#DèanDiofar Tràth-bhliadhnaichean

Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte iomairt #DèanDiofar Tràth-bhliadhnaichean a chur air bhog. Tha seo a’ leantainn iomairt #DèanDiofar a chaidh fhoillseachadh an-uiridh gus daoine a bhrosnachadh a bhith a’ beachdachadh air dreuchd ann am foghlam Gàidhlig.

Tha #DèanDiofar Tràth-bhliadhnaichean ag amas air daoine a bhrosnachadh gu dreuchd anns na tràth-bhliadhnaichean. Chaidh an iomairt a leasachadh le taic bho luchd-cleachdaidh stèidhichte ann an iomadh ùghdarras ionadail air feadh na dùthcha.

’S e ceum luachmhor ann an slighe Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a th’ anns na tràth-bhliadhnaichean agus tha e na phrìomh amas sa Phlana Nàiseanta 2018-2023.

Leis gu bheil 1140 uair a thìde de Thràth-ionnsachadh agus Cùram-chloinne (TIC) ri fhaotainn do gach pàist’ aig aois 3 & 4, tha barrachd luchd-cleachdaidh a dhìth gus a bhith cinnteach gun tèid feumalachdan na roinne seo a fhrithealadh.

Thathar an dòchas, le bhith a’ sealltainn a’ phailteis de chothroman a thig le dreuchd anns na Tràth-bhliadhnaichean, gun tog sin aire dhaoine gus beachdachadh air mar dhreuchd dhaibh fhèin.

Thuirt Jim Whannel, Stiùiriche Foghlaim, Bòrd na Gàidhlig: “Tha solar Tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig ro-chudromach airson leasachadh na Gàidhlig. Tha a bhith fastadh luchd-cleachdaidh sgileil deatamach gus dèanamh cinnteach gu bheil luchd-obrach gu leòr ann airson taic a chumail ris an iarrtas bho phàrantan san roinn seo. Tha na goireasan ùra seo a’ toirt sealladh air dreuchd fharsaing, làn bhuannachdan a tha a’ feitheamh air neach sam bith a tha a’ beachdachadh air dreuchd ann an Tràth-ionnsachadh agus Cùram-chloinne.”

Thuirt Flora Guidi, Ceannard, Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh: “Is e dreuchd air leth cudromach a tha ann an obair nan tràth bhliadhnaichean ann an Gàidhlig agus tha sinn a’ cur luach air gach duine agaibh a thig a dh’obair còmhla rinn.”

Tha Bòrd na Gàidhlig air leth taingeil don luchd-cleachdaidh air fad a ghabh pàirt san iomairt seo agus a thug seachad fiosrachadh buileach feumail mu na dreuchdan aca.

Barrachd fiosrachaidh:

#DèanDiofar Tràth-bhliadhnaichean