Ceistean cumanta (FAQs)

A bheil e nas daoire seibheisean dà-chànanach a chur an gnìomh?

F: ’S ma dh’fhaodte gum bi cosgais a bharrachd ann aig an toiseach, ach tha buannachdan fad-ùine ann is ’s urrainnear cosgaisean a chumail cho ìosal ’s a ghabhas le planadh èifeachdach.

Ciamar as urrainn dhuinn dà chànan fhilleadh a-steach gun a bhith a’ toirt droch bhuaidh air prionnsabalan dealbhaidh is suaicheantais. Nach bi an aithne-chorporra nas laige?

F: Tha margaideachd dhà-chànanach air a cleachdadh air feadh an t-saoghail agus bidh e a’ dèanamh aithne-chorporra nas treasa ma thèid a cleachdadh gu cruthachail. ’S e rud sònraichte don ùghdarras agus na bhuannachd air leth a th’ anns a’ Ghàidhlig. A-rithist, ’s e ‘smaoineachadh mun dà chànan’ bho thoiseach a’ phròiseis an rud as cudromaiche. Gheibhear barrachd fiosrachadh an seo.

Nach cuir a’ Ghàidhlig dheth daoine aig nach eil a’ Bheurla mar phrìomh chànan?

F: Tha rannsachadh air sealltainn nach eil seo fìor agus, an àite sin, bidh ùidh aig daoine sa Ghàidhlig agus bidh daoine air am misneachadh. Bidh barrachd air aon chànan aig mòran luchd-cleachdaidh sheirbheisean agus bidh iad glè eòlach air a bhith a’ cleachdadh co-dhiù dà chànan co-dhiù a h-uile latha.

Dè nì sinn mura bi mòran ùidh aig daoine ann an seirbheisean is goireasan Gàidhlig?

F: Cumaibh sùil air na h-amasan fad-ùine – bidh leasachadh seirbheis a’ brosnachadh ùidh ach ma dh’fhaodte gum bi an ùidh sin air dheireadh. Dèanaibh sgrùdadh air ciamar a thathar a’ cur tairgse for-ghnìomhach an cèill.

Ciamar a dhèiligeas sinn ris an uallach a bhith ag obair gu dà-chànanach?

F: Tha luchd-obrach dà-chànanach a’ cur ri buaidh na buidhne agaibh – thèid aca air an obair aca a dhèanamh ann an Gàidhlig agus Beurla agus faodaidh iad a dhol eadar an dà chànan. Tha trèanadh anns a’ Ghàidhlig a’ toirt barrachd sgilean agus misneachd do luchd-obrach agus mar sin tha iad comasach air dèiligeadh gu dòigheil ri gach neach-cleachdaidh.

Dè na buannachdan às a’ Ghàidhlig don bhuidhinn?

F: Bidh mòran bhuannachdan ann, a’ gabhail a-steach conaltradh ri luchd-obrach aig a bheil Gàidhlig agus ri com-pàirtichean eile, a bharrachd air buannachdan cultarach is eaconamach nas fharsainge.