Naidheachdan

Picture: A woman bending down to speak to a young girl in a busy cafe. Text reads 'Community Grants Projects'

Maoineachadh Do Bhuidhnean Coimhearsnachd

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ toirt maoineachadh ro-chudromach do bhuidhnean coimhearsnachdan airson 60 pròiseactan Gàidhlig. Tha Bòrd na Gàidhlig air còrr is £171,000 a thoirt do 60 pròiseact Gàidhlig mar phàirt den sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd aca – prìomh mhaoin Bhòrd na Gàidhlig airson taic a thoirt do bhuidhnean gus pròiseactan a lìbhrigeadh gus cleachdadh […]

24/02/2023

Barrachd >
Picture: A boy in school uniform sitting in a classroom, smiling at the camera. Text reads 'Gaelic Medium Education'

Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig mothachail air na h-aithrisean timcheall air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus gainnead de thidsearan airson seo a lìbhrigeadh a th’ air a bhith anns na naidheachdan thar na seachdainean a dh’fhalbh. Tha dleastanas aig Bòrd na Gàidhlig gus Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig fhoillseachadh.  Tha dleastanasan aig ùghdarrasan ionadail gus […]

23/02/2023

Barrachd >
Picture: The debating chamber in the Scottish Parliament Building. Text reads 'Parliament Public Participation Inquiry'

Rannsachadh Com-pàirteachaidh Poblach

Anns a’ Ghearran 2023 chur Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle – Rannsachadh Com-pàirteachaidh Poblach le Pàrlamaid na h-Alba.  Am measg na puingean a chaidh a thogail, thuirt sinn: ’S e aon de na Prìomh Teachdaireachdan ann an Aithisg an Rannsachadh Com-pàirteachaidh Poblach gum feum “Pàrlamaid na h-Alba barrachd a dhèanamh gus innse do […]

21/02/2023

Barrachd >