Stiùireadh Sruth Phròiseactan 2026/27
Mu dheidhinn na Maoine
Tha Maoin Phlanaichean Gàidhlig (air an robh GLAIF roimhe) airson ùghdarrasan poblach a chuideachadh gus na Planaichean Gàidhlig reachdail aca a chur an gnìomh agus taic a chur ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-28. Thèid prìomhachas a thoirt do phròiseactan ùr-ghnàthach is a tha sealltainn gum bi obair com-pàirteachas eadar ùghdarrasan.
Bho 2024, tha dà shruth maoineachaidh eadar-dhealaichte air a bhith ri fhaighinn tron Mhaoin Phlanaichean Gàidhlig:
- An Sruth Ro-innleachdail – do na 6 ùghdarrasan ionadail air am meas cudromach
- An Sruth Phròiseactan – airson ùghdarrasan poblaich eile le planaichean Gàidhlig
Tha an stiùireadh seo a’ buntainn ris an t-sruth Phròiseactan a-mhàin, leis nach eil e ceadaichte do dh’ùghdarrasan a tha faighinn taic tron t-Sruth Ro-innleachdail airson 2024-27 cur a-steach don chuairt maoineachaidh seo.
Anns an iarrtas agaibh tha sinn an dùil gun inns sibh mar a bhios am pròiseact agaibh a’ cur an gnìomh am Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-28 agus an t-eagran fhoillsichte de phlana Ghàidhlig reachdail an ùghdarrais agaibh.
Ann a bhith a’ measadh an iarrtais agaibh, bidh sinn a’ coimhead gu sònraichte air:
- Inbhe a’ phròiseict san fharsaingeachd is a’ bhuaidh a dh’ fhaodadh a bhith aige air àrdachadh cleachdadh no ionnsachadh na Gàidhlig
- Luach an airgid a tha ga shealltainn leis a’ phròiseict
- An ìre de dh’ùr-ghnàthachas is obair com-pàirteachais air a chur an cèill san iarrtas
- Comas na buidhne agaibh am pròiseact lìbhrigeadh gu soirbheachail
- Neart nam planaichean agaibh gus buaidh a’ phròiseict agaibh a mheasadh
Gheibhear stiùireadh-measaidh nas mionaidiche air làrach-lìn Bòrd na Gàidhlig.
Riaghailtean airson Phròiseactan
Cò dh’ fhaodas tagradh a chur a-steach?
Tha Sruth Phròiseactan den Mhaoin Phlanaichean Gàidhlig fosgailte do dh’ùghdarrasan poblach/ionadail aig a bheil plana Gàidhlig reachdail foillsichte a chaidh aontachadh le Bòrd na Gàidhlig fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Feumaidh buidhnean cuideachd cumail ris na dleastanasan aca gus eagrain ùr den phlana is aithisgean dearcnachaidh a chur gu Bòrd na Gàidhlig, is faodar iarrtas a dhiùltadh gun measadh mur eil sibh a’ coileanadh ur dleastanasan sin fon Achd.
Chan fhaod na 6 ùghdarrasan ionadail a fhuair taic tron Sruth Ro-innleachdail 2024-27 iarrtas a chur a-steach don t-Sruth Phròiseactan, is iad:
- Comhairle nan Eilean Siar
- Comhairle na Gàidhealtachd
- Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid
- Comhairle Baile Ghlaschu
- Comhairle Baile Dhùn Èideann
- Comhairle Siorrachd Lannraig a Tuath
Chan fhaod buidhnean leth-eisimeileach no sgoiltean aig ùghdarrasan le phlana Gàidhlig iarrtas a chur a-steach tron mhaoin. Faodaidh iad obair còmhla ris na h-ùghdarrasan dham buin iad ge-tà gus an cuir an t-ùghdarras iarrtas a-steach air an son.
Tha fàilte air iarrtasan bho bhuidhnean ag obair còmhla, ach bu chòir na h-iarrtasan seo prìomh bhuidheann ainmeachadh airson a’ chùmhnaint taic-airgid (is feumaidh iad a bhith ceadaichte iarrtas a chur a-steach).
Gheibhear eisimpleirean de phròiseactan a fhuair taic bhon sgeama seo a-cheana (a’ gabhail a-steach GLAIF) tron làrach-lìn GrantNav.
Faodaidh buidhnean suas ri 3 iarrtasan a chur a-steach don sruth Phròiseactan am-bliadhna, ach bidh am Bòrd ag amas air taic a chumail ri caochladh bhuidhnean poblach air feadh Alba is mar sin faodar gun tèid co-dhùnadh an àireamh de phròiseactan maoinichte aig gabh buidheann a chasg a-rèir bhuidseat.
Mar sin, bu chòir nì sam bith a tha a dhìth airson diofar phròiseactan a lìbhrigeadh (m.e. ùine luchd-obrach) a bhith air a chur a-steach gu co-rèireach anns gach iarrtas, agus feumar dearbhadh cuideachadh nach eil nì air a mhaoineachadh dà thuras.
Clàr-ama a’ Phròiseict
Bidh an sgeama a’ toirt taic do phròiseactan thòisicheas eadar 1 Lùnastal 2026 agus 31 Faoilleach 2027 agus a thèid crìochnachadh ro 30 Sultain 2027.
Ann an suidheachaidhean sònraichte, faodaidh iarrtas clàr-ama eadar-dhealaichte a mholadh. Feumaidh conaltradh a bhith ann air seo le oifigearan a’ Bhùird agus cead a bhith air a thoirt seachad mus tèid an t-iarrtas a chur a-steach.
Thathar an dùil gum bi lèirmheas air a dhèanamh air an sgeama ann an 2026 is bidh seo a’ toirt molaidhean airson na sgeama san àm ri theachd, is mar sin cha ghabh a dhearbhadh cuin a bhiodh an ath chuairt den sgeama fhosgladh.
Dè na chogaisean a gheibh taic?
’S e £200,000 am buidseat ris a bheilear an dùil airson an Sruth Phròiseactan. Faodar iarrtasan airson pròiseactan a chur a-steach airson suas ri £20,000 agus suas ri 80% de chosgaisean a’ phròiseict mar as àbhaist, ach faodar còrr is £20,000 iarraidh airson pròiseactan ma tha cead air iarraidh bho Bòrd na Gàidhlig ro-làimh. Tha cosgaisean neo-ionmhasail ceadaichte mar phàirt de chosgaisean iomlan a’ phròiseict.
Bu chòir dhuibh a bhith mothachail ma gheibh am pròiseact agaibh taic gur mathaid nach fhaigh sibh an t-sùim iomlan a dh’iarr sibh.
Bhithear an dùil gum bi pròiseactan a bha air taic fhaighinn tro chuairtean Maoin Phlanaichean Gàidhlig a-cheana a’ sealltainn adhartas ann an luach an airgid agus àbhaisteachadh na Gàidhlig ann an obair na buidhne thairis air iarrtasan a bh’ ann a-cheana.
Thathar an dùil gun tèid ìre nas ìsle de thaic-airgid a thabhann an taca ri bliadhnaichean roimhe do dh’iarrtasan soirbheachail airson dreuchdan a chaidh a mhaoineachadh tron Mhaoin Phlanaichean Gàidhlig, gus ùghdarrasan a bhrosnachadh taic dhan Ghàidhlig àbhaisteachadh taobh a-staigh sheirbheisean is bhuidseatan.
Bu chòir dhuibh dèanamh cinnteach nach eil pàirt sam bith eile de bhuidseat a’ phròiseict air am maoineachadh tro sgeamaichean maoineachaidh eile no Sgeama Tabhartasan Sònraichte aig Riaghaltas na h-Alba agus nach eil maoineachadh dùbailte ann le phròiseactan far a bheil Buidhnean Com-pàirteach Lìbhrigidh Bhòrd na Gàidhlig an sàs.
Cha bhi sinn a’ cur taic ri cosgaisean pròiseact ri linn:
- Cosgaisean calpa
- Duaisean co-fharpais
- Cosgaisean luchd-obrach no ghoireasan air an cleachdadh gus curraicealam foghlam tro mheadhan na Gàidhlig/luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a lìbhrigeadh ann an sgoiltean, colaistean no oilthighean
- Buanachadh dreuchdan a th’ ann a-cheana nach robh a’ faighinn taic tron Mhaoin Planaichean Gàidhlig (ach ma tha iad an sàs ann am pròiseact ùr)
- Cosgaisean ann a bhith a’ dealbhachadh, a’ dèanamh co-chonaltradh air no a’ foillseachadh Plana Gàidhlig
Riaghailtean eile
Feumaidh sibh dreach tuairisgeul(an)-obrach a chur a-steach còmhla ris an iarrtas ma tha sibh a’ sireadh taic-airgid airson dreuchd, agus feumaidh Gàidhlig a bhith na sgil riatanach airson na dreuchd.
Sgrùdadh is measadh air a’ phròiseact
Ma tha an t-iarrtas agaibh soirbheachail, bidh agaibh ri sgrùdadh is measadh a dhèanamh air mar a thèid am pròiseact agaibh a lìbhrigeadh agus a’ bhuaidh aige a shealltainn sna h-aithisgean a thèid iarraidh oirbh. Aig a’ char as lugha, bidh sinn ag iarraidh oirbh clàradh cia mheud duine a tha a’ gabhail pàirt sa phròiseact agus faighneachd de chom-pàirtichean (no sampall de na chom-pàirtichean airson tachartasan/pròiseactan mòra) airson fios fhaighinn air beachdan aca air buaidh am pròiseact air an cleachdadh, ionnsachadh no beachd aca den Ghàidhlig.
Thèid iarraidh oirbh san fhoirm-iarrtais mar a bhios sibh an dùil sgrùdadh a dhèanamh air a’ phròiseas, dè na thargaidean a bhios sibh a’ cleachdadh gus measadh an robh am pròiseact soirbheachail is mar a bhios sibh a’ trusadh fiosrachaidh bho chom-pàirtichean.
Feumar aithisg dheireannaich a chur a-steach airson gach pròiseact, is aithisg adhartais a chur a-steach airson gach pròiseact a bhios a’ faighinn còrr is £10,000 mu letheach slighe tron phròiseict agaibh. Dh’ fhaodadh gun iarr sinn aithisgean adhartais a bharrachd oirbh ma tha sinn den bheachd gu bheil sin a dhìth.
Anns na h-aithisgean agaibh, thèid iarraidh oirbh iomradh a thoirt seachad air gnìomhan, mìneachadh a thoirt seachad air atharrachaidhean sam bith dhan phròiseact bho na chaidh ainmeachadh san iarrtas, fiosrachadh a thoirt seachad mar a tha sibh a’ coileanadh targaidean is cumhaichean san litir-tairgse agaibh, iomradh a thoirt air teachd-a-steach is cosgaisean na phròiseact is fianais ri linn seo, agus cuideachd airson dearbhadh mar a tha sibh a’ coileanadh riatanasan Obair Cothromach.
Bidh e comasach dhuibh na h-aithisgean a chur a-steach tro phortal iarrtasan Fluxx aig https://bng.fluxx.io, agus bidh e comasach seo fhaicinn ma tha an t-iarrtas agaibh soirbheachail.
Ciamar a thèid sinn ar phàigheadh?
Ma tha an t-iarrtas agaibh soirbheachail, pàighidh sinn suim den tabhartas thugaibh aig tòiseach a’ phròiseict as dèidh dhuibh ur n-aonta ris an tabhartas a shoidhneadh is tilleadh thugainn is cumhaichean sam bith eile a tha sinn a’ cur oirbh a choileanadh, leithid aithisgean dheireannaich airson seann tabhartasan no aithisgean dearcnachaidh planaichean Gàidhlig a chur a-steach. Gheibh sibh pàighidhean a bharrachd nuair a tha sibh a’ cur a-steach aithisgean adhartais no dheireannaich thugainn.
Mar as àbhaist, thèid 80% den tabhartas a phàigheadh thugaibh aig tòiseach a’ phròiseict is suas ri 20% air a phàigheadh as dèidh dhuibh an aithisg dheireannaich agaibh a chur a-steach.
Bitheamh mothachail gu bheil pròiseactan air a mhaoineachadh air stèidh rèidh a thaobh ionmhais, mar sin bidh agaibh ri maoineachadh Bòrd na Gàidhlig sam bith nach deach a chosg air a’ phròiseact a thilleadh, is faodaidh sinn suimeannan na phàighidhean atharrachadh mur eil e coltach gum bi an suim iomlan a dhìth oirbh.
Ag aithneachadh taic
Mar bhuidheann phoblach, tha e cudromach dhuinn gu bheil fios aig a’ phoball air mar a tha sinn a’ cleachdadh ar cuid airgid, is mar sin tha e cudromach gu bheil sibh ag aithneachadh gun tug Bòrd na Gàidhlig taic-airgid dhan phròiseact agaibh (far a bheil sin iomchaidh). Ma tha an t-iarrtas agaibh soirbheachail, bidh dleastanas oirbh an taic-airgid againn aithneachadh ann an diofar dhòighean tron phròiseact is fios a thoirt seachad dhuinn sna h-aithisgean agaibh air mar a rinn sibh seo.
Airson tuilleadh fiosrachaidh, nach toir sibh sùil air an Stiùireadh Aithneachaidh is Stiùireadh Brannd air an làrach-lìn againn.
Dleastanasan Sòisealta is Eile
Tha dleastanasan aig Bòrd na Gàidhlig gus cur air adhart deagh chleachdadh ann a bhith:
- A’ lùghdachadh buaidh air an àrainneachd
- A’ brosnachadh co-ionannachd chothroman do dhaoine le feart dìonta a rèir Achd Co-Ionannachd 2010
- A’ brosnachadh chothroman do dhaoine òga a tha, no a tha air a bhith, fo chùram a rèir Achd na Cloinne is nan Daoine Òga (Alba) 2014
Bu mhath leinn gum bi na buidhnean is pròiseactan a tha a’ faighinn maoineachadh bhuainn cuideachd a’ cur ris na h-amasan seo, is bidh sinn ag iarraidh oirbh san fhoirm-iarrtais mar a tha sibh an dùil gum bi am pròiseact agaibh a’ dèanamh seo.
Airson tuilleadh fiosrachaidh, nach leugh sibh fiosrachadh tro na ceanglaichean gu h-ìosal:
- Fiosrachadh air àireamhachadh is lùghdachadh eimiseanan carbon bho Cultar airson Clìomaid Alba
- Fiosrachadh mu na feartan dìonte a rèir Achd Co-Ionannachd 2010
- Mu dheidhinn Pàrantan Corporra agus cumail taic ri clann a tha air a bhith ann an cùram
Obair Chothromach
Feumaidh buidhnean a tha a’ faighinn maoineachadh poblach ann an Alba cumail ri poileasaidh Obair Chothromach aig Riaghaltas na h-Alba, agus mar sin feumaidh iad:
- Co-dhiù am fìor Thuarastal Beò a phàigheadh; agus
- Dòighean iomchaidh airson guth luchd-obrach èifeachdach, leithid aithneachadh aonaidhean-ciùird, a chruthachadh
Thèid iarraidh oirbh mar phàirt den tagradh agus an aithris agaibh dearbhadh gu bheil sibh a’ cumail ris a’ phoileasaidh agus fianais a thoirt seachad gun do rinn sibh sin.
Tha tuilleadh stiùireadh air mar a tha sinne aig Bòrd na Gàidhlig a’ cur an gnìomh poileasaidh Obair Cothromach ri fhaighinn an seo, is tha stiùireadh bho Riaghaltas na h-Alba air am poileasaidh ri fhaighinn an seo.
A’ dìon buidhnean so-leònte
Ma bhios am pròiseact agaibh ag obair le clann, inbhich air a dhìon no an dà chuid, feumaidh sibh a dhearbhadh gu bheil neach sam bith a tha ag obair ann an “ròl riaghlaichte” na bhall den sgeama Dìon nam Buidhnean So-leònte (PVG), is seo na dleastanas laghail.
Thèid iarraidh oirbh mar phàirt den iarrtas ma tha sibh an dùil a bhith ag obair le clann no inbhich so-leònte mar phàirt den phròiseact agaibh, is a dhearbhadh mar a bhios sibh an dùil na dleastanasan seo a choileanadh. Gur dòcha gun tèid an iarrtas agaibh a dhiùltadh mur eil e soilleir gum bi sibh a’ coileanadh dleastanasan laghail a th’ oirbh.
Ma tha ceistean sam bith agaibh air mar a bhios seo a’ buntainn ribh, cuiribh fios thugainn cho luath sa ghabhas aig tabhartas@gaidhlig.scot.
Smachdachadh Subsadaidh
Mar bhuidheann poblach, feumaidh Bòrd na Gàidhlig a bhith leantainn riaghailtean smachdachaidh subsadaidh a tha tighinn fo Achd Smachdachaidh Subsadaidh 2022 agus an Aonta Malairt is Co-obrachaidh eadar Riaghaltas an RA is an t-Aonadh Eòrpach. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air làrach-lìn Riaghaltas an RA.
Mar phàirt de mheasadh air an iarrtas agaibh, bidh againn a bhith measadh nam biodh an tabhartas na subsadaidh agus cuiridh sinn ceistean oirbh san foirm-iarrtais airson ar chuideachadh co-dhùnadh a ruighinn air a seo.
Ma tha sibh faighinn tabhartas a tha air a mheasadh mar subsadaidh, bidh agaibh a bhith leantainn riaghailtean smachdachaidh subsadaidh, le tuilleadh stiùireadh ri fhaighinn aig an ìre sin.
A’ cur iarrtas a-steach
Bu chòir dhuibh iarrtas a chur a-steach tro phortal iarrtasan Fluxx aig bng.fluxx.io. Faodaidh sibh cunntas a chruthachadh saor ’s an-asgaidh air an làraich-lìn sin is tha e comasach an t-adhartas agaibh leis an iarrtas a shàbhaladh fhad ‘s a tha sibh ag obair air. Faodaidh sibh gach faidhle-taic a chur a-steach tron phortal.
Dùnaidh portal nan iarrtasan aig 3f air Diardaoin 30 Giblean 2026 agus cha bhi e comasach iarrtas a chur a-steach às dèidh a’ chinn-uidhe sin ach ma fhuaras cead sin a dhèanamh bho oifigearan Bhòrd na Gàidhlig.
Ma tha duilgheadasan sam bith agaibh leis a’ phortal, ma tha sibh airson na faidhlichean iarrtais fhaighinn ann an cruth eadar-dhealaichte, no ma tha ceistean sam bith agaibh a thaobh an iarrtais nach cuir sibh post-d thugainn cho luath sa ghabhas aig tabhartas@gaidhlig.scot.
Mar a thèid an iarrtas agaibh a làimhseachadh
Gheibh sibh post-d fèin-obrachail bhon phortal Fluxx a’ dearbhadh gun d’ fhuair sinn an t-iarrtas agaibh. Mur eil sibh air seo fhaighinn, dèanaibh cinnteach gu bheil sibh air an t-iarrtas agaibh a chur a-steach is nach eil sibh dìreach air a shàbhaladh.
Thèid sgrùdadh a dhèanamh air iarrtasan nuair a thig iad a-steach le oifigearan Bhòrd na Gàidhlig gus dearbhadh gu bheil iad a’ leantainn riaghailtean na maoine agus gu bheil iad a’ toirt seachad an fhiosrachaidh a tha a dhìth. Ma thathar den bheachd nach eil an t-iarrtas agaibh ceadaichte air adhbhar teicnigeach, thèid iarraidh oirbh seo a chur ceart (ma thathar den bheachd gu bheil seo comasach). Mur eil an t-iarrtas agaibh gu tur a’ leantainn riaghailtean na maoine aig 10m air Diluain 12 Cèitean 2026 dh’fhaodte gun tèid an t-iarrtas agaibh a dhiùltadh gun mheasadh.
Thèid gach iarrtas ceadaichte a mheasadh le pannal de dh’ oifigearan aig Bòrd na Gàidhlig a rèir an stiùireadh-measaidh, agus cuiridh iad molaidhean do Sgioba-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig a nì an co-dhùnadh air na h-iarrtasan.
Dh’fhaodadh gun iarr Bòrd na Gàidhlig tuilleadh fiosrachaidh no mìneachadh air fiosrachadh mu dheidhinn a’ phròiseict mar phàirt den phròiseas measaidh. Mur an tèid am fiosrachadh seo a thoirt seachad taobh a-staigh 10 làithean-obrach, tha sinn a’ glèidheadh na còrach gum faod sinn an t-iarrtas agad a dhiùltadh.
Tha sinn an dùil gun tèid innse dhuibh mu cho-dhùnaidhean air an iarrtas agaibh le phost-d san Ògmhios 2026.
Ma thèid taic a thabhann dhuibh, thèid litir taic-airgid a chur thugaibh tro Docusign dhan neach-sgrìobhaidh ainmichte agaibh (no luchd-sgrìobhaidh ma tha sibh nar buidheann le luchd-obrach agus gum feum sibh Dearbhadh Obrach Chothromaich a lìonadh). Bidh suas ri 30 latha agaibh gus gabhail ris an tairgse (is cumhaichean taic-airgid coitcheann, a tha ri fhaighinn an seo) no thèid an tairgse taic-airgid a thoirt air ais. Thèid foirm fios banca a chur leis an litir-tairgse cuideachd airson a’ lìonadh is dearbhadh am fiosrachadh gus ur pàigheadh.
Dh’ fhaodadh gun tèid taic aontachadh dhuibh “ann am prionnsapal” sa chiad dol a-mach, is bhiodh seo ciallachadh nach eil taic air a thabhann dhuibh gu foirmeil, gum biodh cothrom ann sin a dhèanamh ma tha cumhaichean sònraichte air a choileanadh. Bhiodh tuilleadh fiosrachaidh air a thoirt dhuibh nan robh an suidheachadh seo a bhuntainn ribh.
Mur eil sibh riaraichte le co-dhùnadh air an iarrtas agaibh, ged nach eil pròiseas ath-thagradh againn faodaidh tu gearain a chur a-steach ma tha thu den bheach nach deach dèiligeadh ris an iarrtas agad a-rèir an stiùireadh ‘sa is an stiùireadh-measaidh. Airson tuilleadh fiosrachaidh, tha ar modhan gus dèiligeadh ri ghearanan ri fhaighinn an seo.
Tuilleadh fiosrachaidh
Airson tuilleadh fiosrachaidh mun mhaoin seo, tadhail air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig no cuiribh fios gu tabhartas@gaidhlig.scot.
Faodaidh tu cuideachd sùil a thoirt air freagairtean ri cheistean cumanta mu dheidhinn a’ mhaoineachaidh againn air an làraich-lìn againn.
Gheibhear fiosrachadh mu phrìobhaideachd a thaobh ar sgeamaichean maoineachaidh air an làraich-lìn againn agus bidh agaibh a dhearbhadh aig ìre an iarrtas a chur a-steach gu bheil sibh air seo a leughadh is gabhail ris – gu sònraichte ri linn mar a thèid fiosrachadh mun tabhartas agaibh fhoillseachadh ma tha sibh soirbheachail, is na riatanasan oirnn fo Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002.
Gheibhear cruthan eadar-dhealaichte den stiùireadh seo is de dh’fhoirmichean-iarrtas ma tha sibh ag iarraidh agus dh’ fhaodadh gun tèid iad air fhoillseachadh aig: https://www.gaidhlig.scot/gd/maoineachaidh/cothroman-maoineachaidh/maoin-phlanaichean-gaidhlig/
Eachdraidh Faidhle
v1 – 16 Gearran 2026 – Air fhoillseachadh
