Tabhartasan Coitcheann

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cumail taic ri pròiseactan taobh-a-muigh sgeamaichean taic-airgid àbhaisteach ma tha oifigearan riaraichte gum bi am pròiseact a’ cur ri prìomhachasan Plana Corporra Bhòrd na Gàidhlig agus gu bheil buidseat aig Bòrd na Gàidhlig air a shon. ‘S e Tabhartasan Coitcheann a th’ againn air tabhartasan den seòrsa seo.

Ma tha beachd agaibh airson pròiseact nach eil a’ freagairt air gin eile de na sgeamaichean againn a thaobh cuspair, clàr-ama no buidseat, nach cuir sibh fios thugainn aig tabhartas@gaidhlig.scot? 

Nuair a chuireas sibh fios thugainn, feuch an cuir sibh a-steach geàrr-chunntas air na tha sibh an dùil a dhèanamh, clàr-ama a’ phròiseict, tuairmse air cosgaisean iomlan a’ phròiseict, agus dè an ìre de mhaoineachadh a bhiodh sibh a’ sireadh bho Bhòrd na Gàidhlig.

Nuair a chuireas sibh fios thugainn mu phròiseact, thèid beachdachadh air agus ma tha am beachd pròiseict freagarrach, is buidseat ri fhaighinn aig Bòrd na Gàidhlig, thèid iarraidh oirbh iarrtas taic-airgid foirmeil a chur a-steach tro Fluxx, am portal thabhartasan againn, no ma tha an t-iarrtas a’ freagairt air aon de na sgeamaichean eile, bheir sinn comhairle dhuibh air seo is nì sinn moladh cur a-steach dhan ath chuairt den sgeama sin.

Mura h-eil sinn den bheachd gu bheil bhur beachd pròiseict freagarrach, no mura h-eil buidseat againn gus taic a chumail ris aig an àm, innsidh sinn dhuibh mu na cothroman maoineachaidh as fheàrr bho thùsan eile ma tha gin ann.

Airson gach iarrtas taobh a-muigh nan sgeamaichean àbhaisteach, feumaidh còmhradh a bhith ann le oifigearan Bhòrd na Gàidhlig is feumaidh iad cead a thoirt seachad airson leithid de dh’iarrtas a chur a-steach gu foirmeil, no thèid an t-iarrtas a dhiùltadh. Cha ghabhar idir ri iarrtas tro Fluxx airson Tabhartasan Coitcheann far nach robh còmhradh ann le oifigearan a’ Bhùird ro làimh.

Dh’fhaodadh gun toir e suas ri 8 seachdain eadar an t-iarrtas a chur a-steach is co-dhùnadh fhaighinn, mar sin tha sinn a’ moladh gun cuir sibh fios thugainn fada ro-làimh ma tha pròiseact agaibh a tha sibh airson tòiseachadh san aithghearrachd.

Tha eisimpleirean de phròiseactan a fhuair taic tron dòigh seo ri fhaighinn tro GrantNav an seo.

Tha tuilleadh stiùiridh ri fhaighinn an seo airson iarrtas a chur a-steach don sgeama Thabhartasan Coitcheann againn, ma tha sibh air cuireadh fhaighinn airson iarrtas a chur a-steach.

 

Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.