Co-chomhairleachadh Poblach ga Chur air Bhog airson Plana Nàiseanta na Gàidhlig

Co-chomhairleachadh Poblach ga Chur air Bhog airson Plana Nàiseanta na Gàidhlig

Chaidh dreachd den ath Phlana Nàiseanta na Gàidhlig fhoillseachadh an-diugh (27 Giblean 2022) gus beachdan fhaighinn air riochd a’ phlana mar phàirt de dh’ùine co-chomhairleachaidh phoblach a mhaireas trì mìosan. Gheibhear lorg air a’ Phlana an seo.

Gheibh muinntir Alba an cothrom na beachdan, prìomhachasan agus molaidhean aca a thoirt seachad must tèid plana deireannach a chuir air beulaibh Riaghaltas na h-Alba nas fhaide dhan bhliadhna.

Thèid seachd-deug tachartas a chumail air feadh na dùthcha tron Chèitean, an t-Ògmhìos agus an t-Iuchair gus fiosrachadh a thoirt seachad mu dreachd a’ phlana agus gus beachdan a chlàradh.

Thathar a’ moladh gun toir daoine seachad am beachdan tron t-suirbhidh aig: smartsurvey.co.uk/s/planagaidhlig, le cothrom ann cuideachd post-dealain no litir a sgrìobhadh.

Bidh an ùine Co-chomhairleachaidh Phoblach fosgailte gu 5f air 26 Iuchair 2022.

A rèir amasan a’ Phlana Nàiseanta Gàidhlig làithrich, tha ùghdar an d phlana seo, Bòrd na Gàidhlig, a’ feuchainn ri dèanamh cinnteach gum bi an cothrom as motha a ghabhas aig a bhith a’ toirt taic do chothroman gus an cànan a chleachdadh, ionnsachadh agus a bhrosnachadh.

’S e fear de na prìomh dhleastanasan a th’ aig Bòrd na Gàidhlig fo Achd na Gàidhlig 2005 a bhith a’ cruthachadh a’ Phlana Nàiseanta Ghàidhlig gach còig bliadhna, mus tèid a chur gu Ministearan na h-Alba airson aontachadh ris.

Bidh buill agus luchd-obrach a’ riochdachadh Bòrd na Gàidhlig aig gach tachartas poblach, far am faigh am poball cothrom ionnsachadh mu na tha air a thairgse san dreachd phlana ùr.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bòrd na Gàidhlig: “Tha an co-chomhairleachadh seo a’ toirt dhuinn cothrom beachdan a chruinneachadh bho air feadh Alba gus dreachd deireannach èifeachdach fhaighinn den Phlana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-2028.

“Tha sinn ag iarraidh gun gabh a h-uile duine an cothrom, ann an dòigh a choireigin, gus leigeil dhuinn raon-farsaing de bheachdan fhaighinn airson lèirsinn a thogail mu shlighe na Gàidhlig sna bliadhnaichean a tha romhainn.”

Thuirt Shirley-Anne Somerville, Rùnaire a’ Chaibineid airson Cànain:

“Tha Riaghaltas na h-Alba a’ strì gus taic a chumail ri coimhearsnachdan Gàidhlig agus tha am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig a’ toirt seachad prìomhachasan agus cothroman gus an obraich ùghdarrasan poblach còmhla airson seo a choileanadh.

“Tha Co-chomhairleachadh poblach uabhasach cudromach sa phròiseas agus tha mi moladh duine sam bith le ùidh sa Ghàidhlig gun toir iad seachad am beachdan.”

Notaichean:

Tha tachartasan a’ tachairt air feadh Alba bhon Chèitean chun Iuchair agus iad fosgailte do dhuine sam bith:

11 Cèitean Air-loidhne (Zoom), 7f
18 Cèitean Eilean Leòdhais, 12f
18 Cèitean Na Hearadh, 7f
19 Cèitean Eilean Leòdhais, 7f
25 Cèitean Dùn Èideann, 7f
26 Cèitean Glaschu, 12f
26 Cèitean Glaschu, 7f
31 Cèitean An t-Eilean Sgitheanach, 12f
31 Cèitean An t-Eilean Sgitheanach, 7f
1 Ògmhìos Uibhist a Tuath, 7f
2 Ògmhìos Uibhist a Deas, 7f
14 Ògmhìos Inbhir Nis, 7f
15 Ògmhìos Obar Dheathain, 7f
16 Ògmhìos Air-loidhne (Zoom), 7f
28 Ògmhìos An Gearasdan, 7f
29 Ògmhìos An t-Òban, 7f
13 Iuchair Air-loidhne (Zoom), 7f

 

Thathar an dùil gu mair gach coinneamh mu uair a thìde, le fàilte air a chur air freagairtean ann an Gàidhlig no ann am Beurla (bithidh eadar-theangachadh beò gu Beurla ri fhaotainn aig gach tachartas).

Thèid gu EventBrite: Gàidhlig 2023-28 gus clàradh airson an tachartais.

Gheibhear tuilleadh mu dheidhinn a’ cho-chomhairle aig www.smartsurvey.co.uk/s/planagaidhlig no air post-dealain: plana@astarmedia.scot.