Tha aithisg bhliadhnail Bhòrd na Gàidhlig a’ sealltainn nan ceumannan mòra a rinneadh gus taic is brosnachadh a thoirt dhan Ghàidhlig agus a cultar ann an Alba

Tha Bòrd na Gàidhlig air ceuman nach bu bheag a ghabhail gus Gàidhlig agus a cultar a bhrosnachadh agus gus taic a chumail riutha ann an Alba a rèir aithisg bhliadhnail na buidhne airson 2018-19. Tha i a’ sealltainn cuideachd gum bi leasachadh na Gàidhlig a’ cur gu mòr ri Frèam-obrach Coileanaidh Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba.

 

Anns a’ bhliadhna ionmhais sa chaidh, chuidich a’ bhuidheann phoblach neo-roinneil na mìltean a bharrachd de dh’òigridh agus de chloinn gus a’ Ghàidhlig ionnsachadh is a chleachdadh nam beatha làitheil. Rinn e cuideachd àrdachadh anns an àireimh de dh’inbhich a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig no a’ cur ris na sgilean Gàidhlig aca gu nàiseanta.

 

Tha Bòrd na Gàidhlig ag obair gu dlùth le 70 ùghdarras poblach, agus tha planaichean Gàidhlig aontaichte aig 54 dhiubh sin. Anns an t-suirbhidh do luchd-ùidh, fhuair Bòrd na Gàidhlig 100% den luchd-freagairt a bha gu tur riaraichte no riaraichte gu ìre, agus cha robh gin aca a’ sealltainn mì-thoileachas sam bith,

 

A rèir na h-aithisg, fhuair Bòrd na Gàidhlig Tabhartas-gus-Cuideachadh de dìreach nas lugha na £5.2 millean uile gu lèir – feumaidh Bòrd na Gàidhlig obrachadh taobh a-staigh an riarachaidh ionmhasail seo a thugadh dhaibh le Ministearan na h-Alba.

 

Den airgead iomlan sin, bha £1.4 millean airson prìomh chosgaisean ruith, agus chaidh £2.5 millean gu maoinean leasachaidh Gàidhlig – a’ gabhail a-steach maoineachadh coimhearsnachd do dhaoine, pròiseactan agus buidhnean, a’ gabhail a-steach Taic Freumhan Coimhearsnachd (Sgeama Tabhartais Coimhearsnachd) – agus £1.1 millean a dh’ionnsaigh Maoin Buileachaidh nam Planaichean Gàidhlig.

 

Ann an 2018-2019, lean Bòrd na Gàidhlig air a bhith a’ toirt taic do dhaoine gus na sgilean Gàidhlig aca a thoirt air adhart aig aois sam bith agus bha na cothroman sin a’ gabhail a-steach: A bhith a’ toirt taic do sheachd àiteachan greis-gnìomhachais air feadh na h-Alba ann am Bliadhna nan Daoine Òga 2018 ann am buidhnean leithid Urras Oighreachd Ghabhsainn, Young Scot, An Àirigh, Urras Mucan-mara is Leumadairean Innse Gall, An Lanntair, Taigh Chearsabhagh agus Theatre Gu Leòr. Thug iad cuideachd maoineachadh seachad airson a bhith a’ fastadh Oifigear Didseatach taobh a-staigh MG ALBA a bhios a’ coimhead às dèidh LearnGaelic.scot, làrach-lìn ro-chudromach airson an dà chuid luchd-ionnsachaidh agus luchd-labhairt Gàidhlig a bhios mu 30,000 duine a’ cleachdaidh gu cunbhalach gach mìos.

 

Thuirt an Cathraiche Eadar-amail Màiri NicAonghais gun lean Bòrd na Gàidhlig orra leis an obair chruaidh aca gus am Plana Corporra àrd-amasach airson 2018-23 a chur an gnìomh. Tha seo a’ mìneachadh dhòighean gus dèanamh cinnteach gun cleachd barrachd dhaoine a’ Ghàidhlig nas trice agus ann am barrachd shuidheachaidhean.

 

Thuirt i cuideachd gun robh buidhnean poblach eile air geallaidhean a dhèanamh cuideachd a thaobh àrdachadh ìomhaigh agus cleachdadh na Gàidhlig ann an Alba mar thoradh air a’ bhuidhinn obrach ùr, a tha ag obair fon bhratach ‘Adhartas nas Luaithe’. Nam measg bha VisitScotland a dh’fhoillsich a’ chiad Ro-innleachd Turasachd Gàidhlig aca , agus Poileas Alba a chuir a’ Ghàidhlig ris an t-suaicheantas ùr aca. Tha seo air cur gu mòr ri mothachadh air a’ Ghàidhlig air feadh na h-Alba.

 

Thuirt i: “Tha an aithisg bhliadhnail agus cunntasan airson Bòrd na Gàidhlig ag aithris air an adhartas mhòr a tha sinn air a dhèanamh ann a bhith a’ brosnachadh agus a’ cumail taic ris a’ Ghàidhlig agus a cultar.

 

“Tha e na thogail cridhe a bhith a’ faicinn fàs ann an com-pàirteachadh ann an ionnsachadh agus cleachdadh Gàidhlig, gu sònraichte am measg luchd-iomairt cànain nas òige, agus tha mòran bhuidhnean poblach a’ cruthachadh am planaichean Gàidhlig fhèin. Chan urrainnear cuideam gu leòr a chur air a’ bhuaidh a tha seo air faicsinneachd agus àbhaisteachadh na Gàidhlig. Còmhla, tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil àite aig a’ Ghàidhlig ann am beatha nàiseanta na h-Alba.”

 

Thug an Ceannard, Shona NicIllInnein iomradh air obair a thathar a’ dèanamh gus piseach a thoirt air a’ bhuidhinn. Thuirt i: “Dh’aithnich sinn gum feumamaid ar sgilean ceannais a leasachadh agus a bhith ag obair gus fosgarrachd agus follaiseachd a chur am meud air feadh na buidhne.

 

“Tha sinn air a bhith a’ dèiligeadh ris na cùisean sin tro bhith a’ barantachadh ath-sgrùdadh air an raon-ùghdarrais agus structar ceannardais againn, agus tro phrògram leasachaidh airson àrd-mhanaidsearan. Rinn sinn suirbhidh bhliadhnail air luchd-obrach cuideachd far an do dh’aithnich sinn gum feum sinn conaltradh, com-pàirteachadh agus sunnd ar cuid luchd-obrach a leasachadh. Gus dèiligeadh ri seo, tha sinn ag obair a dh’ionnsaigh inbhe Creideas nar Cosnaidhean.”

 

“Tha an obair againn a’ sealltainn cho dealasach ’s a tha Bòrd na Gàidhlig a thaobh a bhith a’ faicinn fàs agus soirbheas na Gàidhlig ann an Alba.”