Colmcille 2021/22

Tha an sgeama seo dùinte ri iarrtasan ùra an-dràst, is dùil gum fosgail an ath chuairt aig deireadh 2021.

Gheibhear fiosrachadh air pròiseactan a fhuair taic bho 2018/19 air adhart tro GrantNav.

’S e com-pàirteachas eadar Foras na Gaeilge ann an Èirinn agus Bòrd na Gàidhlig ann an Alba a th’ ann an Colmcille. Bidh e a’ brosnachadh conaltradh agus co-obrachadh eadar coimhearsnachdan cànain na Gàidhlig agus na Gaeilge.

Am bliadhna tha sinn a’ comharrachadh 1500 on a chaidh Naomh Cholmcille a bhreith le bliadhna de thachartasan is pròiseactan sònraichte.

Tha taic-airgid ri fhaighinn gus taic a chumail ri phròiseactan a bheireas luchd-labhairt na Gàidhlig is Gaeilge còmhla, agus cuideachd airson taic a chumail ri luchd-labhairt na Gàidhlig a tha airson cùrsa Gaeilge a dhèanamh.

Gheibhear ceangal gu Stiùireadh do Thagraichean agus foirm iarrtais gu h-ìosal, le faidhlichean eadar-dhealaichte a-rèir ma tha sibh airson pròiseact a chur air dòigh no cùrsa Gaeilge a dhèanamh.  Ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh post-dealain gu colmcille@gaidhlig.scot.

Prìomh Puingean – Colmcille 2020/21

Pròiseactan

Stiùireadh do thagraichean

Foirm-iarrtais (Word)

Foirm-iarrtais (PDF)

Cùrsa Gaeilge

Stiùireadh do thagraichean

Foirm-iarrtais (Word)

Foirm-iarrtais (PDF)

Foirm-sgrùdaidh Co-ionannachd Chothroman

Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd