Rannsachadh air bogadh Gàidhlig san àrd-sgoil ag aithris gu bheil deagh bhuaidh aig dà-chànanas an dà chuid air cànan agus air an inntinn

Lorg rannsachadh ùr-ghnàthach air mar a tha a’ Ghàidhlig ga faicinn le sgoilearan àrd-sgoile agus mar a tha i a’ cur ri an cuid sgilean cànanach is inntinneil gu bheil buannachdan mòra ann bho bhith a’ bruidhinn a’ chànain cho math ri cànan cruinneil leithid Beurla.

Chaidh an sgrùdadh air bogadh, a chaidh a mhaoineachadh le Bord na Gàidhlig, a stiùireadh leis an Dr Maria Garraffa agus sgioba aig Oilthigh Heriot-Watt, còmhla ris an Àrd-ollamh Bernadette O’Rourke aig Oilthigh Ghlaschu agus an t-Àrd-ollamh Antonella Sorace aig Oilthigh Dhùn Èideann.

Dh’obraich iad còmhla ri sgoilearan aig ceann shuas na sgoile ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, an solaraiche as motha de dh’fhoghlaim tro mheadhan na Gàidhlig ann an Alba, gus faighinn a-mach mar a tha an ginealach as òige de luchd-labhairt na Gàidhlig a’ faicinn agus a’ cleachdadh a’ chànain.

Rinn an rannsachadh sgrùdadh airson a’ chiad uair gu sònraichte air a’ cheist an robh deugairean nas sine, às dèidh 15 bliadhna ann am foghlam tron Ghàidhlig, a’ leantainn orra le bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig, no dè a bheireadh orra sgur a bhith ga bruidhinn.

Sheall an rannsachadh nach robh Gàidhlig a bhith aca a’ toirt droch bhuaidh aig comas nan sgoilearan Beurla a bhruidhinn gu math – agus sheall e gu bheil dà-chànanas a’ cruthachadh barrachd chothroman dhaibhsan a tha fileanta san dà chuid.

Thuirt an Dr Maria Garraffa, Iar-ollamh ann an Oilthigh Heriot-Watt: “Tha sinn air dearbhadh gu soilleir nach eil na deagh bhuananchdan aig dà-chànanas an crochdadh air a bheil iad a’ cleachdadh mion-chànan dùthchasach beag mar a’ Ghàidhlig no cànan cruinneil leithid Fràingis no Spàinntis. Chan eil an comas Gàidhlig a bhruidhinn a’ toirt droch bhuaidh air comas sa Bheurla, agus tha i a’ tabhann na h-aon bhuannachdan inntinneil do luchd-labhairt dà-chànanach agus tha e cuideachd na sgil a chruthaicheas barrachd chothroman”.

“Tha a bhith comasach ann am barrachd is aon chànan air a bhith air a cheangal ri bhith soirbheachail ann an gnìomhachas cruinneil. Ach tha sgrùdaidhean a rinn luchd-rannsachaidh anns a’ Chuimrigh air sealltainn gu bheil sgoilearan ann am prògraman bogaidh gu tric a’ faicinn a’ chànain dhùthchasaich aca mar roghainn cuspair as urrainn dhaibh a leigeil seachad nuair a dh’fhàgas iad an sgoil. Bidh sinn ag obair le sgoilearan a bhios a’ fàgail na sgoile a dh’aithghearr airson a dhol a-steach a dh’obair agus chan eil sinn airson ’s gun caill iad an cuid sgilean Gàidhlig.

“Tha clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ag atharrachadh mar a tha daoine a’ faicinn na Gàidhlig agus feumar taic fhaighinn gus a bhith a’ sealltainn gu bheil i iomchaidh ann an co-theacsa gnìomhachais. Chan e sgil airson na sgìre ionadail a-mhàin a th’ ann an comas Gàidhlig a bhruidhinn – dh’fhaodadh e a bhith feumail agus buannachdail aig ìre chruinneil.”

Thuirt an Leas-phrìomh Mhinistear, Iain Swinney: “Tha mi a’ cur fàilte air an rannsachadh seo le Oilthigh Heriot Watt a tha a’ dearbhadh nam buannachdan aig dà-chànanas dhan chloinn ann am foghlam Gàidhlig. Tha mi an dòchas gun toir seo misneachd do phàrantan a tha air an òigridh a chur gu foghlam tro meadhan na Gàidhlig – àireamh a tha a’ sìor-fhàs – agus gum brosnaich e càch gus an ceum sin a ghabhail.”

Tha na buileann seo ro-chudromach airson nan ath-cheumanan de na poileasaidhean ath-bheothachaidh a tha ag amas air a’ Ghàidhlig a shàbhaladh. Tha iad a’ sealltainn nach eil dà-chànanas ann am mion-chànan a’ dèanamh cron air comas anns a’ chànan coimhearsnachd, agus gu dearbh gu bheil iad a’ cuideachadh le bhith a’ leasachadh sgilean inntinneil. Agus a bharrachd air seo, tha iad a’ sealltainn gu bheil inbhich òga aig a bheil an cànan, agus gu sònraichte luchd-labhairt ùra, a’ faicinn Gàidhlig ann an dòigh fhàbharach agus nach eil na beachdan neo-fhàbharach aca a thaobh a’ chànain a tha gu tric aig ginealaich as sine.

Thuirt Jim Whannel, Stiùiriche Foghlaim Bhòrd na Gàidhlig: “Tha an Sgioba Foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig, a’ cur fàilte chridheil air an rannsachadh inntinneach seo, a tha a’ toirt dhuinn barrachd fianais chruaidh air na buannachdan a tha daoine òga a’ faighinn bho bhith dà-chànanach mar inbhich mar thoradh air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Cumaidh seo taic ri beachdachadh a bharrachd, ann an co-theacsa Lèirmheas OECD air Curraicealam na h-Àrd-sgoile, air mar as urrainn do dh’Alba na cothroman a th’ aig Foghlam tron Ghàidhlig airson daoine òga a leudachadh barrachd air feadh na dùthcha.”

Tha seo ag ràdh gum feumar na co-theacsan anns a bheil Gàidhlig ga bruidhinn a leudachadh agus a dhèanamh nas fharsainge airson a bhith a’ brosnachadh cleachadh a’ chànain anns an raon shòisealta mar chànan a tha daoine ag iarraidh bruidhinn.

Chaidh toraidhean a’ phròiseict a thaisbeanadh bho chionn ghoirid ann an co-theacsa an European COST Action “Lìonra an Luchd-labhairt Ùra” air poileasaidhean agus cleachdaidhean gus taic a chumail ri mion-chànanan.

Chithear am pàipear bho Dhimàirt 20 Dàmhair: https://www.frontiersin.org/articles/10.3389/fpsyg.2020.570587/full.