Freagairt air Co-chomhairleachadh: Cùram-slàinte ann an Sgìrean Iomallach is Dùthchail na h-Alba

Tha Comataidh Slàinte, Cùram Sòisealta agus Spòrs aig Pàrlamaid na h-Alba a’ dèanamh planaichean air cùram slàinte ann an sgìrean dùthchail agus iomallach na h-Alba. Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach don cho-chomhairle aca air an obair seo. Am measg nam puingean a thog sinn, thuirt sinn na leanas:

Tha feum air tuigse nas soilleire agus nas ùire air mar a tha solar cùram slàinte làithreach a’ toirt buaidh air tàladh agus glèidheadh sluaigh – agus mar sin air seasmhachd choimhearsnachdan. Dè an ìre is gu bheil an solar làithreach na fhactar “putaidh” a bheir air cuid de dhaoine gluasad air falbh bhon choimhearsnachd aca? Tha seo ann an co-theacs far a bheil àireamhan-sluaigh a’ crìonadh mar-thà ann am mòran sgìrean iomallach agus dùthchail.

Dh’fhaodadh call sluaigh ann an sgìrean far a bheil àireamhan luchd-cleachdaidh na Gàidhlig àrd droch bhuaidh a thoirt air a’ chànan. Ma nì luchd-cleachdaidh na Gàidhlig imrich gus obair fhaighinn ann an àiteachan eile, bhiodh dà bhuaidh aig seo. Sa chiad dol a-mach, bhiodh lùghdachadh san àireimh de luchd-labhairt na Gàidhlig anns an sgìre air a bheil buaidh. San dàrna àite, dh’fhaodte gun gluais teaghlaichean air a bheil buaidh gu sgìre far nach eil a’ Ghàidhlig air a cleachdadh mòran agus thar ùine, is dòcha nach bi iad a’ cleachdadh a’ chànain gu cunbhalach tuilleadh – no dh’fhaodadh iad a call gu tur. 

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.