Naidheachdan

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Democracy Matters

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Riaghaltas na h-Alba mu Democracy Matters. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn: “Feumar feumalachdan agus cùisean na Gàidhlig aithneachadh agus feumar com-pàirteachadh agus inghabhail a bhith ann a thaobh na Gàidhlig ann an sgìrean far a bheil coimhearsnachdan Gàidhlig ann.” Gheibhear am freagairt […]

14/02/2024

Barrachd >

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Frèam Càileachd airson Tràth-ionnsachadh is Cùram-chloinne

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim mu Fhrèam Càileachd airson Tràth-ionnsachadh is Cùram-chloinne. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn: Mholadh Bòrd na Gàidhlig gum bu chòir beachdachadh a bharrachd a bhith ann mu FtG [Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig] thairis air an fhrèam gus dèanamh […]

05/02/2024

Barrachd >

Seisean Trèanaidh do Luchd-phròbhaidh

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ ruith seiseanan trèanaidh Gàidhlig do luchd Pròbhaidh am-bliadhna! Thèid 4 seiseanan a lìbhrigeadh agus thèid an dàrna seisean a ruith air Diciadain, 28.02.24 bho 4.15f gu 5.15f air-loidhne, air Microsoft Teams. Chan fheum cunntas Teams a bhith agaibh airson an seisean a fhrithealadh. Thèid fòcus a dhèanamh air Stòrlann agus […]

02/02/2024

Barrachd >