Seisean-fiosrachaidh mu Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig
Tha Bòrd na Gàidhlig agus Comann nam Pàrant air seisean-fiosrachaidh air-loidhne a chuir air dòigh far an ionnsaich thu mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FtMG) bho luchd-cleachdaidh a tha a’ lìbhrigeadh a’ churraicealaim gach latha agus bho phroifeiseantaich eile a tha ag obair san roinn.
Tha an seisean seo ag amas air teaghlaichean a tha a’ beachdachadh air FtMG airson an cuid chloinne agus a tha airson barrachd ionnsachadh mu na roghainnean a tha rim faotainn dhaibh. A dh’aindeoin sin, bidh an seisean fosgailte do neach sam bith aig a bheil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh mu FtMG.
Bidh riochdairean ann bho Bhòrd na Gàidhlig agus Comann nam Pàrant an cuide ri tidsearan a tha ag obair ann am Foghlam Gàidhlig agus bidh fàilte bhlàth oirbh tighinn ann gus tuilleadh ionnsachadh mu dè a th’ ann am FtMG agus na buannachdan an sàs ann. Bidh fiosrachadh ri fhaighinn mu FtMG aig gach ìre agus ’s e deagh chothrom a bhios ann cluinntinn bho dhaoine a tha ag obair ann an diofar dhreuchdan agus ceistean a chur orra.
Thèid an seisean a lìbhrigeadh air Diardaoin, 04.12.25 aig 7f.
Faodaidh tu clàradh airson na seisean air Eventbrite an seo.
