Iomairt nàiseanta ùr ‘Gach Latha’ ga chur air bhog gus cleachdadh làitheil na Gàidhlig a bhrosnachadh

 

Tha iomairt ùr ga chur air bhog an-diugh (19mh Màrt) gus daoine agus buidhnean a bhrosnachadh a bhith a’ cur romhpa Gàidhlig a chleachdadh gach latha air feadh na h-Alba. Tha an iomairt ‘Gach Latha’ ann airson sealltainn mar a tha a’ Ghàidhlig ga bruidhinn ann an coimhearsnachdan, air loidhne agus ann an àitichean-obrach, airson ’s gum bi barrachd dhaoine a’ cleachdadh na Gàidhlig le misneachd.

 

Picture: A group of Gaelic officers standing together and holding a large sign that reads "#gachlatha".

 

Thathar ag iarraidh air buidhnean san roinn phrìobhaideach, phoblach agus san treas roinn pàirt a ghabhail san iomairt le bhith a’ cleachdadh fhaclan agus abairtean Gàidhlig ann an dòigh air choireigin nan cuid obrach gu làitheil.

Tha buidhnean àrd-ìomhaigh air taic a chur ris an iomairt mar-thà, le Seòmraichean Malairt na h-Alba, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (OGE), True North Advisors agus Seòmraichean Malairt Inbhir Nis nam measg.

Tha an iomairt ùr ga stiùireadh le Bòrd na Gàidhlig, buidheann nàiseanta na Gàidhlig, a bhios a’ comharrachadh ceann-bliadhna ann an 2026 is fichead bliadhna ann bhon a thòisich e.  

Faodaidh buidhnean taic a chur ris an iomairt ann an iomadh dòigh, le cuideachadh ri fhaotainn bho Bhòrd na Gàidhlig.

Thathar cuideachd ag iarraidh air luchd-labhairt na Gàidhlig agus daoine le comasan no ùidh sa Ghàidhlig am meas a th’ aca air a’ chànan a shealltainn tro phuist air na meadhanan-sòisealta bhon latha an-diugh, a’ cleachdadh an taga hais #gachlatha.

 

 

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: 

“Tha sinn a’ cur ro dhaoine agus buidhnean air feadh na h-Alba pàirt a ghabhail san iomairt seo agus Gàidhlig a chleachdadh gach latha.

“Tha fios againn gu bheil meas agus ùidh mhòr ann an cànan is cultar na Gàidhlig air feadh na h-Alba agus gu h-eadar-nàiseanta, agus tha sinn a’ faicinn fàs brosnachail anns an àireamh de dhaoine a tha ag ionnsachadh Gàidhlig.

“Tha tachartasan sgoinneil air an cur air dòigh air feadh na dùthcha le buidhnean mar An Comunn Gàidhealach, Fèisean nan Gàidheal, Ceòlas, agus iomadach buidheann eile a’ sealltainn mar a tha a’ Ghàidhlig mar phàirt de na dachannan, na sgoiltean, na sràidean agus na gnìomhachasan againn gach bliadhna. Leis an iomairt ùir seo, ‘Gach Latha’, tha sinn airson togail air an fhàs seo a h-uile latha.

“Chan fheum sibh a bhith fileanta airson pàirt a ghabhail ann idir – tha sinn airson cluinntinn bho dhaoine às gach ceàrnaidh, a’ gabhail a-steach ghnìomhachasan agus buidhnean – a tha airson sealltainn gu bheil meas mòr aca air a’ Ghàidhlig agus a tha airson a bruidhinn nas trice.

“‘S e an t-amas a th’ againn gum faic daoine na caraidean, na co-obraichean no fiù ‘s na manaidsearan aca a’ cleachdadh na Gàidhlig air na meadhanan-sòisealta no san àite-obrach, is gum bi iad fhèin an uair sin nas misneachaile pàirt a ghabhail ann cuideachd.”

 

Thuirt Charandeep Singh BEM, Ceannard Sheòmraichean Malairt na h-Alba: 

“Tha mi gu math toilichte taic a chur ris an iomairt chudromach seo bho Bhòrd na Gàidhlig, a tha ag aithneachadh na Gàidhlig mar ulaidh chultarail agus buannachd eacanomaigeach airson na h-Alba a’ dol air adhart.

“Tha comas làidir aig an iomairt Gach Latha a bhith a’ toirt fàs air faicsinneachd agus cleachdadh làitheil na Gàidhlig air feadh àitichean-obrach ann an Alba.

“Tha gu leòr de na buill againn an sàs leis a’ Ghàidhlig mar-thà ann an dòighean cruthachail, agus bidh an iomairt seo a’ cur fàs fiù ’s nas luaithe buileach air a’ chom-pàirteachas seo. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ gabhail gnothach ris an iomairt agus a bhith a’ faicinn barrachd gnìomhachasan a’ cleachdadh a’ chànain ann an dòighean ùr-ghnàthach gus a’ phàirt a th’ aige anns an aithne chultarail againn agus ann an sgeulachd eacanomaigeach na h-Alba a chomharrachadh.”

 

Thuirt Vicki Nairn, Prionnsabal agus Iar-sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (OGE): 

“Tha a’ Ghàidhlig uamhasach cudromach do chultar is aithne na Gàidhealtachd is nan Eilean.

“Tron a’ Phlana Ghàidhlig againn, tha OGE a’ cur roimhe a bhith a’ fàs faicsinneachd agus cleachdadh na Gàidhlig gu làitheil thar nan com-pàirteachasan ionnsachaidh, rannsachaidh is coimhearsnachd againn.

“Tha iomairtean mar Gach Latha nan dòigh mhath a bhith a’ brosnachadh dhaoine le comasan aig a h-uile ìre a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig nas trice is le misneachd.”

 

Thuirt Eilidh Alexander, Ceannard Ballrachd Seòmar Malairt Inbhir Nis: 

“Tha sinn a’ cur fàilte mhòr air an iomairt “Gach Latha” aig Bòrd na Gàidhlig, an dà chuid mar dhòigh air an cànan a chomharrachadh agus mar dhòigh air ceangal ris a’ chànan a bhrosnachadh am measg coimhearsnachd a’ ghnìomhachais. Tha Gàidhlig aig mòran de na buill againn, tha i aig cuid bhon ghlùin agus tha cuid eile nan luchd-ionnsachaidh dìcheallach, agus bidh iad a’ cleachdadh na Gàidhlig mar dhòigh air seirbheis shònraichte, pearsanaichte a thoirt don luchd-dèiligidh aca, a’ dìon a’ chànain agus ar dualchais bheartaich.

“Chaidh mo thogail ann an coimhearsnachd Ghàidhealach agus cha do chuir mi an luach ceart air cleachdadh làitheil a’ chànain a bha mun cuairt orm, agus gu mì-fhortanach dhòmhsa, thàinig sin gu crìoch nuair a dh’fhàg mi an sgoil. Ach, thar an dà bhliadhna a dh’fhalbh fhad ’s a bha mi ag obair aig Seòmar Malairt Inbhir Nis, tha barrachd chothroman air a bhith agam ceangal a dhèanamh ri luchd-labhairt Gàidhlig eile na bha agam anns na 15 bliadhna roimhe sin.

“Tha seo air mo mhisneachd agus mo chomas air an cànan a chleachdadh a bhrosnachadh ann an còmhradh agus ann am puist-d gu buill, ge bith dè cho meirgeach ’s a tha mi, agus tha e air mo dhealas airson a’ chànain ath-bheothachadh.

“Is dòcha gum bi luchd-labhairt na Gàidhlig a’ còmhradh fad na h-ùine gun fhios aca gu bheil an sgil seo aca, agus cuidichidh iomairt “Gach Latha” daoine aig gach ìre gus a bhith moiteil às a’ chleachdadh àbhaisteach a nì iad den Ghàidhlig ann an gnìomhachas agus ann an suidheachaidhean eile. Tha mi an dòchas gun geall buill an t-Seòmair cuideachd a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig gach latha mar phàirt den iomairt bhrosnachail seo.”

 

Airson barrachd fios mun iomairt Gach Latha, tadhail air: www.gaidhlig.scot/gd/gachlatha/