Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air an treas tionndadh de Phlana Gàidhlig VisitScotland

Am Plana Gàidhlig as ùire air fhoillseachadh

VisitScotland a’ nochdadh taic dhan Ghàidhlig san àm ri teachd

 Tha seo a’ tighinn às dèidh bhidio ‘Scottish Gaelic Explained’ a chruthaich a’ bhuidheann turasachd nàiseanta as t-samhradh agus air a bheil còrr is 95,000 daoine air coimhead, rud a tha a’ sealltainn gu bheil ùidh sa chànan a’ fàs.

 

Tha am plana ùraichte a’ cur fòcas air na gnìomhan a bhios a’ bhuidheann turasachd nàiseanta a’ dèanamh gus cur ri fàs na Gàidhlig thairis air na trì bliadhnaichean ri teachd. Tha iad seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ brosnachadh agus a’ toirt taic do bharrachd ghnìomhachasan turasachd a bhith a’ gabhail ris sa Ghàidhlig agus a bhith a’ clàradh na feadhna an nì seo, agus cuideachd a bhith a’ togail mothachadh air a’ Ghàidhlig taobh a-muigh VisitScotland.

 

Chaidh am plana, a chaidh a chruthachadh an tòiseach ann an 2012, ullachadh le riochdairean bho air feadh na buidhne agus chaidh a sgaoileadh airson co-chomhairle phoblach mus deach a chrìochnachadh.

 

Tha e na phrìomhachas tòiseachail ann am plana 2019-2022 a bhith a’ dèanamh sgrùdadh air comasan Gàidhlig luchd-obrach VisitScotland agus thèid seo a dhèanamh ro dheireadh na bliadhna.

 

Tha am plana a’ leantainn air a’ chiad Ro-innleachd Turasachd Gàidhlig a chaidh a chur air bhog ann an 2018, a tha ag amas air àrdachadh agus ruigsinneachd na Gàidhlig a mheudachadh mar phàirt de na tursan a bhios aig luchd-tadhail ann an Alba. Tha VisitScotland a’ stiùireadh buileachadh na ro-innleachd agus tha e a’ co-òrdanachadh adhartas thairis air gach gnìomh is com-pàirtiche a tha an sàs innte.

 

Tha a’ Ghàidhlig na pàirt làitheil de bheatha na h-Alba agus tha seo air a bhith fìor fad ghinealachan. Mar phàirt air leth de chultar agus de dhualchas na h-Alba, faodaidh a’ Ghàidhlig rudeigin a bharrachd a chur ris an fhìor eòlas a gheibh luchd-tadhail do dh’Alba. Fhuair Suirbhidh Luchd-tadhail VisitScotland ann an 2016, gun obair bhrosnachaidh ro làimh, gun robh 34% den luchd-freagairt den bheachd gun robh a’ Ghàidhlig, mar chànan nàiseanta na h-Alba, a’ cur ris an turas aca agus gun robh iad ag iarraidh barrachd ionnsachadh mu deidhinn.

 

Thuirt Malcolm Roughead, Àrd-oifigear VisitScotland: “Tha am Plana Gàidhlig as ùire aig VisitScotland a’ daingneachadh nan geallaidhean againn gus cleachdadh a’ chànain a bhrosnachadh air feadh na buidhne, ag amas air prìomh raointean den obair againn leithid taic a thoirt do ghnìomhachas na turasachd gus gabhail ris a’ Ghàidhlig, leithid ar dearbh-aithne, soidhnichean, conaltradh leis a’ phoball agus cleachdadh na Gàidhlig air na làraichean-lìn againn.

 

“Tha comas aig a’ chànan a bhith na phrìomh phàirt de thurasachd na h-Alba, a’ cruthachadh thursan sònraichte gun samhail do luchd-tadhail. Tha àite cudromach aig VisitScotland ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gun cuir a’ Ghàidhlig ris na turasan aig na daoine a tha a’ siubhal dhan dùthaich seo.

 

“Le còrr is 600 luchd-obrach, oifisean agus ionadan fiosrachaidh air feadh na dùthcha, agus leis a’ chonaltradh uile againn le luchd-tadhail, tha pàirt chudromach againn ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig seasmhachd san ùine fhada.”

 

Agus i a’ cur fàilte air a’ phlana, thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Shona NicIllInnein: “Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air an treas tionndadh de Phlana Gàidhlig VisitScotland agus tha sinn ag aithneachadh agus a’ cur luach air an obair chudromaich a bhios VisitScotland a’ dèanamh gus a’ Ghàidhlig adhartachadh ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta.

 

“Tha turasachd fìor chudromach do dh’eaconamaidh na h-Alba agus tha sinn ag aithneachadh a’ chomais mhòir a tha ann fàs a chur air cleachdadh na Gàidhlig air feadh a’ ghnìomhachais, airson buannachd nan coimhearsnachdan agus an luchd-tadhail.”

 

Gheibhear plana Gàidhlig VisitScotland aig: http://www.visitscotland.org/about_us/our_gaelic_plan.aspx