Freagairt air Co-chomhairleachadh: Co-aonadh Cholaistean OGE – Comataidhean Comhairleachaidh Ionadail

Chur Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairleachadh le Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean mu Chomataidhean Comhairleachaidh Ionadail airson co-aonadh ùr de cholaisitean OGE.

Thuirt sinn nar freagairt:

Nuair a thathar a’ roghnachadh bhall airson Comataidhean Comhairleachaidh Ionadail, bu chòir beachdachadh an tigeadh far-luach bho bhith a’ fastadh dhaoine le sgilean Gàidhlig agus ceanglaichean ri coimhearsnachdan is buidhnean Gàidhlig.

Bhiodh daoine den leithid seo a’ leudachadh farsaingeachd nan ceanglaichean ri leasachaidhean ionadail, cothroman, pròiseactan agus com-pàirteachasan. A bharrachd air sin, bidh comas meudaichte aca a bhith mar thosgairean airson na colaiste agus UHI sa choimhearsnachd ionadail.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.