Tabhartasan nan Tràth-bhliadhnaichean 2023/24

Tha an sgeama seo dùinte do iarrtasan, is iarrtasan 2023/24 fo mheasadh.

Gheibhear fiosrachadh air iarrtasan soirbheachail bho 2018/19 air adhart tro GrantNav.

Tha an sgeama Tabhartasan nan Tràth-bhliadhnaichean air a ruith le Bhòrd na Gàidhlig gus am bi e a’ freagairt air buidhnean tràth-bhliadhnaichean saor-thoileach (aois 0-3) a tha ag amas air cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh ’s a leudachadh bho latha gu latha, agus leantainn le foghlam tron Ghàidhlig.

Tha e cudromach gum bi tagradh sam bith a’ dearbhadh gu bheil am buidheann fosgailte, agus a’ toirt buannachd, don choimhearsnachd air fad.

Cha ghabh sgeama Tabhartasan nan Tràth-bhliadhnaichean iarrtasan bho dhaoine fa leth.

Ma tha ceistean sam bith agaibh air an sgeama, no ma tha sibh airson bruidhinn ri cuideigin mun iarrtas agaibh, nach cuiridh sibh fios gu tabhartas@gaidhlig.scot

Ceann-latha airson Iarrtasan

Bu chòir iarrtas a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig cho luath ’s as urrainn agus gun a bhith nas anmoiche na 3f air Diardaoin 13 Iuchar 2023. CHA GHABH Bòrd na Gàidhlig ri iarrtasan a thig a-steach an dèidh sin.

 

Stiùireadh do Thagraichean

Foirm-iarrtais (tro phortal tabhartasan Fluxx)

Taic le bhith lìonadh am foirm-iarrtais

Stiùireadh-measaidh

Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd

 

Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.