Buidhnean Fòcas #cleachdi

 

A bheil thu nad neach òg le Gàidhlig aois 9-19?  Tha Bòrd na Gàidhlig airson cluinntinn bhuat!

Mar phàirt den iomairt #Cleachdi, tha Bòrd na Gàidhlig ag obair le compàirtich gus buidhnean fòcais airson òigridh aois 9-19 a chur air dòigh a thaobh cleachdadh na Gàidhlig.

Mar sin, tha sinn airson cluinntinn o dhaoine òga mu na beachdan aca, na rudan anns a bheil ùidh aca agus na rudan a bhios iad a’ smaoineachadh a dhèanadh feum airson cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh tro na suirbhidhean a leanas.

Dhùin na suirbhidhean seo air Didòmhnaich 15 Samhain 2020.

Bidh am fiosrachadh seo a’ cur gu mòr ri obair nam buidhnean fòcais agus obair BnG san fharsaingeachd.

Gheibhear Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd an-seo.