Leasachadh do Foghlam aig Ìre nan Tràth-bhliadhnaichean

Tha sgeama phìleatach ùr, a leasaicheas obair nan tràth-ìrean, ga chur air bhog le Comann nam Pàrant (CnamP) is Comunn na Gàidhlig (CnaG), ann an co-bhonn le Bòrd na Gàidhlig.

Thèid triùir ùra fhastadh aig Comann nam Pàrant gus obair ro-chudromach a dhèanamh le buidhnean nan tràth-ìrean – 1 Mhanaidsear is 2 Oifigear Leasachaidh air am maoineachadh le Bòrd na Gàidhlig.

Mairidh an sgeama pìleatach seo bliadhna sa chiad dol a-mach ach le sealladh gun tèid a leudachadh ma ’s e dòigh lìbhrigidh èifeachdach a th’ ann airson Gàidhlig a bhrosnachadh sna tràth-bhliadhnaichean.

Bidh na h-oifigearan a’ cumail taic ann a diofar sgìrean (nan Eileanan Siar, Earra-Ghàidheal, is ‘Deas’) agus ag obair ann a’ chom-phàirt le Ùghdarrasan Ionadail agus buidhnean saor thoileach tràth-bhliadhnaichean airson taic a chumail aig ìre ionadail.

’S iad Comann nam Pàrant, a tha na phàirt de ChnaG, a bhios a’ toirt stiùir air a’ phròiseact leis gu bheil mion-eòlas aca sa roinn seo.  Tha iad air a bhith an sàs ri a bhith a’ cumail taic ri pàrantan aig na tràth-ìrean FtMG fad iomadh bliadhna. Tha iad air a bhith an teis-meadhan pròiseact eile le BnG gus ionmhas a shireadh is a sgaoileadh do bhuidhnean tràth-ìrean.

Tha Comann nam Pàrant agus Comunn na Gàidhlig an dùil togail air an t-seirbheis a th’ ann roimhe le bhith ag amas air na leanas:

  • sgioba taic tràth-ìrean a stèidheachadh gus pàrantan ùra a bhrosnachadh tighinn a-staigh do Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FtMG)
  • dàimh nas làidire dhan Ghàidhlig a stèidheachadh “anns an dachaigh”; far am bitheadh clann a’ tilleadh à seisean tràth-ìrean, ach fhathast a’ cluinntinn is a’ cleachdadh Gàidhlig aig an taigh – aig ìre a choireigin
  • sgilean Gàidhlig a thogail aig ìre nas òige
  • na buidhnean stèidhichte a neartachadh, agus feadhainn ùra a thòiseachadh
  • cothroman ionnsachaidh a bharrachd ann dhan chloinn
  • fàs a thoirt air an sgioba agus an obair tràth-ìrean
  • a cuir ri fàs FtMG
  • leudachadh air àireamh is comasan luchd-labhairt a chànain.

Rè àm a’ ghlasaidh, bha teaghlaichean a’ frithealadh seiseanan Pàrant is Pàiste air loidhne.

Tro chòmhraidhean le pàrantan rè na h-ùine sin, fhuair oifigearan CnamP is BnG a-mach ged a bha pàrantan agus buidhnean a’ cur fàilte air na cothroman ùra a bha a’ tighinn am bàrr air loidhne, leithid am pròiseact Gìog Ort ann an co-bhann le Stòrlann, ’s e tilleadh gu coinneachadh aghaidh ri aghaidh a bha mòran a’ sireadh. Tha pàrantan air a bhith mothachail gu bheil àm a ghlasaidh air buaidh a thoirt air fileantas an cuid cloinne agus thuirt buidhnean tràth-bhliadhnaichean gur e aon dha na duilgheadasan as motha a tha air a bhith aca, nach robh cothrom ann coinneachadh ri teaghlaichean gus Gàidhlig a bhruidhinn ann an suidheachadh spòrsail – leis gur e seo aon dha na dòighean às fheàrr sgilean cànain a leasachadh.

Thuirt Magaidh Wentworth, Stiùiriche Nàiseanta ChnamP: “Tha na h-aoisean 0-3 na prìomhachais agus gu math cudromach a thaobh fàs ann an FtMG, ach cuideachd a thaobh Gàidhlig anns an dachaigh agus a’ choimhearsnachd. ’S e na tha am pròiseact seo ag iarraidh a’ dèanamh brosnachadh a thoirt do phàrantan ùr gus an cuid cloinne aca a chlàradh ann an FtMG, agus cuideachadh a thoirt dhan chloinn ud an cuid comasan cànan is ionnsachadh Gàidhlig a thòiseachadh cho tràth ’s a ghabhas. Tha e gu math cudromach gum bi toiseach tòiseachadh soirbheachail aig an òigridh gus am b’ urrainn Gàidhlig làidir a bhith aca.

“Tha e cudromach buileach dàimh làidir a stèidheachadh eadar Gàidhlig agus dachaighean. Às dèidh a’ tilleadh dhachaigh às dèidh seisean tràth-ìre tha e cudromach gun tèid Gàidhlig a chleachdadh aig an taigh. Thèid am pròiseact seo taic a chumail le seo cuideachd.”

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG: “Cha leig sinn leas cus a ràdh mu cho cudromach ’s a tha an ìre a tha seo oir tha sinn uile eòlach air an abairt ‘an t-ionnsachadh òg, an t-ionnsachadh bòidheach.’ Tha sinn gu math toilichte gun do ghabh Bòrd na Gàidhlig ris an tagradh a rinn sinn, agus tha fiughair oirnn sgioba fhastadh agus a dhol an sàs anns an obair lìbhrigidh.”

Thuirt Jim Whannel, Stiùiriche Foghlaim Bhòrd na Gàidhlig: “Le cuisean a’ fosgladh a-rithist, tha Bòrd na Gàidhlig airson a dhèanamh cinnteach gu bheil an taic as èifeachdaiche is buadhmhor ann do bhuidhnean nan tràth-ìrean is cuideachd do phàrantan.  ’S ann air an adhbhar sin a co-dhùin sinn an gluais ro-innleachdail seo gur ann tro Chomann nam Pàrant an dòigh as fheàrr airson obair nan tràth-ìrean a thoirt air adhart mar fhreagairt air a’ phaindeimig.

“Tha sgioba nan Tràth-ìrean aig Bòrd na Gàidhlig air a bhith ag obair gu dealasach is gu cruaidh on a thàinig an sgioba a tharraing a-steach don bhuidheann còrr is 10 bliadhna air ais.  Bidh oifigear leasachaidh nan tràth-ìrean fhathast ag obair taobh a-staigh na buidhne aig ìre ro-innleachdail.”

Bidh Bòrd na Gàidhlig fhathast a’ ruith Sgeama Tabhartasan Tràth bhliadhnaichean 21/22 agus gheibh na buidheann fios agus taic bho Bhòrd na Gàidhlig mu dheidhinn seo mar as àbhaist.

Tha sgeama Tabhartasan Foghlaim nan Tràth Bhliadhnaichean fosgailte a-nis agus cumaidh an sgeama seo taic, fiosrachadh agus maoineachadh ri bhuidheann saor-thoileach tràth bhliadhnaichean a bhitheas a’ beachdachadh air seiseanan a’ ruith bhon Lùnastal 2021 chun an Ògmhios 2022.  Thèid an sgeama a mheasadh mar às àbhaist le Bòrd na Gàidhlig agus Comunn nam Pàrant.

Tha Tabhartasan Foghlaim nan Tràth Bhliadhnaichean 2021/22 fosgailte gu 3f air Dimàirt 13mh Iuchar 2021 is gheibhear barrachd fiosrachaidh an seo: https://www.gaidhlig.scot/ga/maoineachaidh/cothroman-maoineachaidh/tabhartasan-trath-bhliadhnaichean/