Cathraiche agus Ball air a Chuir air Bòrd na Gàidhlig

Dh’ainmich an Leas Phrìomh Mhinistear agus Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean, John Swinney, an-diugh Màiri NicAonghais mar Chathraiche agus Stiùbhart MacLeòid mar Bhall air Bòrd na Gàidhlig.

CATHRAICHE

 

Tha iomadh dreuchd air a bhith aig Màiri NicAonghais na coimhearsnachd co-cheangailte ri Gaidhlig agus foghlam, thairis air na tràth-bhliadhnaichean, foghlam bun-sgoile agus ionnsachadh inbheach. Bha Màiri, a bha cheana na ceannard aig Sgoil an Iochdair, na ball den Bhuidheann Ionnsachadh Cànain 1+2 sna h-Eileanan Siar. Tha Màiri na Cathraiche de Cheòlas Uibhist Earr, am buidheann cliùiteach ealain Gàidhlig. Tha i cuideachd air a bhith air bùird bhuidhnean nàiseanta, mar Chomhairle Ealain na h-Alba agus Comataidh Craolaidh Gàidhlig. Bha i an-lùib stèidheachadh Chothrom agus Fèis Tìr a’ Mhurain, far an do dh’obraich i mar oifigear leasachaidh.

 

BALL

 

Tha Stiùbhart MacLeòid à Eilean Leòdhais far an deach e gu Sgoil a’ Bhac agus Ard-sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. Chaidh e a dh’Oilthigh Obar Dheathain airson cànan agus litreachas na Beurla agus fhuair e PhD a’ rannsachadh mion-chànanan na h-Alba – Gàidhlig agus Albais. Tha e teisteanaichte mar chunntasair agus na bhall den Institiud Cairte airson Ionmhas Poblach agus Cunntasachd (Chartered Institute of Public Finance and Accountancy – CIPFA). Tha a dhreuchdan air a bhith co-cheangailte ri ionmhas poblach: dh’obraich e air pròiseactan leasachaidh eadar-nàiseanta air am maoineachadh le DFID, Banca na Cruinne agus an AE, a’ toirt taic theignigeach agus trèanadh ionmhasail ri riaghaltasan agus buidhnean poblach eile ann an còrr is 25 dùthchannan fo leasachadh. Tha e air a bhith a’ seinn le Còisir Ghàidhlig Lodainn bho 1998, agus tha e air a bhith na Oide Gàidhlig dhan chòisir bho 2018.

 

Thuirt Mgr Swinney:

 

“Tha mi toilichte Màiri NicAonghais ainmeachaddh mar Chathraiche agus Stiùbhart MacLeòid mar Bhall air Bòrd na Gàidhlig.”

 

“Tha na dreuchdan seo cudromach aig àm dùbhlanach airson Bòrd na Gàidhlig agus bidh Riaghaltas na h-Alba a’ leantail orra ag obair gu dlùth leis a’ Chathraiche agus a’ Bhòrd air a’ phrògram leasachaidh aca.”

 

“Tha farsaingeachd de sgilean aig Màiri bho na dreuchdan aice ann am foghlam Gàidhlig agus bhon eòlas aice mar Chathraiche Eadar-amail bhon Dùbhlachd 2018. Tha Stiùbhart teisteanaichte mar chunntasair le eòlas farsaing air ionmhas poblach, agus bidh e na bhall luachmhor air Bòrd na Gàidhlig.”

 

ÙINE SAN DREUCHD

 

Mairidh na dreuchdan airson ceithir bliadhnaichean bho 16 Màrt 2020 gu 15 Màrt 2024.

 

TUARASTAL

 

Tha na dreuchdan pàirt-ùine agus tha an Cathraiche a’ cosnadh £276.94 gach latha airson ceithir làithean gach mìos. Tha am Ball a’ cosnadh £177.45 gach latha airson trì làithean gach mìos.

 

DREUCHDAN MINISTIREIL EILE

 

Chan eil dreuchdan poblach sam bith eile aig Màiri NicAonghais agus Stiùbhart MacLeòid.

 

GNÌOMHACHD PHOILITIGEACH

 

Tha na dreuchdan seo air an ainmeachadh a rèir airidheachd agus chan eil pàirt sam bith aig gnìomhachd phoilitigeachd sa phròiseas taghaidh. A rèir molaidhean Nolan, ge-tà, feumaidh an fheadhainn a thèid a chur sna dreuchdan gnìomhachd phoilitigeach sam bith sna còig bliadhnaichean a dh’fhalbh (ma tha an leithid ann) fhoillseachadh gu poblach.

 

Chan eil Màiri NicAonghais no Stiùbhart MacLeòid air a bhith an-sàs ann an gnìomhachd phoilitigeach sam bith thairis air na còig bliadhnaichean a dh’fhalbh.