Brath Naidheachd: Stiùireadh Gramataigeach Ùr don Ghàidhlig

Brath Naidheachd

Graphic: Bòrd na Gàidhlig logo Graphic: University of Glasgow Logo

19 Màrt 2019

Stiùireadh Gramataigeach Ùr don Ghàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig agus Oilthigh Ghlaschu an-diugh (19 Màrt 2019) air stiùireadh gràmair ùr fhoillseachadh gus cuideachadh le taic a thoirt do luchd-labhairt na Gàidhlig, nam measg tidsearan, craoladairean agus proifeiseantaich Ghàidhlig eile.

Tha an sgrìobhainn seo de 27-duilleag mar a’ chiad oidhirp air stiùireadh gramataigeach co-obrachail a dhreachdadh do luchd-cleachdaidh an latha an-diugh le steach-chur bho phroifeiseantaich Ghàidhlig, luchd-labhairt traidiseanta agus cànanaichean acadaimigeach.

Bidh an stiùireadh na bhuannachd do gach neach a tha ag obair le Gàidhlig no ag ionnsachadh Gàidhlig le bhith a’ solarachadh stòr ùghdarrasail ioma-chuimseach de chleachdadh iomchaidh air Gàidhlig Albannach nuadh-aimsireil, agus a’ cur air bhonn stèidhean airson obair san àm ri teachd air gràmar iomlan den chànan.

Tha an stòras ùr, le aoigheachd bho Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig (DASG) ann an Oilthigh Ghaslchu, a’ còmhdach 11 de na cuspairean as dùbhlanaiche ann an gràmar na Gàidhlig mar a chaidh a chomharrachadh le suirbhidh de phroifeiseantaich is thidsearan Gàidhlig.

Chaidh a tharraing ri chèile mar fhreagairt do phròiseact co-chomhairleachaidh farsaing ann an 2013 (Dlùth is Inneach) san do chomharraich luchd-cleachdaidh is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig cothrom air stiùireadh earbsach air gràmar Gàidhlig nuadh-aimsireil mar aon de na feumalachdan bu chudromaiche a bh’ aca.

Chaidh am pròiseact co-cheangailte ri rannsachadh agus tional air an stiùireadh a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus MGAlba, agus a choileanadh le buidheann eadar-oilthigheil de rannsaichearan cànanach Gàidhlig fo stiùir an Àrd-Ollaimh Roibeard Ó Maolalaigh, Àrd-Ollamh na Gàidhlig ann an Oilthigh Ghlaschu.

Thuirt an t-Ard-Ollamh Ó Maolalaigh, a tha cuideachd na Iar-Phrionnsapal agus Ceannard Cholaiste nan Ealain ann an Oilthigh Ghlaschu: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil toradh a’ phròiseict Soillse cho-obrachail seo air fhoillseachadh agus a-nis ri fhaotainn le coimhearsnachd na Gàidhlig.

“Tha sinn an dòchas gun neartaich an stiùireadh soilleir ùghdarrasail air cuid de na pàtranan caochlaideach as dùbhlanaiche ann an gràmar na Gàidhlig, an cànan agus gun tog e misneachd an luchd-labhairt ann a bhith a’ dèiligeadh ris na caochlaidhean nàdarra sa chànan.”

Thuirt Dàibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd aig Bòrd na Gàidhlig: “Sa chiad dol-a-mach, bu mhath leam taing a thoirt dhan a h-uile duine is buidheann a tha air cuideachadh leis a’ phròiseact seo. ’S e prìomh amas a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig gun tèid Gàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann am barrachd shuidheachaidhean. Ma bhios barrachd misneachd aig daoine an cànan a chleachdadh, cleachdaidh iad nas trice i, agus cuidichidh an goireas seo daoine gus Gàidhlig a chleachdadh le barrachd misneachd agus nas trice.

“A thuilleadh air an stiùireadh fhèin, tha sinn ag obair còmhla ri Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig gus taghadh de ghoireasan cudromach agus cothroman trèanaidh a chur air dòigh thairis air na mìosan a tha romhainn a chuidicheas daoine le bhith a’ dèanamh feum den stiùireadh. Tha e cuideachd san amharc againn leudachadh air a’ ghoireas seo gus togail air puingean gràmair eile a tha luchd-cleachdaidh a’ chànain air a chomharrachadh mar chùisean far a bheil soilleireachd a dhìth.”

Bha an co-obrachadh rannsachaidh a’ gabhail a-steach Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Dhùn Èideann agus Sabhal Mor Ostaig / Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, fo sgèith lìonra Shoillse airson rannsachadh cànan is cultar na Gàidhlig.

Fhuair an obair taic bho choinneamhan cunbhalach le Comataidh Comhairleachaidh Cànain Bhòrd na Gàidhlig, buidheann de luchd-labhairt traidiseanta bho dhiofar cheàrnaidhean den Ghàidhealtachd le eòlas farsaing ann an àrainnean cudromach de leasachadh na Gàidhlig, fo stiùir a’ chathraiche Jo NicDhòmhnaill a tha cuideachd na cathraiche air Comataidh Inbhean aig MGALBA.

Thuirt Jo NicDhòmhnaill: “Tha Gàidhlig na cànan beò is brìoghmhor, agus ged a tha fios agam gu bheil obair ri dhèanamh fhathast ma tha sinn a’ dol a fhrithealadh air feumalachdan a h-uile neach a tha a’ cleachdadh a’ chànain, saoilidh mi gu bheil sinn air dòigh-obrach a stèidheachadh gus stiùireadh ùghdarrasail a thoirt seachad airson nam puingean as motha dha bheil stiùireadh a dhìth agus a bhios a’ freagairt air iarrtasan luchd na Gàidhlig san latha an-diugh agus san ùine air thoiseach.”

Chaidh fianais a thional bho luchd-labhairt traidiseanta sna h-Eileanan Siar agus bho chleachdadh sgrìobhadairean Gàidhlig ùr agus co-aimsireil mar a chaidh a ghlacadh ann an corpas 30 millean facal de Ghàidhlig na h-Alba aig DAS

Notaichean gu Luchd-deasachaidh

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu Áine Allardyce ann an Oifis Chonaltraidhean is Chùisean Poblach ann an Oilthigh Ghlaschu air 0141 330 7126 no air post-d aine.allardyce@glasgow.ac.uk

Tha an stiùireadh ri fhaotainn le a luchdachadh sìos bho làrach-lìn DASG aig https://dasg.ac.uk/grammar