugh agus chuireamaid ìmpidh air Clyde 1 leisgeul poblach a thabhann airson a’ chraolaidh seo agus daingneachadh nach tèid an seòrsa susbaint seo a chraoladh san àm ri teachd.

Mu dheireadh, bhiodh Bòrd na Gàidhlig deònach coinneachadh le stiùirichean Clyde 1 gus beachdachadh air mar a b’ urrainn dhuibh ceangail a dhèanamh leis a’ chànan is coimhearsnachd ann an dòigh nas adhartaiche.
Tha mi a’ dèanamh fiughair ri cluinntinn bhuaibh.

Deagh dhùrachd

Shona C NicIllInnein
Ceannard

Cc Glenn Preston, Stiùiriche, Ofcom Alba