Tabhartasan Trèanadh Teagaisg 2025/26

Tha an sgeama fosgailte gus 3f air Dimàirt 30 Sultain 2025.

Tha a’ mhaoin seo ri faighinn bho Bhòrd na Gàidhlig gus taic a thoirt do dhaoine a tha a’ trèanadh a dh’ionnsaigh dreuchd mar neach-teagaisg Gàidhlig no ann am foghlam tràth-bhliadhnaichean is cùram-chloinne Gàidhlig a tha a dhìth air taic-airgid a bharrachd airson an cùrsa a choileanadh.

Chaidh an sgeama airson 2025/26 atharrachadh gu mòr airson prìomhachas a chur air taic do dhaoine a tha a’ dearbhadh gu bheil taic ionmhais a dhìth orra airson an cùrsa a ghabhail; mar sin, bu chòir do dhaoine a tha air taic iarraidh roimhe beachdachadh air an stiùireadh gu cùramach mus tòisich iad air iarrtas.

Tha a’ mhaoin seo fosgailte do dh’iarrtasan airson chùrsaichean a tha a’ ruith sa bhliadhna acadaimigich 2025/26 (an Lùnastal 2025 – an t-Iuchar 2026) a-mhàin.

Cò dh’fhaodas iarrtas a chur a-steach?

Feumaidh sibh a bhith clàraichte air aon de na cùrsaichean freagarrach a leanas airson taic fhaighinn tron sgeama seo:

  • Fo-cheum ann am Foghlam Gàidhlig (BA/MA Foghlam no MA Gàidhlig le Foghlam)
  • PGDE ann am Foghlam Gàidhlig (Bun-sgoil no Àrd-sgoil – Gàidhlig mar chuspair no cuspairean tro mheadhan na Gàidhlig)
  • HNC no HND ann an tràth-bhliadhnaichean no cùram-chloinne Gàidhlig
  • Cùrsa Maighstireachd ann am Foghlam Gàidhlig (MEd)

Dè an taic a tha ri fhaighinn?

Tha taic ri fhaighinn mar thabhartas airson daoine a tha comasach a bhith dearbhadh gu bheil taic ionmhasail a dhìth airson cùrsa freagarrach a ghabhail.

Faodar taic iarraidh airson:

  • Cìsean cùrsa (mur eil e ceadaichte dhuibh taic fhaighinn bho SAAS);
  • Cosgaisean siubhal ma tha feum agaibh greis teagaisg a dhèanamh air a’ bhliadhna agaibh den chùrsa;
  • Tabhartas bith-beò ma tha sibh a’ faighinn Cuibhreann Neach-cùraim no Cuibhreann Fastadh is Taic (ESA) no ma tha eòlais cùraim agaibh; no
  • Adhbhar eile far an urrainn dhuibh fianais a thoirt dhuinn gu bheil taic ionmhasail a dhìth is nach eil a leithid ri fhaighinn bho SAAS no tùs maoineachaidh eile

Bidh suas ri £1,820 ri fhaighinn airson daoine a tha sireadh taic airson cìsean a’ chùrsa is £1,000 airson luchd-iarrtais eile, ged nach urrainn dhuinn a dhearbhadh gum bi a h-uile tagradh soirbheachail no gum faigh gach tagraiche an suim iomlan a chaidh iarraidh).

Ma tha sibh a’ freagairt air na slatan-tomhais gu h-àrd, bidh agaibh ri fianais a thoirt seachad gu bheil thu coileanadh na slatan tomhais is mar a tha sibh air na cosgaisean agaibh a thomhais.

Airson daoine a tha gabhail cùrsa PGDE, agus a th’ air a bhith ann an obair làn-thìde airson 36 mìos den 84 mìos mu dheireadh is fo-cheum aig ìre 2:2 agad mar thà, tha sinn a’ moladh gu mòr gun cuiridh sibh a-steach airson an sgeama Bursaraidhean Teagaisg aig Leasachadh Sgilean na h-Alba, is cothrom bursaraidh suas ri £15,000 ri fhaighinn.

A’ cur iarrtas a-steach

Tha làn stiùireadh ri fhaighinn air an duilleag làrach-lìn seo air no am PDF an seo.

Bu chòir dhut iarrtas a chur a-steach tro phortal iarrtasan Fluxx aig bng.fluxx.io. Faodaidh tu cunntas a chruthachadh saor ’s an-asgaidh air an làrach-lìn sin is tha e comasach an t-adhartas agad leis an iarrtas a shàbhaladh fhad ’s a tha thu ag obair air. Gheibhear cruthan eadar-dhealaichte den fhoirm-iarrtais ma tha thu a’ cur a dh’ iarraidh sin.

Bu chòir dhuibh an iarrtas a chur a-steach ro 3f air Dimàrt 30 Sultain 2025. Cha ghabh ri iarrtasan a tha anmoch ach ma cheadaicheas Bòrd na Gàidhlig sin.

Bu chòir dhut bruidhinn ri Bhòrd na Gàidhlig, cho luath ’s as urrainn ma tha ceistean agad mu dheidhinn an iarrtais agad le bhith a’ cur post-d gu foghlam@gaidhlig.scot no tabhartas@gaidhlig.scot.

Co-dhùnaidhean

Leigidh sinn fios dhuibh air co-dhùnadh air an iarrtas agaibh meadhan an Dàmhair 2025.

 

Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security