Aithisg bhliadhnail Bòrd na Gàidhlig a’ sealltainn soirbheachas cudromach

Bha bliadhna de shoirbheasan aig Bòrd na Gàidlhig, tha aithisg na buidhne airson 2019/20 air a sealltainn. Tha Bòrd na Gàidhlig (BnG) cuideachd air moladh fhaighinn bho an luchd-sgrùdaidh on taobh a-muigh.

Tha a’ bhuidheann phoblach neo-roinneil air leantainn air adhart leis an obair aice le com-pàirtichean lìbhrigidh gus cur ri cleachdadh, ionnsachadh agus cur air adhart na Gàidhlig air feadh na h-Alba, ann an sgìrean bailteil agus anns na coimhearsnachd traidiseanta. Bha leudachadh maoineachaidh ann de £0.04m gu £1.8m gus obair a bharrachd a chur an comas ann an 2019/20.

Tron bhliadhna, b’ e #Cleachdi fear de na pròiseactan ùra inntinneach a stèidhich sinn, pròiseact a thog ùidh aig daoine aig gach aois. ’S e iomairt a th’ ann gus barrachd dhaoine a bhrosnachadh gus Gàidhlig a chleachdadh nas trice ann am barrachd shuidheachaidhean, rud a tha na phrìomh amas anns a’ Phlana Nàiseanta Ghàidhlig làithreach. Uile gu lèir, chaidh 13.8k nithean sanasachd iarraidh is a sgaoileadh taobh a-staigh a’ chiad 4 mìosan – àireamh fìor bhrosnachail.

Chaidh an sgeama tùsail a leudachadh gu #Cleachdiaigantaigh gus a h-uile duine a bhrosnachadh gus a’ Ghàidhlig a chleachdadh aig an taigh agus gu sònraichte gus taic a thoirt do dhaoine òga aig àm a’ ghlasaidh. Tha seo air a bhith luachmhor ann an dachaighean far nach eil cus Ghàidhlig air a bruidhinn agus tha an obair seo a’ leantainn, a’ cur ri luach ri ionnsachadh cànain.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche BnG: “Bha bliadhna air leth torrach againn is tha seo follaiseach san aithisg seo. Lìbhrig a’ bhuidheann iomadh toradh is buannachd sònraichte dhan Ghàidhlig tron bhliadhna agus rinn sinn leasachaidhean mòra taobh a-staigh na buidhne. Chuir sin ann an deagh stèidh sinn aig àm a’ ghlasaidh agus mar sgioba làidir is misneachail dhèilig sinn gu soirbheachail le dùbhlain COVID.”

Am measg nam prìomh naidheachdan bho aithisg 2019-20 tha:

• Àrdachadh nach beag anns an àireamh de dh’ ùghdarrasan poblach a tha a’ deasachadh agus a’ cur an gnìomh planaichean Gàidhlig – leis an àireamh air èirigh bho 57 gu 68 ùghdarrasan poblach
• Bha suirbhidh luchd-ùidh a’ sealltainn gun robh 83% ag aontachadh ris a’ bheachd gu bheil BnG a’ coileanadh a dhleastanasan gu h-èifeachdach agus a’ toirt seachad taic.
• Bha siostaman taobh a-staigh na buidhne, agus tha iad fhathast, a’ fàs nas fheàrr le toraidhean ann an suirbhidh an luchd-obrach a’ sealltainn gu bheil 80% den luchd-obrach den bheachd gu bheil an obair aca a’ toirt sàsachd dhaibh agus gu bheil an obair aca a’ dèanamh eadar-dhealachadh.
• Chaidh 7 a-mach à 9 de na PCC sa Phlana Chorporra a choileanadh
• Chaidh 73 de na 85 gnìomhan sa Phlana Gnìomh a choileanadh, le 8 dhiubh air an coileanadh gu ìre ro dheireadh na bliadhna agus leis a’ chòrr dèante às dèidh deireadh na bliadhna.
• Thug BnG taic-airgid do raon nas motha de dh’oifigearan Gàidhlig ann an sgìrean eileanach is dùthchail.
• Thug BnG taic-airgid do mhòr-ionadan sna bailtean gus cleachdadh na Gàidhlig a neartachadh.

Fhuair BnG moladh cuideachd às dèidh leasachaidhean mòra ann an ceannardas is riaghladh, a rèir na h-aithisg bliadhnail as ùire.

Chomharraich aithisg 2019-20 gun tug luchd-sgrùdaidh on taobh a-muigh moladh dhan bhuidhinn airson nan ceumannan a tha iad air gabhail às dèidh dhaibh plana leasachaidh a chur an sàs thairis air na 12 mìosan a dh’fhalbh.

Thuirt Shona Niclllinnein, Ceannard BnG: “Thug seo misneachd dhuinn agus tha i air ar brosnachadh gu mòr a thaobh nam pròiseasan againn airson leasachadh leantainneach. Thar na bliadhna a dh’fhalbh chunnacas grunn leasachaidhean cudromach. Tha sinn air adhartas mòr a dhèanamh ann a bhith a’ leasachadh ar buidhne, agus tha seo uile air dèanamh cinnteach gu bheil sinn air leasachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh ann an Alba.”

Chomharraich am plana leasachaidh adhartas ann an ceithir prìomh raointean – riaghladh agus fosgarrachd; trèanadh is leasachadh; conaltradh; agus luach an airgid. Tha leasachaidhean cuideachd air tachairt ann an siostaman taobh a-staigh Bòrd na Gàidhlig, a bharrachd air an deagh obair leantainneach le luchd-ùidh.

Chuir Màiri NicAonghais ris: “Ged a tha an suidheachadh dùbhlanach seo fhathast a’ toirt buaidh mhòr air a’ Ghàidhlig, tha cothroman ùra a’ tighinn am follais cuideachd. Tha sinn ag amas air dèanamh cinnteach gum bi adhartas agus tèarainteachd ann dhan Ghàidhlig anns na h-amannan gun samhail seo tro cho-obrachadh tron dùthaich air fad. Gu ruige seo tha na soirbheachasan nam bun-stèidh airson leasachaidhean a bharrachd agus tha feum air maoineachadh a bharrachd dhan Ghàidhlig airson seo a a thoirt gu buil. Le bhith dàna agus ùr-gnàthach , is urrainn dhuinn mòran cheumannan cumhachdach is àrd-amasach a choileanadh ann a bhith a’ togail àite na Gàidhlig ann an Alba ùr agus eadar-dhealaichte, le Bòrd na Gàidhlig a’ gabhail an stiùir.”

Leugh aithisg bhliadhnail Bhòrd na Gàidhlig 2019-20 an-seo

Notaichean don luchd-deasaiche
• Fhuair Bòrd na Gàidhlig Tabhartas-gus-Cuideachadh de beagan nas lugha na £5.2 millean uile gu lèir ann an 19/20 – feumaidh Bòrd na Gàidhlig obrachadh taobh a-staigh an riarachaidh ionmhasail seo a thugadh dhaibh le Ministearan na h-Alba.
• Bha £1.6 millean airson prìomh chosgaisean ruith, agus chaidh £2.5 millean gu maoinean leasachaidh Gàidhlig – a’ gabhail a-steach maoineachadh coimhearsnachd do dhaoine, pròiseactan agus buidhnean, agus £1.1 millean a dh’ionnsaigh Maoin Buileachaidh nam Planaichean Gàidhlig.