Tabhartasan Trèanadh Teagaisg 2025/26

Tha sgeama 2026/27 fosgailte gus 3f air Diciadian 26 Lùnastal 2026.

Tha a’ mhaoin seo ri faighinn bho Bhòrd na Gàidhlig gus taic a thoirt do dhaoine a tha a’ trèanadh a dh’ionnsaigh dreuchd mar neach-teagaisg Gàidhlig no ann am foghlam tràth-bhliadhnaichean is cùram-chloinne Gàidhlig a tha a dhìth air taic-airgid a bharrachd airson an cùrsa a choileanadh.

Bidh an sgeama airson 2026/27 a’ cur prìomhachas air taic do dhaoine a tha a’ dearbhadh gu bheil taic ionmhais a dhìth orra airson an cùrsa a ghabhail; mar sin, bu chòir do dhaoine a tha air taic iarraidh roimhe beachdachadh air an stiùireadh gu cùramach mus tòisich iad air iarrtas.

Tha a’ mhaoin seo fosgailte do dh’iarrtasan airson chùrsaichean a tha a’ ruith sa bhliadhna acadaimigich 2026/27 (an Lùnastal 2026 – an t-Iuchar 2027) a-mhàin.

Cò dh’fhaodas iarrtas a chur a-steach?

Feumaidh sibh a bhith clàraichte air aon de na cùrsaichean freagarrach a leanas airson taic fhaighinn tron sgeama seo:

  • Fo-cheum ann am Foghlam Gàidhlig (BA/MA Foghlam no MA Gàidhlig le Foghlam)
  • PGDE ann am Foghlam Gàidhlig (Bun-sgoil no Àrd-sgoil – Gàidhlig mar chuspair no cuspairean tro mheadhan na Gàidhlig)
  • HNC no HND ann an tràth-bhliadhnaichean no cùram-chloinne Gàidhlig

Dè an taic a tha ri fhaighinn?

Tha taic ri fhaighinn mar thabhartas airson daoine a tha comasach a bhith dearbhadh gu bheil taic ionmhasail a dhìth airson cùrsa freagarrach a ghabhail.

Faodar taic iarraidh airson:

  • Cìsean cùrsa (mur eil e ceadaichte dhuibh taic fhaighinn bho SAAS);
  • Cosgaisean-siubhail ma dh’fheumas sibh greis teagaisg a dhèanamh air a’ bhliadhna den chùrsa air am bi thu;
  • Tabhartas bith-beò ma tha sibh a’ faighinn Cuibhreann Neach-cùraim no Cuibhreann Cosnaidh is Taic (ESA) no ma tha eòlas agaibh air cùram;
  • Ma tha no bha thu ann an cùram (fo sgèith ùghdarrais ionadail) fhad ‘s a bha thu ro aois 18; no
  • Adhbhar eile far an urrainn dhuibh fianais a thoirt dhuinn gu bheil taic ionmhasail a dhìth oirbh is nach eil a leithid ri faighinn bho SAAS no tùs maoineachaidh eile

Bidh suas ri £1,820 ri fhaighinn airson daoine a tha a’ sireadh taic airson cìsean a’ chùrsa is £1,000 airson luchd-iarrtais eile, ged nach urrainn dhuinn dearbhadh gum bi a h-uile tagradh soirbheachail no gum faigh gach tagraiche an t-sùim iomlan a chaidh iarraidh.

Ma tha sibh a’ coileanadh nan slatan-tomhais gu h-àrd, bidh agaibh ri fianais a thoirt seachad gu bheil sibh a’ coileanadh nan slatan-tomhais agus fiosrachadh air mar a tha sibh air na cosgaisean agaibh a thomhais.

Chan fhaod sibh taic iarraidh tron sgeama seo ma tha sibh air taic fhaighinn bhon Sgeama Bursaraidhean Teagaisg aig Riaghaltas na h-Alba / Leasachadh Sgilean na h-Alba airson am bliadhna acadaimigich 2026/27.

A’ cur iarrtas a-steach

Tha làn stiùireadh ri fhaighinn air an duilleag làrach-lìn seo air no am PDF an seo.

Bu chòir dhut iarrtas a chur a-steach tro phortal iarrtasan Fluxx aig bng.fluxx.io. Faodaidh tu cunntas a chruthachadh saor ’s an-asgaidh air an làrach-lìn sin is tha e comasach an t-adhartas agad leis an iarrtas a shàbhaladh fhad ’s a tha thu ag obair air. Gheibhear cruthan eadar-dhealaichte den fhoirm-iarrtais ma tha thu a’ cur a dh’ iarraidh sin.

Bu chòir dhuibh an iarrtas a chur a-steach ro 3f air Dimàrt 27 Lùnastal 2026. Cha ghabh ri iarrtasan a tha anmoch ach ma cheadaicheas Bòrd na Gàidhlig sin.

Bu chòir dhut bruidhinn ri Bhòrd na Gàidhlig, cho luath ’s as urrainn ma tha ceistean agad mu dheidhinn an iarrtais agad le bhith a’ cur post-d gu foghlam@gaidhlig.scot no tabhartas@gaidhlig.scot.

Tha an sanas prìobhaideachd againn air mar a thèid an iarrtas agaibh a làimhseachadh ri fhaighinn an seo.

Co-dhùnaidhean

Leigidh sinn fios dhuibh air co-dhùnadh air an iarrtas agaibh meadhan an t-Sultain 2026. Cha tèid fios a chumail riut ron uair sin, ge bith cho tràth is a tha an iarrtas agad air a chur a-steach.

 

Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.