Stiùireadh airson Tabhartasan Trèanadh Teagaisg 2025/26
Mu dheidhinn na maoine
Tha a’ mhaoin seo ri faighinn bho Bhòrd na Gàidhlig gus taic a thoirt do dhaoine a tha a’ trèanadh a dh’ionnsaigh dreuchd mar neach-teagaisg Gàidhlig no ann am foghlam tràth-bhliadhnaichean is cùram-chloinne Gàidhlig a tha a dhìth air taic-airgid a bharrachd airson an cùrsa a choileanadh.
Chaidh an sgeama airson 2025/26 atharrachadh gu mòr airson prìomhachas a chur air taic do dhaoine a tha a’ dearbhadh gu bheil taic ionmhais a dhìth orra airson an cùrsa a ghabhail; mar sin, bu chòir do dhaoine a tha air taic iarraidh roimhe beachdachadh air an stiùireadh gu cùramach mus tòisich iad air iarrtas.
Tha a’ mhaoin seo fosgailte do dh’iarrtasan airson chùrsaichean a tha a’ ruith sa bhliadhna acadaimigich 2025/26 (an Lùnastal 2025 – an t-Iuchar 2026) a-mhàin.
Dè an taic a tha ri fhaighinn?
Tha taic ri faighinn mar thabhartas airson daoine a tha comasach air dearbhadh gu bheil taic ionmhasail a dhìth orra airson cùrsa freagarrach a ghabhail.
Faodar taic iarraidh airson:
- Cìsean cùrsa (mur eil e ceadaichte dhuibh taic fhaighinn bho SAAS);
- Cosgaisean-siubhail ma dh’fheumas sibh greis teagaisg a dhèanamh air a’ bhliadhna agaibh den chùrsa;
- Tabhartas bith-beò ma tha sibh a’ faighinn Cuibhreann Neach-cùraim no Cuibhreann Cosnaidh is Taic (ESA) no ma tha eòlas agaibh air cùram; no
- Ma tha no bha thu ann an cùram (fo sgèith ùghdarrais ionadail) fhad ‘s a bha thu ro aois 18; no
- Adhbhar eile far an urrainn dhuibh fianais a thoirt dhuinn gu bheil taic ionmhasail a dhìth oirbh is nach eil a leithid ri faighinn bho SAAS no tùs maoineachaidh eile
Bidh suas ri £1,820 ri fhaighinn airson daoine a tha a’ sireadh taic airson cìsean a’ chùrsa is £1,000 airson luchd-iarrtais eile, ged nach urrainn dhuinn dearbhadh gum bi a h-uile tagradh soirbheachail no gum faigh gach tagraiche an t-sùim iomlan a chaidh iarraidh.
Ma tha sibh a’ coileanadh nan slatan-tomhais gu h-àrd, bidh agaibh ri fianais a thoirt seachad gu bheil sibh a’ coileanadh nan slatan-tomhais agus fiosrachadh air mar a tha sibh air na cosgaisean agaibh a thomais.
Cò dh’fhaodas iarrtas a chur a-steach?
Feumaidh sibh a bhith clàraichte air aon de na cùrsaichean freagarrach a leanas airson taic fhaighinn tron sgeama seo:
- Fo-cheum ann am Foghlam Gàidhlig (BA/MA Foghlam no MA Gàidhlig le Foghlam)
- PGDE ann am Foghlam Gàidhlig (Bun-sgoil no Àrd-sgoil – Gàidhlig mar chuspair no cuspairean tro mheadhan na Gàidhlig)
- HNC no HND ann an tràth-bhliadhnaichean no cùram-chloinne Gàidhlig
- Cùrsa Maighstireachd ann am Foghlam Gàidhlig (MEd)
A thuilleadh air seo, airson a bhith a’ freagairt air an sgeama seo, feumaidh sibh a bhith: a’ fuireach ann an Alba; a’ gabhail cùrsa le colaiste no oilthigh Albannach; cead obair ann an Alba mar neach-obrach tràth-bhliadhnaichean no neach-teagaisg Gàidhlig a bhith agaibh an dèidh an cùrsa a choileanadh; agus cunntas-banca san RA a bhith agaibh aig an àm a tha sibh a’ cur an iarrtais agaibh a-steach.
Ma tha sibh a’ clàradh airson cùrsa PGDE, ma tha sibh a’ freagairt air riaghailtean airson Sgeama Bursaraidhean Teagaisg aig Riaghaltas na h-Alba / Leasachadh Sgilean na h-Alba agus soirbheachail ann a bhith a’ cur iarrtas a-steach, cha bhi e ceadaichte dhuibh taic-airgid fhaighinn tron sgeama aig Bòrd na Gàidhlig. Tha sinn a’ moladh gu mòr gun toir sibh sùil air riaghailtean an sgeama sin is iarrtas a chur a-steach ma tha sin ceadaichte, leis gur dòcha gum bi sibh airidh air bursaraidh luach suas ri £15,000.
Chan fhaod sibh ach aon iarrtas a chur a-steach dhan chuairt mhaoineachaidh seo.
A’ cur iarrtas a-steach
Bu chòir dhuibh bruidhinn ri Bòrd na Gàidhlig, cho luath ’s as urrainn ma tha ceistean agaibh mu dheidhinn an iarrtais agaibh le bhith a’ cur post-d gu foghlam@gaidhlig.scot no tabhartas@gaidhlig.scot.
Bu chòir dhuibh iarrtas a chur a-steach tro phortal iarrtasan Fluxx aig bng.fluxx.io. Faodaidh sibh cunntas a chruthachadh saor ’s an-asgaidh air an làraich-lìn sin is tha e comasach an t-adhartas agaibh leis an iarrtas a shàbhaladh fhad ’s a tha sibh ag obair air. Gheibhear cruthan eadar-dhealaichte den fhoirm-iarrtais ma tha sibh a’ cur a dh’ iarraidh sin.
Bidh am foirm-iarrtais ag iarraidh oirbh:
- Fiosrachadh mur deidhinn
- Dè an cùrsa a bhios sibh a’ gabhail
- Dè an taic a tha sibh ag iarraidh (agus ciamar a tha sibh air seo obrachadh a-mach)
- Carson a tha an taic seo a dhìth (agus airson fianais mar a tha a dhìth)
Bidh agaibh ri fianais a chur thugainn mar phàirt den iarrtas airson dearbhadh gu bheil sibh air àite a ghabhail air a’ chùrsa agaibh (ma tha sibh a’ dol a-steach do chiad bhliadhna de chùrsa) no gu bheil sibh clàraichte airson na bliadhna-cùrsa ri thighinn, agus feumaidh an fhianais gabhail a-steach ur n-ainm, ainm na colaiste/oilthigh is a’ chùrsa agus dearbhadh air a’ bhliadhna sam bi sibh a’ dol a-steach den chùrsa.
Faodar fianais a thoirt seachad gun tugadh dhuibh àite air cùrsa le lethbhreac de litir no post-d bho UCAS, bhon oilthigh no bhon cholaiste. Ma tha cumhaichean air an tairgse-cùrsa agaibh, faodaidh sibh fhathast iarrtas a chur a-steach, ach cha tèid tabhartas a thabhann gus a bheil sibh air fianais a thoirt dhuinn gu bheil sibh air na cumhaichean a choileanadh is gu bheil àite air a’ chùrsa air a thabhann dhuibh.
Ma tha sibh a’ leantainn oirbh le cùrsa, tha stiùireadh ri fhaighinn gu h-ìosal air mar a gheibhear fianais bho dhiofar oilthighean gu bheil sibh clàraichte air cùrsa:
Oilthigh Dhùn Èideann – Certificate of Matriculation (available via Electronic Document Service in MyEd)
Oilthigh Ghlaschu – Certifying Letters (available via Student Center > My Academic Record)
Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean – Study Status Letter (available via Student Hub)
Oilthigh Shrath Chluaidh – Student Status Letter (available under the “Personal” tab of Pegasus)
Sabhal Mòr Ostaig – Tha litir ri faighinn bho Shona NicCarmaig (snc.smo@uhi.ac.uk), Stiùiriche Foghlam Thidsearan, airson dearbhadh gu bheil sibh clàraichte air a’ chùrsa
A rèir na taice a tha sibh ag iarraidh, ’s mathaid gum feum sibh fianais eile a thoirt seachad mar a leanas:
- Dearbhadh air cìsean a’ chùrsa (airson gach iarrtas a tha a’ sireadh taic le cìsean)
- Dearbhadh nach pàigh SAAS cìsean a’ chùrsa (ma tha sibh a’ sireadh taic le cìsean a’ chùrsa agaibh airson cùrsa fo-cheum no iar-cheum)
- Fianais air an eachdraidh-obrach agaibh, ri faighinn bho eachdraidh Cìs Teachd-a-steach PAYE aig HMRC, no le bhith a’ cur a-steach P60/P45 no litrichean bho sheann luchd-fastaidh, no fianais gun d’ fhuair sibh Cuibhreann Neach-cùraim (ma tha sibh a’ sireadh taic a bharrachd air sgath ’s gun robh sibh ann an obair làn-thìde)
- Litir bho neach proifeasanta airson eòlas air cùram a dhearbhadh (ma tha sibh airson an tabhartas eòlas air cùram a ghabhail). Gheibhear mìneachadh air dè tha ann an neach proifeasanta ann an stiùireadh SAAS)
Bu chòir dhuibh an t-iarrtas a chur a-steach ro 3f air Dimàirt 30 Sultain 2025. Cha ghabhar ri iarrtasan a tha anmoch ach ma cheadaicheas Bòrd na Gàidhlig sin.
Thoiribh fa-near gum faod Bòrd na Gàidhlig tuilleadh fiosrachaidh no soilleireachadh iarraidh bhuaibh an dèidh dhuibh iarrtas a chur a-steach. Dh’fhaodadh gun tèid iarrtas sam bith nach eil a’ leantainn an stiùiridh seo no far nach eil faidhlichean riatanach uile an cois aig 10m air Dimàirt 7 Dàmhair 2025 a dhiùltadh.
Mar a thèid dèiligeadh ris an iarrtas agus tabhartas
Thèid na h-iarrtasan uile a mheasadh le phannal de dh’ oifigearan Bòrd na Gàidhlig aig tòiseach na Dàmhair 2025 an dèidh dhan sgeama dùnadh, gus dearbhadh gu bheil buidseat gu leòr ann airson an àireamh dh’iarrtasan a fhuaireadh, a-rèir am feum a tha air a dhearbhadh san iarrtas airson an taic air iarraidh. Thèid co-dhùnadh air an iarrtas agad a mhìneachadh dhuibh tro phost-dealain ann am meadhan na Dàmhair 2025.
Ma tha fad a bharrachd iarrtasan ann na leigeas le buidseat an sgeama (a thathar an dùil a bhith aig £20,000), thèid sùimeannan tabhartais aig na h-iarrtasan soirbheachail a lùghdachadh ann an dòigh cho-rèireach, ach ma tha taic air aontachadh do chìsean cùrsa bidh sinn ag amas air sin a thabhann gu h-iomlan.
Ma thathar a’ gabhail ris an iarrtas agaibh, thèid litir-tairgse a chur thugaibh tro phost-dealain le Docusign. Innsidh sin dè am maoineachadh a gheibh sibh agus dè na cumhachan maoineachaidh a th’ ann agus iarraidh sinn air am fiosrachadh banca agaibh airson ’s gur urrainn dhuinn pàighidhean bhon tabhartas a chur thugaibh. Mur eil an t-iarrtas agaibh soirbheachail, cuiridh sinn post-dealain thugaibh gus adhbharan air chùlaibh a’ cho-dhùnaidh a mhìneachadh.
Ma thèid taic aontachadh airson cìsean a’ chùrsa, thèid iarraidh oirbh bruidhinn ris a’ cholaiste no oilthigh agaibh gus cunntas a chur air dòigh gus an urrainn dhuinn ur cìsean a phàigheadh thuca gu dìreach. Ma tha sibh air pàigheadh airson cìsean a’ chùrsa mus robh co-dhùnadh ann air an iarrtas agaibh, faodaidh sinn fianais iarraidh gun do phàigh sibh a’ cholaiste no oilthigh airson ’s gum pàigh sinn an t-sùim thugaibh.
Ma tha tabhartas air aontachadh, thathar an dùil gun tèid 50% den tabhartas a phàigheadh nuair a thilleas sibh an litir-tairgse agus dearbhadh air an fhiosrachadh banca agaibh. Ma tha sibh air maoineachadh fhaighinn a-cheana, feumaidh sibh aithisgean adhartais a chur thugainn airson nam bliadhnaichean don d’ fhuair sibh taic ’s aonta fhaighinn airson nan aithisgean sin mus tèid ur pàigheadh airson an tabhartais ùir agaibh.
Thèid am 50% mu dheireadh den tabhartas a phàigheadh thugad san Fhaoilleach 2026.
Nach cuir sibh fios san fhoirm-iarrtais agaibh, no cuiribh fios gu sgioba nan tabhartasan aig Bòrd na Gàidhlig aig tabhartas@gaidhlig.scot, mas e ’s gum biodh clàr-ama pàighidh eadar-dhealaichte nas freagarraiche dhuibh.
Mur eil sibh riaraichte le co-dhùnadh air an iarrtas agaibh, ged nach eil pròiseas ath-thagraidh againn faodaidh sibh gearan a chur a-steach ma tha sibh den bheachd nach deach dèiligeadh ris an iarrtas agaibh a rèir an stiùiridh seo is a rèir an stiùiridh-measaidh. Airson tuilleadh fiosrachaidh, gheibhear na modhan againn airson dèiligeadh ri gearanan an seo.
Sgrùdadh is measadh air adhartas
Mar chumha den tabhartas agaibh, feumaidh sibh aontachadh ri:
- Crìoch a chur air a’ chùrsa dham bheil sibh a’ sireadh taic;
- Aithisg adhartais a chur gu Bòrd na Gàidhlig ro 14 Lùnastal 2026; agus
- Gealltanas a thoirt seachad gus an t-ath cheum a ghabhail a dh’ionnsaigh teagasg ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, le bhith:
- A’ leantainn oirbh dhan ath bhliadhna den chùrsa;
- A’ leantainn oirbh gu bliadhna-phrobhaidh teagaisg; no
- A’ leantainn oirbh gu dreuchd teagaisg no tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig
Dh’fhaodte gun cuir oifigearan Bòrd na Gàidhlig fios thugaibh tron chùrsa agaibh, feuch am faigh iad fios gu neo-fhoirmeil air mar a tha e a’ dol dhuibh.
Mas e ’s nach cuir sibh crìoch air a’ chùrsa agaibh, no ma nì sibh co-dhùnadh gun a bhith a’ leantainn dreuchd ann am foghlam Gàidhlig, feumaidh sibh fios a chur gu Bòrd na Gàidhlig sa bhad, le dùil gum bi agaibh ri pàirt den tabhartas a thilleadh a rèir na tha air a mhìneachadh san litir-tairgse agaibh.
Tuilleadh fiosrachaidh
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn maoineachaidh, nach tadhail sibh air làrach-lìn Bòrd na Gàidhlig, no cuiribh post-d gu tabhartas@gaidhlig.scot.
Faodaidh sibh cuideachd sùil a thoirt air freagairtean ri ceistean cumanta mu dheidhinn a’ mhaoineachaidh againn air an làraich-lìn againn.
Gheibhear fiosrachadh mu phrìobhaideachd a thaobh ar sgeamaichean maoineachaidh air-an làraich-lìn againn.
Gheibhear cruthan eile den stiùireadh seo is de fhoirmichean-iarrtais, ma tha sibh gan iarraidh, agus dh’fhaodte gun tèid am foillseachadh aig: https://www.gaidhlig.scot/gd/maoineachaidh/cothroman-maoineachaidh/tabhartasan-treanadh-teagaisg/
Eachdraidh Faidhle
v1 – 19 Lùnastal 2025 – Air fhoillseachadh