Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Stiùiriche Foghlaim na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann phoblach ann an Alba ris a bheil e an urra cor na Gàidhlig a thoirt air adhart, a’ sireadh Stiùiriche Foghlaim na Gàidhlig. Bidh an dreuchd seo ann an co-phàirt leis a’ Mhanaidsear Foghlaim a chuireadh san dreuchd o chionn goirid.

Bidh an neach soirbheachail a’ stiùireadh poileasaidh foghlaim is ionnsachaidh a’ Bhùird, a’ comhairleachadh a’ Bhùird fhèin, an Riaghaltais agus buidhnean lìbhrigidh foghlaim is ionnsachaidh eile mar ùghdarrasan ionadail, mu amasan a’ Bhùird a thaobh leasachadh air foghlam Gàidhlig.

Thuirt Mairi T NicAonghais, Cathraiche Eadar-amail Bhòrd na Gàidhlig: “Bidh iomadh cothrom aig an neach a bhios soirbheachail air buaidh mhòr a thoirt air fàs na Gàidhlig tro fhoghlam aig gach aois – eadar clann san dachaigh gu inbhich a tha ag ionnsachadh tro fhoghlam reachdail agus teicneòlas didseatach.

Tha sinn ag obair gu dlùth leis an Riaghaltas, le Foghlam Alba agus buidhnean poblach eile, leis na h-oilthighean is colaistean is buidhnean sa choimhearsnachd agus tha Stiùiriche Foghlaim na Gàidhlig aig cridhe na h-obrach seo.  Bidh an obair seo glè tharraingeach is inntinneach dhan neach aig a bheil na sgilean, comasan is eòlas gus poileasaidh foghlaim Gàidhlig a thoirt air adhart.”

Fiosrachadh as ùire: Tha an t-àm airson tagraichean a chur a-steach airson an dreuchd seo air a dhol seachad.