Tabhartasan Foghlaim 2023/24

Tha an sgeama seo dùinte, ach dùil gun tèid ath-fhosgladh tràth as t-Samhradh 2024.

Tha Bòrd na Gàidhlig air a’ mhaoin seo a stèidheachadh gus taic a thoirt do dhaoine a tha ag obair a dh’ionnsaigh a bhith toirt dreuchd a-mach mar neach-teagaisg Gàidhlig agus taic a thoirt do thidsearan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gus na sgilean aca a leasachadh.

Cò dh’fhaodas iarrtas a chur a-steach?

Gabhaidh sinn beachd air iarrtasan airson am bliadhna acadaimigich 2023/24 bho:

  • Oileanaich a tha a’ dèanamh PGDE ann am Foghlam Gàidhlig (airson ìre Bun-sgoile agus Àrd-sgoile – an dà chuid Gàidhlig mar chuspair agus cuspairean tron Ghàidhlig)
  • Oileanaich a tha a’ dèanamh Fo-cheum ann am Foghlam Gàidhlig, (BA no MA Foghlam, no MA ann an Gàidhlig le Foghlam)
  • Oileanaich a tha a’ dèanamh HNC no HND ann an tràth-bhliadhnaichean no cùram-chloinne na Gàidhlig
  • Luchd-teagaisg a tha ann an dreuchd co-cheangailte ri foghlam tron Ghàidhlig a tha airson cùrsa a dhèanamh gus na sgilean aca a leasachadh no
  • Luchd-teagaisg le teisteanas a tha airson na sgilean aca leasachadh gus gluasad gu foghlam tron Ghàidhlig

Dè an taic a gheibhear?

Tha taic ri fhaotainn airson cìsean cùrsaichean freagarrach, mur eil thu airidh air taic bho SAAS airson seo.

Tha tabhartas bunaiteach de £650 (£325 do dhaoine air cùrsa pàirt-thìde) ri fhaighinn do gach oileanach air cùrsa BA/MA, HNC/HND no PGDE freagarrach.

Faodaidh daoine a tha air a bhith ann an obair làn-thìde airson còrr is 12 mìosan ro thòiseach a chùrsa suas ri £1,000 airson gach bliadhna-obrach (suas ri £4,000) a’ sireadh.

Gheibhear daoine air cùrsa PGDE no HNC/HND làn-thìde suas ri £500 a bharrachd, is airson a’ chiad uair tha tabhartas de suas ri £1,500 ri fhaighinn do dhaoine a tha ann no air a bhith ann an cùram.

Tha suas ri £5,000 ri fhaighinn do gach oileanach thairis air a’ chùrsa aca.

Airson fiosrachadh mionaideach air na tha ri fhaighinn, leughaibh stiùireadh na maoine an seo.

 

Airson daoine a tha gabhail cùrsa PGDE, agus a th’ air a bhith ann an obair làn-thìde airson 36 mìos den 84 mìos mu dheireadh, tha sinn a’ moladh gu mòr gun cuiridh sibh a-steach airson an sgeama Bursaraidhean Teagaisg aig Leasachadh Sgilean na h-Alba, is cothrom bursaraidh suas ri £20,000 ri fhaighinn.

 

Ceann-latha airson Iarrtasan

Bu chòir iarrtas a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig cho luath ’s as urrainn agus gun a bhith nas anmoiche na 3f air Diardaoin 5 Sultain 2023.

Thèid co-dhùnaidhean a dhèanamh air iarrtasan san t-Sultain, is thèid co-dhùnaidhean sgaoileadh ro dheireadh an t-Sultain 2023.

Ma tha ceistean sam bith agaibh nach leig sibh fios dhan Sgioba Foghlaim aig foghlam@gaidhlig.scot no an Sgioba Thabhartasan aig tabhartas@gaidhlig.scot

Stiùireadh do Luchd-iarrtais

Cuiribh iarrtas a-steach tro Fluxx

 

Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.