Co-chomhairle – Bruidhneamaid air Foghlam Alba

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chuir a-steach do cho-chomhairleachadh Riaghaltas na h-Alba leis an tiotal “Let’s Talk Scottish Education“. Bheir a’ cho-chomhairle seo fiosrachadh dhuinn mar a thèid foghlam ann an Alba a lìbhrigeadh airson ginealaichean ri teachd.

Am measg nam puingean a thog Bòrd na Gàidhlig:

Bu chòir do dh’Fhoghlam na h-Alba siostam foghlaim a thoirt seachad, a tha stèidhichte air na prìomh phrionnsabalan a leanas agus iad uile a’ buntainn gu dìreach ri lìbhrigeadh Foghlam tron Ghàidhlig (FtG) agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig (FLI).

a) ionnsachadh de dh’àrd-chàileachd dhan chloinn agus daoine òga uile thar an speactram 3-18 stèidhichte air a’ phrionnsapal bhunaiteach gu bheil Alba a’ toirt seachad foghlam ann an dà chànan, an dàrna cuid tro mheadhan na Beurla no tro mheadhan na Gàidhlig.

b) Taobh a-staigh an dà chuid foghlam tro mheadhan na Beurla (FtB) agus FtG, tha a’ Ghàidhlig agus a cultar mar phàirt den churraicealam gus dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile duine ann an Alba a’ tuigsinn cho cudromach ’s a tha an cànan mar phàirt bhunaiteach de dhualchas cultarach na h-Alba.

c) Bidh an dà chuid FtG agus FtB a’ dèanamh cinnteach gu bheil clann agus daoine òga a’ togail raon farsaing de sgilean a bharrachd air eòlas agus tuigse air susbaint dealbhaichte taobh a-staigh a’ churraicealaim.

d) Tha ionnsachadh didseatach air fhighe a-steach do gach prògram ionnsachaidh taobh a-staigh FtG agus FtB agus thathar a’ toirt aire shònraichte ri bhith dèanamh cinnteach gu bheil cothroman ionnsachaidh didseatach air an toirt seachad sa Ghàidhlig agus sa Bheurla.

e) Tha siostam foghlaim na h-Alba ag aithneachadh agus a’ taisbeanadh gu bheil e dealasach a thaobh leasachadh leantainneach stèidhichte air fèin-luachadh làidir. Bu chòir na prionnsapalan bunaiteach sin a bhith follaiseach ann an lìbhrigeadh FtG agus FtB.

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.