Bòrd na Gàidhlig agus Oilthigh Shrath Chluaidh a’ cur a’ chiad teisteanas teagaisg Gàidhlig mar nuadh-chànan air bhog

Tha toirt a-steach an Teisteanas Teagaisg a Bharrachd a’ tighinn às dèidh soirbheas Seachdain Cànanan na h-Alba 2022.

 

Tha Oilthigh Shrath Chluaidh, ann an com-pàirteachas le Bòrd na Gàidhlig agus le taic bho Chomhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba, air Teisteanas Teagaisg a Bharrachd cruth-atharrachail a chur air bhog a leigeas le tidsearan Nuadh-chànanan san Àrd-sgoil cùrsaichean a thoirt seachad do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig mar phàirt de churraicealam nan nuadh-chànanan anns na sgoiltean aca.

 

Bidh an Teisteanas Teagaisg a Bharrachd a’ leudachadh agus a’ leasachadh lìbhrigeadh chànanan an Alba, le tidsearan nuadh-chànanan, a nì an cùrsa comasach air Gàidhlig a theagasg a bharrachd air a’ churraicealam nas traidiseanta ann am Fraingis, Gearmailtis is Spàinntis.

 

 

’S e ochdnar thidsearan à ùghdarrasan ionadail Ghlaschu, Siorrachd Lannraig a Tuath, agus Siorrachd Dhùn Breatann an Iar a’ chiad fheadhainn a chur a-steach airson a’ phìleat, agus na sgoiltean aca a’ gealltainn gun tèid a’ Ghàidhlig a theagasg mar nuadh-chànan nuair a chrìochnaicheas an luchd-teagaisg an cùrsa barrantaichte.

 

Tha Oilthigh Shrath Chluaidh agus Bòrd na Gàidhlig ag ràdh gum faodadh an dòigh-obrach ùr seo cruth-atharrachadh a thoirt air cànanan ann an Alba le bhith a’ gabhail ceum fìor mhòr gus luchd-labhairt ùra na Gàidhlig a chruthachadh. Cuiridh am pròiseact seo cuideachd ri comas-cosnaidh na h-òigridh a nì curraicealam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san sgoil, le cleachdadh a’ chànain a’ fàs san àite-obrach.

 

Tha am prògram 18-mìosan, a thèid a lìbhrigeadh ann an cruth measgaichte an dà chuid air-loidhne agus air an àrainn, ag amas air tidsearan aig nach eil mòran eòlais air a’ Ghàidhlig. Às dèidh dhaibh an Teisteanas Teagaisg a Bharrachd a chrìochnachadh, thèid an luchd-teagaisg a chlàradh gu h-oifigeil le GTCS mar thidsearan Gàidhlig mar Nuadh-chànan. Cuiridh seo ris an àireamh de thidsearan nuadh-chànanan clàraichte le GTCS aig a bheil comas Gàidhlig a theagasg ann an àrd-sgoiltean.

 

Tha cur air bhog a’ chùrsa a’ tighinn às dèidh iomairt meadhanan sòisealta Dèan Diofar aig Bòrd na Gàidhlig. Tha Dèan Diofar a’ leantainn nan slighean aig sianar thidsearan a tha a’ teagasg ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig an àm seo agus a’ brosnachadh dhaoine air feadh an t-saoghail gus beachdachadh air dreuchd ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

 

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha stèidheachadh Teisteanas Teagaisg a Bharrachd ann an Gàidhlig na dheagh eisimpleir de dh’iomairt a dh’fhaodadh caibideil ùr fhoillseachadh dhan Ghàidhlig ann an sgoiltean na h-Alba. Bha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte maoineachadh agus taic a thoirt do dh’Oilthigh Shrath Chluaidh gus Teisteanas Teagaisg a Bharrachd sa Gàidhlig a chruthachadh, agus obraichidh sinn gu dlùth leotha gus sùil a chumail air a’ chiad bhuidheann a-riamh sa chùrsa agus ùidh mhòr againn sa chùis.”

 

Thuirt Linda Brownlow, Ceannard Sgoil an Fhoghlaim, Oilthigh Shrath Chluaidh: “Tha am pròiseact Teisteanas Teagaisg a Bharrachd sa Ghàidhlig ag amas air coimhearsnachd de luchd-labhairt ùra a thogail taobh a-staigh Foghlam Gàidhlig, gus co-obrachadh a bhrosnachadh agus dòighean ùr-ghnàthach ùra a chruthachadh gus gach seòrsa de theagasg a’ chànain a bhrosnachadh. Tha Oilthigh Shrath Chluaidh gu mòr airson a bhith aig fìor thoiseach chùisean gus na sgilean is teisteanasan a thoirt do thidsearan air feadh na dùthcha a tha a dhìth orra gus clasaichean luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a thoirt seachad, agus aig an aon àm a bhith a’ lìbhrigeadh deagh atharrachadh an dà chuid airson foghlam nan nuadh-chànanan na Gàidhlig air feadh nan sgoiltean againn.”

 

Thuirt Shirley-Anne Somerville, Rùnaire a’ Chaibineit airson Cànanan: “Tha Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha e ruigsinneachd a leudachadh do dhaoine aig a bheil ùidh ann a bhith a’ teagasg na Gàidhlig agus tha cruthachadh a’ phìleit seo airson Teisteanas Teagaisg a Bharrachd na dheagh cheum air adhart. Tha mi an dòchas gum brosnaich e ùghdarrasan ionadail eile a bhith an sàs anns na bliadhnaichean ri teachd.”