Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Buill ùra
Tha Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam, Cultar agus Gàidhlig airson suas ri trì Buill ùra a chur an dreuchd air Bòrd-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig. Tha Rùnaire a’ Chaibineit a’ cur luach mòr air na buannachdan a thig an cois diofar bheachdan a bhith aig Buill na buidhne, agus tha fàilte air tagraidhean bho dhaoine bho gach raon beatha.
Mairidh na dreuchdan suas ri ceithir bliadhna, agus thathar an dùil gun tòisich na Buill ùra sa Mhàrt 2027.
Bithear a’ cumail coinneamhan a’ Bhùird agus nan Comataidhean tro mheadhan na Gàidhlig, agus gan craoladh beò don phoball. Mar sin, tha sinn a’ lorg luchd-labhairt na Gàidhlig a tha misneachail agus a tha comasach air pàirt a ghabhail ann an còmhraidhean agus deasbadan sa chànan. Tha sinn cuideachd a’ lorg dhaoine aig a bheil eòlas ann an ionmhas, sgrùdadh-cunntais no riaghladh, aig a bheil eòlas air a bhith a’ dèanamh sgrùdadh mionaideach agus a’ toirt seachad taic. Bu chòir eòlas agus tuigse a bhith aca air coimhearsnachdan Gàidhlig agus na feumalachdan a th’ aca san latha an-diugh. Chan fheum eòlas a bhith aca mu a bhith ag obair air bòrd-stiùiridh agus gheibh sibh prògram-inntrigidh agus taic leantainneach.
Thèid seisean-fiosrachaidh a lìbhrigeadh gus cothrom a thoirt dhuibh barrachd ionnsachadh mun dreuchd. Thèid a lìbhrigeadh air-loidhne air Dimàirt, 01/12/26 aig 5:00f agus bidh cothrom ann cluinntinn bho Raibeart Dunbar, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig. Ma tha sibh airson tighinn ann, cuiribh fios gu BnG.Sponsorship@gov.scot.
Gabhar ri iarrtasan gu 5:00f air Dihaoine, 11/12/26.
Lorgar barrachd fiosrachaidh mu na dreuchdan agus mar a thèid tagraidhean a chur a-steach air làrach-lìn Public Appointments Scotland.
