Tha Bòrd na Gàidhlig a’ maoineachadh pròiseact foghlaim Gàidhlig didseatach gun samhail a bhios na ‘Netflix airson Leughadh’

Tha a’ bhuidheann gu bhith a’ toirt maoineachadh de £147,000 seachad thairis air trì bliadhna do Giglets Gàidhlig, a bhios a’ toirt seachad ionnsachadh do chloinn ann an sgoiltean Gàidhlig air feadh na h-Alba, a’ cleachdadh siostam stèidhichte san neul.

 

Tha còrr is 90% de sgoiltean le Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FtG) a’ cleachdadh siostam Giglets Gàidhlig mar-thà no air an trèanadh san t-siostam, le 600 neach-teagaisg agus 4,500 sgoilearan clàraichte.

 

Thuirt Jim Whannel, Stiùiriche Foghlaim Bhòrd na Gàidhlig: “Tha Bòrd na Gàidhlig fìor thoilichte gu bheil Giglets Gàidhlig air a bhith cho soirbheachail.

 

“Tha sinn den bheachd gu bheil Giglets Gàidhlig a’ dol fìor mhath le prìomh amas Bhòrd na Gàidhlig – a bhith a’ cuideachadh Gàidhlig gus soirbheachadh ann an Alba tro dhaoine a bhith ag ionnsachadh a’ chànain ann an dòigh thionnsgalach, spòrsail ach a tha cuideachd dùbhlanach gu h-acadaimigeach.

 

“’S e meas mòr a thoirt do chloinn air leughadh agus gus goireasan a thoirt do luchd-teagaisg anns a bheil cruinneachadh farsaing de theacsaichean agus goireasan an t-amas aige. Bidh e a’ cleachdadh iomadh diofar meadhan, mar eisimpleir, grafaigean, dealbhan agus beò-dhealbhan aig na h-amannan as cudromaiche san sgeulachd gus an urrainn do gach sgoilear agus neach-teagaisg a chleachdadh anns a’ Ghàidhlig.

 

“Tha sinn den bheachd gun cùm Giglets Gàidhlig air a bhith a’ cuideachadh sgoilearan, tidsearan, sgoiltean agus coimhearsnachd na Gàidhlig air fad ann an Alba gus obrachadh a dh’ionnsaigh an amais againn.”

 

Stèidhichte ann an Cille Mheàrnaig, tha Giglets Gàidhlig na chompanaidh K-12 a tha an sàs ann am foghlam tràth-bhliadhnaichean, bun-sgoile agus bliadhnaichean tràth na h-àrd-sgoile. Tha na ceudan de ghoireasan anns a’ phròiseact a tha ann an co-rèir ris a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais, le còrr is 45 clàraidhean fuaime ann a chaidh a chlàradh agus fhoillseachadh gu proifeiseanta.

 

Tha leabharlann aige cuideachd leis na ceudan de theacsaichean agus na mìltean de ghoireasan curraicealaim agus bidh e a’ toirt seachad trèanadh foghlaim agus seirbheisean taice. Tha e cuideachd na chom-pàirteachas le Stòrlann Nàiseanta, a’ phrìomh bhuidheann a nì goireasan foghlaim sa Ghàidhlig.

 

’S ann aig Dr Karsten Karcher, cathraiche agus neach-stèidheachaidh Giglets Education, a bha am beachd airson a’ ghoireis seo an toiseach. Tha e ag ràdh gu bheil Giglets Gàidhlig na stèidh ionnsachaidh air cosgais ìosal, a ghabhas a leudachadh, stèidhichte anns an neul agus bathar-bog-mar-sheirbheis (software-as-a-service SaaS) a bhios a’ cur ri ionnsachadh nan tidsearan agus sgoilearan.

 

Rud a tha cudromach a thaobh soirbheas an t-siostam teicneòlais foghlaim seo, ’s e gu bheil foghlam a’ tighinn an toiseach le teicneòlas san dàrna àite.

 

Thuirt e: “Tha leabharlann de thiotalan air-loidhne ann, a’ gabhail a-steach an dà cuid ficsean agus neo-fhicsean. Tha iad air an lìbhrigeadh ann an dòigh gu tur ruigsinneach a rèir comasan an sgoileir a tha gan leughadh – ge b’ e an e nobhail, pàipear-naidheachd no cartùn a th’ ann.”

 

Tha Giglets ag amas air clann aois trì gu 14, agus tha e ri fhaighinn air tablaid, coimpiutair, agus fònaichean-làimhe. Thuirt an Dr Karcher gu bheil làn chlàradh fuaim ann airson nan teacsaichean.

 

Thuirt e cuideachd: “Tha Giglets Gàidhlig gun choimeas a thaobh àireamh nan sgoiltean a tha an sàs ann – mar thoradh air amas gus piseach a thoirt air tuiteam air ais ann an ìrean leughaidh. Bidh e cuideachd a’ cuideachadh gus uallaichean obrach an luchd-teagaisg a lùghdachadh le bhith a’ lughdachadh ùine ullachaidh agus comharrachaidh, agus a’ toirt seachad dàta agus anailisean do luchd-teagaisg, sgoiltean, ùghdarrasan ionadail agus riaghaltasan.

 

“Aig a’ cheann thall bidh Giglets Gàidhlig a’ cuideachadh thidsearan gus ìrean àrdachadh agus gus taic a thoirt dhaibh ann a bhith a’ glacadh ùidh nan sgoilearan agus a’ gabhail a-steach pàrantan fhad ’s a tha iad a’ toirt seachad fiosrachadh luachmhor gus am breithean mu adhartas nan sgoilearan a dhaingneachadh.”

 

Tha Lìonra Gàidhlig nan Ùghdarrasan Ionadail (GLAN) agus na 14 ùghdarrasan ionadail uile ann an Alba a tha a’ toirt seachad FtG a’ toirt taic do Ghiblets Gàidhlig. Is iad sin Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Baile Ghlaschu, Comhairle Pheairt is Cheann Rois, Comhairle Baile Obar Dheathain, Comhairle Siorrachd Àir an Ear, Comhairle Siorrachd Dhùn Breatann an Ear, Comhairle Baile Dhùn Èideann, Comhairle Siorrachd Lannraig a Tuath, Comhairle Siorrachd Lannraig a Deas, Comhairle Shruighlea, Comhairle Aonghais agus Comhairle Inbhir Chluaidh.

 

Tha Giglets Gàidhlig cuideachd a’ faighinn taic bho bhuidhnean teagaisg na Gàidhlig, Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh Shrath Chluaidh, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, Sabhal Mòr Ostaig agus Colaiste Abaid a’ Bhatail Nuaidh ann am Meadhan Lodainn.

Neach-fios nam meadhanan: Elaine Fee air 07540 124245 no Philip Gates air 07525 645350