Sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd 2025-27
Tha Bòrd na Gàidhlig air ath-fhosgladh sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd, a’ tabhann chothroman maoineachaidh do phròiseactan Gàidhlig ann an coimhearsnachdan. Tha taic ri fhaighinn do phròiseactan airson suas ri dà bhliadhna, is airson a’ chiad uair thathar cumail taic ri phròiseactan eadar luchd-labhairt na Gàidhlig is Gaeilge tron sgeama seo mar phàirt den iomairt Cholmcille. […]
21/11/2024
Barrachd >Seisean-fiosrachaidh mu FtMG
Tha Bòrd na Gàidhlig agus Comann nam Pàrant air seisean fiosrachaidh air-loidhne a chuir air dòigh far an ionnsaich thu mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FtMG) bho luchd-cleachdaidh a tha a’ lìbhrigeadh a’ churraicealaim gach latha. Tha an seisean seo ag amas air teaghlaichean a tha a’ beachdachadh air FtMG airson an cuid chloinne agus […]
13/11/2024
Barrachd >
Plana Corporra Bhòrd na Gàidhlig
Tha Bòrd na Gàidhlig toilichte an naidheachd a thoirt dhuibh gun deach am Plana Corporra as ùire againn aontachadh le Ministearan na h-Alba o chionn ghoirid agus gun deach fhoillseachadh an-diugh. Tha am Plana Corporra seo a’ mìneachadh obair Bhòrd na Gàidhlig gu 2028 agus an dòigh anns a bheil sinn a’ cur ri lìbhrigeadh […]
11/10/2024
Barrachd >


