Maoin nan Ealan Gàidhlig

Tha Maoin nan Ealain Gàidhlig air a’ ruith le Fèisean nan Gàidheal, le taic-airgid bho Alba Chruthachail is Bòrd na Gàidhlig, gus taic a chumail ri pròiseactan ealan Gàidhlig a chur an gnìomh. Tha £90,000 ri fhaighinn uile-gu-lèir leis an Sgeama am-bliadhna, mar thoradh air taic-airgid a bharrachd bho Bòrd na Gàidhlig, le taing do Riaghaltas na h-Alba.

Bidh an sgeama a chur taic ri bhuidhnean agus luchd-ealain fa-leth, is ann an 2025/26 bidh prìomhachas ga thoirt do phròiseactan:

  • Air an lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig
  • A bhios a’ cur ri cleachdadh no ionnsachadh na Gàidhlig
  • Bho luchd-ealain fa leth, buidhnean de luchd-ealain, no buidhnean-ealain gus obair a chruthachadh no a thaisbeanadh
  • Le compàirteachas eadar-nàiseanta
  • Bho luchd-ealain fa leth airson feumalachdan leasachaidh a choilionadh
  • A’ togail sgilean gnìomhachais ann am buidhnean-ealain no coimhearsnachdan a chuireadh ri seasmhachd

Tha tuilleadh fiosrachaidh air an sgeama ri fhaighinn air làrach-lìn Fèisean nan Gàidheal an seo: https://www.feisean.org/meg/

Airson 2025/26, tha dà cheann-là airson nan iarrtasan a chur a-steach:

  • 5f air Dihaoine 4 Iuchar 2025
  • 5f air Dihaoine 14 Samhain 2025

Ma tha ceistean sam bith agaibh air an sgeama, cuiribh fios gu Fèisean nan Gàidheal aig meg@feisean.org

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security