Maoin Taic COVID-19
Tha an sgeama seo dùinte an-dràst.
Gheibhear fiosrachadh air pròiseactan a fhuair taic tron sgeama seo tro GrantNav.
Tha Maoin Taic COVID-19 aig Bòrd na Gàidhlig ann gus taic a chumail ri buidhnean Com-pàirteach Lìbhrigidh agus buidhnean/daoine eile a tha a’ lìbhrigeadh phròiseactan Gàidhlig ri linn staing COVID-19.
Tha taic-airgid ri fhaighinn airson bhuidhnean a chuideachadh le bhith a’ cumail na h-obrach aca a’ dol air-loidhne; gus goireasan agus trèanadh a cho-roinn; agus gus buidhnean a chuideachadh gus an urrainnear ath-shlànachadh cho math ’s a ghabhas.
Tha an sgeama gu sònraichte ag amas air taic a chur ri phròiseactan a tha air tighinn am bàrr air sgath COVID-19 a tha:
- A’ cur ri comasan is èifeachdas bhuidhnean ann a bhith a’ freagairt ri staing COVID-19 an-dràst agus a bhith ag ath-shlànachadh às dèidh làimh
- A’ leasachadh sheirbheisean/ghoireasan ùra agus ro-innleachdail airson coimhearsnachd na Gàidhlig a thèid a lìbhrigeadh fhad ’s a tha cuingealachaidhean siubhail is astarachadh sòisealta ann agus/no a tha cur ri iomairt #cleachdiaigantaigh aig Bòrd na Gàidhlig
- A’ toirt seachad trèanadh is leasachadh, gu h-àraidh ann an roinn nan tràth-bhliadhnaichean, gus cur ri obair Ghàidhlig an-dràsta agus san àm ri teachd
Faodar iarrtasan airson phròiseactan a chur a-steach airson suas ri £20,000 agus suas ri 80% de chosgaisean a’ phròiseict, seach ma thèid bruidhinn ri oifigearan Bòrd na Gàidhlig is cead fhaighinn ro-làimh.
Feumaidh iarrtasan a bhith air an cur a-steach ro 3f air 21 Faoilleach 2021.
Tha stiùireadh nas mionaidiche agus foirm-iarrtais ri fhaighinn gu h-ìosal:
Stiùireadh Maoin Taic COVID-19 (Cuairt 2)
Foirm-iarrtais Maoin Taic COVID-19 (Cuairt 2)
Foirm-iarrtais (PDF) Maoin Taic COVID-19 (Cuairt 2)
Ma tha ceistean sam bith agaibh, nach cuir sibh fios gu tabhartas@gaidhlig.scot